Travel narrows the mind? #gàidhlig

Nam b’ urrainn dhut a dhol air ais fichead bliadhna agus beagan comhairle a thoirt dhut fhèin, dè chanadh tu?

B’ e sin an còmhradh a bh’ againn san taigh-seinnse bho chionn goirid.

Bhiodh gu leòr agam ri ràdh rium fhèin, tha fios, ach smaoinich mi air aon rud gu sònraichte*. Nuair a bha mi òg, cha robh mi idir ag aontachadh leis an t-seann fhacal Beurla – “travel broadens the mind”.

Gu dearbh, bha mi fada den bheachd gun robh an caochladh fìor.  Bha mi den bheachd gun robh e a’ dèanamh na h-inntinn nas cumhainge!

Cha d’ rinn mi mòran siubhail nuair a bha mi òg idir. Cha do chuir mi mòran tìde seachad taobh a-muigh Ghlaschu idir ach a-mhàin nuair a chaidh sinn air làithean saora gu Cair Ail ann am Fìobh agus tursan latha an siud is an seo ann an taobh siar meadhan na h-Alba.

Bha mi toilichte is cha robh mi a’ faireachdainn gun robh feum agam air siubhail agus nuair a chaidh mi dhan oilthigh ann an 1991, cha do smaoinich mi cus mu bhith a’ dol gu oilthigh no colaiste nach robh ann an – no faisg air – Glaschu.

B’ e turas air a’ bhus eadar Glaschu agus an t-Ath Leathann a’ chiad turas fada a ghabh mi leam fhèin riamh. Bha mi 18 is mi a’ dol gu cùrsa samhraidh Gàidhlig san t-Sabhail Mhòr ann an 1992. Chuir e eagal dearg mo bheatha orm agus dragh mòr orm nach lorgainn an duine a bha gu bhith a’ coinneachadh rium ann am baile mòr an Ath Leathann!

An t-Eilean Sgitheanach – magnat airson backpackers amaideach craicte

Ged nach robh mi idir an aghaidh a bhith siubhail aig an àm sin, dh’atharraich mi m’ inntinn às dèidh seachdain no dhà aig an t-Sabhal Mhòr. Bha an t-Eilean Sgitheanach loma-làn backpackers à air feadh an t-saoghail a bha gu tur marbh san eanchainn  (brain-dead). Bha tòrr aca air a dhol tron Roinn Eòrpa air fad gun a bhith ag ionnsachadh dad a rèir coltais! (Disclaimer: gu fortanach, cha robh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig an t-Sabhal Mhòr idir mar sin!)

Mar sin, cha robh ùidh agam ann an siubhal fad iomadh bliadhna agus cha robh airgead gu leòr agam airson mòran a dhèanamh co-dhiù.

San fharsaingeachd cuideachd, bha mi toilichte le mo bheatha agus cha robh mi airson rudan ùra de sheòrsa sam bith fheuchainn – bha mi gu math boring.

Mean air mhean, ge-tà, dh’atharraich mi m’inntinn. Chaidh mi dhan t-Sabhal Mhòr airson bliadhna agus chaidh mi a dh’fhuireach ann an Dùn Èideann nuair a phòs mi. Rinn e feum dhomh a bhith a’ fuireach ann an diofar àiteachan.

Rinn mi barrachd siubhail cuideachd. Chaidh mi gu Lunnainn airson a’ chiad turais aig deireadh nan 1990an agus bha eagal dearg mo bheatha orm ach ’s ann a chòrd e rium fìor mhath agus cha b’ fhada gus an do thuig mi nach robh e cho eadar-dhealaichte sin ri Glaschu is Dùn Èideann.

Bha cothrom agam siubhail air feadh na h-Alba le m’ obair aig Pàrlamaid na h-Alba, a’ gabhail a-staigh tursan do na h-Eileanan Siar airson a’ chiad turais – agus a’ dol air tursan dhan Chuimrigh agus gu Beál Feirste cuideachd.

Thug Beál Feirste misneachd mhòr dhomh nuair a chunnaic mi cho beòthail sa tha a’ Ghaeilge ann. An aon rud ann an Caerdydd. Bha mi eòlach gu leòr air suidheachadh nan cànanan bho leabhraichean ach tha e nas fhèarr a bhith a’ faicinn cùisean le do shùilean fhèin.

Tha mi a-nis air a bhith sa h-uile sgìre comhairle ann an Alba ach a-mhàin Arcaibh is Sealltainn agus tha mi air tòrr de Shasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn fhaicinn a bharrachd air tursan dhan Fhraing, dhan Bheilg dhan Ghearmailt agus fiù ’s dhan Ruis.

Berlin – tha na h-ainmean Sràide an sin tòrr nas fheàrr na tha iad an seo! (Tha Sràid Frank Zappa aca cuideachd!)

