Eilean Mhanainn – eilean nan taigh-tasgaidh is nan wallaby! #gàidhlig

‘S e an duilgheadas le Eilean Mhanainn gu bheil cus ann ri dhèanamh.

Mar a dh’aithris mi roimhe, tha seachd rathaidean-iarainn is slighean-trama ann am Manainn.

Trama ann an Rhumsaa. Dealbh le mo charaid Alexander Cunningham.

Ach a bharrachd air sin, an robh fios agad gu bheil ceithir taighean-tasgaidh còmhdhail ann cuideachd?

Seo iad:

  •  Thie Tashtee Arraghey Yurby – Taigh-tasgaidh Còmhdhail Jurby
  • Thie Tashtee Arraghey Vannin, Purt na h-Innsey (Peel)
  • Thie Tashtee Raad-yiarn Phurt Çhiarn (Port Erin).
  • Thie Tashtee Raad-yiarn Lectragh (Dealanach) Vannin, Doolish

Agus ma tha ùidh agad ann an nàdar cuideachd, ’s e Manainn an t-àite dhut.

Stèisean Dhoollish, Eilean Mhanainn. Dealbh le Alexander Cunningham.

Tha tòrr aig Alba agus Manainn sa chumantas – cànan, cultar, còmhdhail, cruth-tìre agus wallabys. Seadh, wallabys!

Tha wallabaidhean (no myn changarooyn – mion-changarùthan mar a th’ orra sa Ghaelg) gu leòr ann an Eilean Mhanainn. Theich dà dhiubh à pàirce bheathaichean ann an taobh tuath an Eilein anns na 1970an agus tha co-dhiù 100 a-nis a’ fuireach anns an eilean.

Tha seo coltach ri colanaidh nan wallabaidhean ann an Innis Chonachain ann an Loch Laomainn. Chan eil fhios agam am faic mi fear nuair a bhios mi ann am Manainn san Lùnastal ach nì mi mo dhìcheall!

Alasdair

Taing do mo charaid Alexander Cunningham a thug cead dhomh cuid de na dealbhan a chleachadh air a’ bhloga seo. Faic na dealbhan aige aig : https://www.flickr.com/photos/cessna152towser/sets/

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s