‘S e am misean agam – ma ghabhas mi ris – turas a chur air dòigh gu Manainn as t-samhradh agus Gaelg (Gàidhlig Mhanainn) ionnsachadh mus tèid mi ann.*
Rinn mi oidhirp air Gaelg ionnsachadh a’ bhon-uiridh is chòrd e rium fìor mhath ach an uair sin, dh’fhàs mi gu math trang agus cha d’ rinn mi obair sam bith oirre airson dà bhliadhna. Bidh cùisean gu math eadar-dhealaichte ann an 2015 ge-tà – air m’ onair! Gu dearbh, b’ e rùn na bliadhna ùire agam Gaelg ionnsachadh (a bharrachd air a cuideam a chall, barrachd eacarsaich fhaighinn is mar sin air adhart).

Rinn John Kelly seo cuideachd.
Turas gu Manainn
Tha dà dhòigh air a dhol gu Manainn – plèana no trèana is bàta. A chionn ’s gur e blog uaine a tha seo, ge-tà, chan eil ach aon roghainn ann – trèana is bàta!
Feumar a bhith faiceallach air a’ bhàta eadar Sasainn agus Manainn, ge-tà. Uaireannan tha a’ mhuir cunnartach.
Dh’ionnsaich fear John Kelly (1750-1809) seo air ais anns na 1770an nuair bha e air bòrd bàta a chaidh fodha air an t-slighe gu Sasainn. Bhiodh sin dona gu leòr aig àm sam bith ach bha e tòrr na bu mhiosa an turas seo. Bha e air a bhith ag obair air eadar-theangachadh Gaelg a’ Bhìobaill agus bha an làmh-sgrìobhainn aige!
When making a voyage from Douglas to Whitehaven for this purpose, with the MS. of the Bible from Deuteronomy to Job, he was shipwrecked, but managed to save the MS. by holding it above water for five hours, till he was rescued from the sinking ship.
A rèir cunntas eile:
When conveying the second [portion of the bible], he was ship-wrecked, and narrowly escaped perishing. The manuscript with which he was charged was held up five hours above water, and was nearly the only article on board preserved.
Mur a robh mi nam atheist, chanainn gun deach am Bìoball agus Kelly a shàbhaladh le làmh Dhè fhèin!**
Nan rachadh an làmh-sgrìobhainn a chall, cò aig a tha fios am biodh am Bìoball Gaelg air tighinn a-mach idir aig a’ cheann thall. Agus mur a robh Bìoball air a bhith ann, bhiodh e air a bhith tòrr na bu dorra an cànain – anns nach robh mòran eile sgrìobhte – ath-bheothachadh.
Gu fortanach, cha bhi rud sam bith cho prìseil agam air a bhàta agus bidh Gàidhlig sàbhailte gu leòr ma thèid mo bhàthadh – ged nach bi an uiread de dhaoine ann a sgrìobhas mu thrèanaichean innte!
Bidh na bàtaichean a’ falbh à Heysham Port ann an Lancashire agus ruigear e air an trèana bho Lancaster. Tha stèisean Heysham Port (HHB) gu math inntinneach oir tha meur-loidhne Heysham na mheur-loidhne aig meur-loidhne eile – meur-loidhne Morecombe. Chaidh an stèisean a dhùnadh ann an 1975 ach chaidh ath-fhosgladh ann an 1987 nuair a thòisich an t-seirbheis aiseig gu Manainn. Chan eil ach aon trèana ann gach latha agus tha an trèana seo a’ tighinn a-steach aig an aon àm ris a’ bhàta. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri loidhne rèile cho obscure a chleachdadh!
Tha e gu math saor a dhol gu Manainn air an trèana. Tha trèanaichean SailRail rim faighinn airson trèana/bàta agus airson an turais agam, cha chosg e ach £86 airson tiocaid tillidh. Chan fheum thu seata a chlàradh agus faodaidh tu trèana is bàta sam bith a chleachdadh. Airson barrachd fios, faic The Man in Seat 61.

Bratach Mhanainn
Gàidhlig Mhanainn
Cò ris a tha Gàidhlig Mhanainn coltach? Tha i eadar Gàidhlig na h-Alba is Gàidhlig na h-Èireann ach tha i tòrr, tòrr nas fhaisg air Gàidhlig na h-Alba.
