Turas ann an càr dealanach #gàidhlig

Fhuair mi cothrom rud ùr a dhèanamh an-diughcàr dealanach a dhràibheadh.

Bha seo mar phàirt de sheachdain na h-àrainneachd aig m’ obair. Fhuair mi leasan dràibhidh ann an Nissan Leaf, an càr dealanach “plug-a-steach” as mòr-chòrdte.

Tha càr agam agus ged nach cleachd mi cus e, tha dithis nighean òg agam agus uaireannan feumaidh mi a chleachdadh airson tursan beaga sa bhaile far nach eil còmdhail phoblach ann no far an toireadh e ro fhada.

Mar sin, bha mi daonnan airson càr dealanach a bhith agam an àite fear peatrail gus mo lorg carboin ìsleachadh. B’ àbhaist càraichean dealanach a bhith gu math gu math daor ach tha na prìsean a’ nis a’ tighinn sìos mean air mhean agus san latha a th’ ann, cosgaidh Nissan Leaf £20,000.

Chan eil airgead mar sin agam idir ach ann an còig no deichbliadhna eile, deagh sheansa gum bi iad nas saoire no gum bi iad rim faighinn ath-làimh (second hand).

A bharrachd air cosgais, b’ àbhaist ceist a bhith ann mu cho fada sa b’ urrainn dhut draibheadh air charge cuideachd. A-nis, nì an Leaf timcheall air 100 mìle air charge agus tha barrachd is barrachd àiteachan chargigidh ann cuideachd. Cuimhnich cuideachd gu bheil e tòrr nas saoire càr a lìonadh le dealan na le peatral.


 

Cò ris a tha e coltach a bhith a’ dràibheadh càr dealanach?

Gu math eadar-dhealaichte ri càr àbhaisteach! Bha fios agam gum biodh e gu math sàmhach ach bha rud no dhà eile ann ris nach robh nach robh mi an dùil idir. Sa chiad dol a-mach, tha iad fèin-obrachail (automatic) or chan eil gìodharan idir ann.

Agus nas neònaiche na sin, tha a’ bhrèig-làimhe air an làr leis na peadalan eile far am biodh an clutch, an àite a bhith ri do làimh. Feumaidh tu a bhith gu math faiceallach gun a bhith ga chur air fhad’s a tha thu a’ gluasad!

Coltach ri iomadh càr eile cuideachd, chan eil iuchair àbhaisteach ann – feumaidh an iuchair a bhith anns a’ chàr ach chan leig thu leas a phlugadh a-steach do rud sam bith. Agus an àite a bhith a’ tionndadh na h-iuchrach, ’s e putan tòiseachaidh a th’ agad.

Chanainn gum biodh feum aig a h-uile duine a tha gu bhith a’ cleachdadh càr dealanach air leasan dràibhidh an tòiseach airson tuigsinn gu ceart mar a tha na càraichean ùra seo ag obrachadh.

Tha an càr agam a’ sreap ri 10 bliadhna a dh’aois ach cha d’rinn e ach 40,000 mìle. Ma chumas mi a’ dol e airson beagan bliadhnaichean, tha mi an dòchas gum bi gu leòr agam airson càr dealanach latha buidhe air choireigin!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s