Marauders’ Map nan Trèanaichean! #gàidhlig #harrypotter

Ma tha thu cho deidheil air Harry Potter sa tha mi fhèin, bidh thu gu math eòlach air a’ Mharauders’ Map.

IMG_5116-0

Seo mapa de sgoil Hogwarts a tha sealltainn far a bheil a h-uile duine. Faodaidh tu coimhead air uair sam bith agus chì thu na daoine uile a’ gluasad mun cuairt air a’ mhapa.

IMG_5113

Tha Marauders’ Map airson trèanaichean ri fhaighinn a-nis. Tha dà dhiubh ann – mapa de dh’Underground Lunnainn agus mapa de lìonra rèile na RA.

Lunnainn: http://traintimes.org.uk/map/tube/

Lìonra Network Rail: http://traintimes.org.uk/map/#glc

IMG_5114-2

Seallaidh na mapaichean seo dhut na trèanaichean uile a tha air an lìonra agus chì thu far a bheil iad agus cho luath sa tha iad a’ gluasad. Ma bhriogas tu air trèana, chì thu dè an t-seirbheis a th’ann.

IMG_5115

Mar sin, an ath thuras a tha thu a’ wondraigeadh a bheil tìde agad airson pìos toast eile mus ruith thu airson na trèana, tha dòigh ann a-nis gus faighinn a-mach!

Mischief managed!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s