Ath-thilleadh Sputnik! #gàidhlig

Tha trèana inntinneach ùr fo dheuchainn an-dràsta. Seo an Ipemu (Independently Powered Electrical Multiple Unit). ‘S e a th’ ann ach iom-aonad (multiple unit) a ruitheas air cumhachd an dealain bho bhataraidhean seach bho uèirichean.

IMG_5087

Tha trèanaichean dealain nas luaithe, nas uaine is nas sìmplidh na trèanaichean diosail agus mairidh iad nas fhaide cuideachd. ‘S e an duilgheadas gu bheil e gu math daor uèirichean dealanach a chur suas. Air an adhbhar seo, tha Network Rail a’ dèanamh deuchainn air trèana bataraidh air an loidhne eadar Harwich International (HPQ) agus Braintree (BTR) ann an Essex.

Tha iad an dòchas, ma dh’obraicheas an teicneòlas, gun gabh trèanaichean bataraidh-dealanach (No BEMUs – Battery Electric Multiple Units) a chleachdadh air meur-loidihnichean an àite a bhith a’ cur suas uèirichean dealanach.

Abair gu bheil tòrr bhataraidhean a dhìth ge-tà. Tha an t-Ipemu a’ cleachdadh bataraidhean a tha coltach ri bataraidhean AA – 72,000 dhiubh!

Chan e seo a’ chiad turas a chaidh BEMU a chleachdadh air an lìonra ge-tà. Air ais san 1950an is 60an, chaidh BEMU air an robh Sputnik a chleachdadh air an loidhne eadar Obar Dheathain agus Bealadair.

Sputnik BEMU, Rathad-iarainn Oir Dhè

Hoy, Heid! Sputnik BEMU, Rathad-iarainn Oir Dhè

Tha Sputnik a-nis glèidhte agus tha e air ais air Loidhne Oir Dhè. Bha cothrom agam fhèin a dhol air turas do na speuran (uill, gu faisg air Beannchar/Banchory) anns an Sputnik beagan bliadhnaichean air ais agus dh’aithris mi air sa bhloga seo.

Bidh e inntinneach faicinn mar a thèid leis a’ phròiseact cudromach seo.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Ath-thilleadh Sputnik! #gàidhlig

  1. Pingback: Bo’ness – an stèisean as fhaide a tuath air Underground Lunnainn! #gàidhlig @vivarail @bonessrailway | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s