‘S e an duilgheadas a th’ agam a-nis gu bheil e doirbh a bhith a’ stad an uair ’s gun tòisich thu air siubhail. Leis an eadar-lìon tha e cho furasta a bhith a’ coimhead air is ag ionnsachadh mu àiteachan fad air falbh agus a bhith ag aisling mu bhith a’ dol ann.

Mi fhèin is Jenny, Mosgo, 2007

Nam biodh an t-airgead agus an t-àm agam, seo cuid de na tursan a bu toil leam dèanamh (tha fíos agam nach dèan mi iad uile ach bhiodh gin aca math!). Tha mi a’ tòiseachadh leis an fheadhainn as fhasa…

  • Turas gu na h-Eileanan Scilly (Syllan sa Chòrnais) anns a’ Chòrn. Deagh chothrom beagan Còrnais ionnsachadh agus a dhol air an trèana gu Pennsans/Penzance. Tha mi gu math dèidheil air eileanan beaga agus air a h-uile rud co-cheangailte ris a’ Chòrn!

Bratach Scilly

  • Turas gu Arcaibh is Sealltainn. Deagh chothrom Norn ath-bheothachadh agus gus ionnsachadh mu dheidhinn dualchainntean Scots sgoinneil nan eileanan!
  • (Gu dearbh, tha dòigh gus na h-Eileanan a Tuath agus na h-Eileanan Scilly a cheangal ri chèile ann an aon turas. Bidh tòrr dhaoine a’ dol bho Penn an Wlas/Lands End gu Taigh Iain Ghròt ach b’ fheàrr leam dhol air turas nas fhèarr is nas fhaide: an àite a bhith a’ tòiseachadh aig Taigh Iain Ghròt agus a’ crìochnachadh aig Penn an Wlas/Land’s End, bu mhath leam dhol bho Sheallainn gu Scilly. Agus dhèanainn air còmhdhail phoblach e an àite a bhith a’ coiseachd, ge-tà, oir tha mi fada ro leisg airson sin!)
  • Turas gu Eileanan a’ Chaolais: Dearsaidh, Geansaidh, Àldarnaidh agus Sarc. Deagh leisgeul ionnsachadh mu Fhràngais Nòrmanach nan Eilean agus a bhith a’ dol air rathad-iarainn Àldarnaidh!
  • Turas gu Hiort is Rònaigh. Cò nach eil airson a dhol gu Hiort? Ach bu toil leam a dhol gu eilean eile cuideachd nach eil idir cho trang agus a tha nas iomallaiche buileach – Rònaigh no North Rona.
  • Turas gu Ameireagaidh a Tuath (a’ dol ann air a’ bhàta!) a’ tòiseachadh ann an Canada, a’ dol bho Halafacs gu Vancouver air an trèana. An uair sin, rachainn gu Seattle air an trèana agus an uair sin air a’ bhàta gu Alaska airson turas air an Alaska Railroad. Às dèidh dhomh tilleadh gu Seattle (far an do rugadh Jimi Hendrix!), bu toil leam a dhol gu San Francisco – mecca ciùil agus mecca nan tramaichean – agus an uair sin air ais gu New York air an trèana – le turas goirid gu Woodstock air a’ bhus mus rachainn air ais dhan bhàta. Chan eil mi a’ smaoineachadh gum bi an tìde no an t-airgead agam turas mar seo a dhèanamh a chaoidh ach chì sinn!

  • Turas gu meanbh-nàiseanan na h-Eòrpa – dùthchannan fìor bheag mar a’ Bhatacan, Monaco, San Marino, Andorra agus Liechtenstein. Tha dùthchannan beaga cool!
  • Turas gu Seòrsia a Deas (South Georgia), na h-Eileanan Fàclannach agus Eilean na Deasgabhalach (Ascension Island). Leugh mi leabhar no dhà mu thuras Shackleton dhan Antartaig bho chionn goirid agus bha gu leòr mu Sheòrsia a Deas agus na h-Eileanan Fàclannach ann. Dh’ainmich mi Eilean na Deasgabhalach cuideachd oir bidh na pleanaichean gu na h-Eileanan Fàclannach a’ stad ann agus bhiodh e bochd gun a bhith a’ cur seachad latha no dhà ann an eilean cho brèagha is cho inntinneach air an t-slighe. Tha mi cha mhòr cinnteach nach dèan mi an turas seo – cosgail agus dona dhan àrainneachd le turas plèana cho fada – ach chan eil ann ach aisling!


IMG_4749 (1)

Cha bhi mi a’ dol dhan Atlantaig a Deas no gu Amereagaidh a Tuath am-bliadhna ach bi mi a’ dol gu àite a tha a cheart cho exotic – Eilean Mhanainn. Chan eil penguinean no trèanaichean mòra Ameriganach ann ach tha Gàidhlig Mhanainn agus tòrr mòr trèanaichean beaga Manainneach aca! Maninn aboo!

Alasdair

*A bharrachd air “NA BI NAD DHEARG AMADAN!!!”

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Travel narrows the mind? #gàidhlig

  1. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

    Liked by 1 duine

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s