Ag aonachadh na Cuimrigh – Traws Link Cymru #gàidhlig #cymraeg

Tha tòrr iomairtean a’ dol air adhart gus rathaidean-iarainn ath-thogail ach tha tè aca nas cudromaiche na càch nam bheachdsa. Seo an iomairt Traws Link Cymru gus an rathad-iarainn eadar taobh tuath is taobh a deas na Cuirmigh ath-fhosgladh. Aig an àm seo, tha prìomh loidhnichean na Cuimrigh uile a’ dol bho iar gu ear, suidheachadh a tha a’ fàgail gu bheil ceanglaichean rèile nas fheàrr eadar a’ Chuimrigh is Sasainn na th’ ann eadar taobh tuath is taobh deas na dùthcha.

https://i2.wp.com/www.arrivatrainswales.co.uk/assets/0/77/78/136/b1bedb95-e444-4b2c-bb5d-1de9f054acbe.jpg

Lìonra rèile na Cuimrigh 2015

Airson a dhol bho thaobh a tuath gu taobh a deas na Cuimrigh, feumaidh tu dol tro Shasainn is “marches” na Cuimrigh mus tèid thu a-steach dhan Chuimrigh a-rithist. Ma tha thu a’ tòiseachadh ann an taobh an iar na dùthcha, tha e nas fhasa is nas luaithe a dhol air an rathad. Cha robh cùisean daonnan cho dona seo – bha loidhne ann eadar tuath is deas mus d’rinn Beeching (Tuiteam gu èirigh air is leac air a bheul!) sgrìos air an lìonra rèile. Tha Traws Link Cymru airson an rathad-iarainn eadar Caerfyrddin/Carmarthen agus Bangor (taobh Llanbedr Pont Steffan/Lampeter, Aberystwyth agus Caernarfon) ath-fhosgladh gus loidhne ùr fhosgladh eadar tuath is deas. ‘S e 56 mìle de rathad-iarainn ùr a bhios a dhìth. Bhoidh an rathad-iarainn seo fìor mhath gus an dùthaich aonachadh agus bhodh e math dhan chànan cuideachd agus e a’ ceangal àiteachan ri chèile far a bheil a’ Chuimris làidir sa choimhearsnachd.

Traws Link Cymru – “An idea whose time has come” mar a chanas a’ bhuidheann fhèin.

Tha an iomairt air athchuinge a chur air dòigh agus tha iad air tòrr taic fhaighinn bho na h-ùghdarrasan ionadail bho chionn goirid. ‘S e rud mìsneachail eile mun iomairt gu bheil iad a’ cur a h-uile rud a-mach san dà chànan. ‘S e pròiseact mòr a tha seo – an dà uiread cho mòr ri rathad-iarainn nan Crìochan ann an Alba ach ‘s e pròiseact fìor chudromach dhan Chuimrigh air fad a tha seo. Gur math a thèid leotha! Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s