Dè tha math mu deidhinn?
- Tha i nas fhasa ionnsachadh na Gàidhlig na h-Èireann – tha a gràmar nas fhasa is nas sìmplidh, tha na plurals coltach ri Gàidhlig na h-Alba agus tha na passives sìmplidh mar a tha iad ann an Gàidhlig na h-Alba. Gu dearbh, tha gràmar na Gaelg tòrr nas fhasa na gràmar na Gàidhlig.
- Tha goireasan ionnsachadh fìor fìor mhath rim faighinn air-loidhne agus tha iad uile saor is an-asgaidh. Faic: www.learnmanx.com.
- Tha deagh hack ann air na teansaichean – faodaidh tu rudan a ràdh mar “ren mee goll/nee mee goll, ren me gee/nì mi gee” (rinn mi dhol/nì mi dhol, rinn mi g’ ithe/nì mi g’ ithe) an àite a bhith ag ràdh “chaidh mi/thèid mi” no “dh’ith mi/ithidh mi”. Furasta fhèin!
- Ma tha Gàidhlig agus beagan Gaeilge agad, bidh cha mhòr a h-uile facal agad mar-tha. Yay!
Dè nach eil buileach cho math mu deidhinn?
- Chan eil Gaelg Mhanainn sgrìobhte mar a tha Gàidhlig is Gaeilge. Tha i sgrìobhte ann an siostam litreachaidh a tha stèidhichte air a’ Bheurla. Cha bhiodh sin cho dona sin nan robh an siostam litreachaidh cunbhalach – ach chan eil i idir cunbhalach is mar sin, tha i gu math doirbh spelligeadh. Ach na gabh dragh – èist rithe an tòiseach agus ionnsaich an litreachadh an uair sin agus bi thu ceart gu leòr!
- Tha ùru (eclipsis) ann. Tha seo ann an Gaeilge cuideachd ach chan eil e ann an Gàidhlig idir (gu h-oifigeil co-dhiù!)
Dè tha inntinneach mu deidhinn?
- Tha Gaelg nas fhasa do Leòdhasaich na tha i do dh’Albannach sam bith eile! Tha fuaimean a bhiodh air an sgrìobhadh mar “rt” ann an Gàidhlig air am fuaimneachadh mar a tha iad sgrìobhte agus chan ann mar “rst” mar a tha iad anns a’ mhòr-chuid de dhualchainntean Gàidhlig.
- Ann am faclan far am biodh Ds agus Gs ann an Gàidhlig is Gaeilge, tha iad air am fuaimneachadh mar Ds agus Gs mar a tha iad ann an Gàidhlig na h-Èireann agus chan ann mar Ts agus Ks mar a tha iad ann an Gàidhlig na h-Alba.
- Tha tòrr rudan a tha fada ceàrr ann an Gàidhlig ceart ann an Gàidhlig Mhanainn – m.e. t’eh janoo eh (tha e dèanamh e!
- Gu tric far a bheil G anns a’ Ghàidhlig, tha D anns a’ Ghaelg – dys = gus, dy = do 7c.
- Gu tric far a bheil G anns a’ Ghàidhlig, tha T anns a’ Ghaelg – ushtey, eeast = uisge, iasg 7c.
Chan eil fhios agam dè cho fileanta sa bhios mi nuair a thèid mi dhan eilean san Lùnastal ach tha e’ còrdadh rium glan a bhith ga h-ionnsachadh agus tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ris an turas, ri coinneachadh ri muinntir na Gaelg agus ris an eilean fhaicinn. Mannin aboo!
Alasdair
*spreadhaidh an coimpiutair seo an ceann còig diogan!
** rinn Kelly faclair Gàidhlig/Gaelg/Gaeilge cuideachd ach chaidh seo a chall ann an teine aig a’ chlò-bhualadair aige ach cha robh sgeul air an Tighearna an turas seo! Gu fortanach, sgrìobh Kelly deagh leabhar air gràmar na Gaelg cuideachd agus cha deach a sgrìos ann an tubaist sam bith.