Karl Marx – He’s got cat class and he’s got cat style! #gàidhlig

‘S iomadh rud a chì fear a bhios fada beò. Agus is iomadh rud a chì fear a bhios fada air trèanaichean!

Dh’ionnsaich mi seo an-diugh agus mi ann an Lunnainn. Chaidh mi airson turas air an Northern Line* agus bha sin fhèin inntinneach gu leòr ach mar a thachair e, bha an latha agam na b’ inntinniche na bha mi an dùil an toiseach.

 

An Northern Line

Leis an fhìrinn innse, chan eil mi ro dhèidheil air an Northern Line. Tha diofar mheuran ann agus air a’ mhapa, tha i coltach ri paidhir fònaichean-cluaise a tha ann an snaidhm. Chan eil ainm na loidhne uamhasach freagarrach nas motha oir tha an Northern Line  a’ dol nas fhaide a deas na loidhne sam bith eile air an tiub.

Cha robh ach dà rud ann a ghlac m’ ùidh: Mornington Crescent (air am bi thu eòlach ma dh’èisteas tu ri I’m sorry I haven’t a clue air Radio 4) agus meur-loidhne Mill Hill East. Tha an loidhne ghoirid seo bho Finchley Central ainmeil oir ‘s e an Dollis Brook viaduct an t-àite as àirde air lìonra London Underground.

Mill Hill East

Chaidh mi Mill Hill East is air ais agus bha mi a’ beachdachadh air dè a dhèanainn an uair sin nuair a chuimhnich mi gun robh Karl Marx air a thìodhlacadh ann an Cladh Highgate a tha faisg air stèisean Archway.

Thòisich rudan air fàs inntinneach an uair ain. Chunnaic mi tùr air a bheil Archway Tower agus chuimhnich mi gun robh òran aig New Model Army mu dheidhinn air a’ chlàr sgoinneil aca Thunder and Consolation (1989) mu na làithean nuair a bha an DSS san tùr.

Dìreach beagan slatan air falbh, chunnaic mi statue beag cloiche de chat Dick Whittington. A rèir coltais, thathar ag ràdh gur ann san àite sin a chuala e na clagan a dh’innse dha gun robh e gu bhith na mhèir air Lunnainn.

Cat Dick Whittington

Tha cait air feadh an àite le dealbhan de chait sa h-uile àite, fiù’s air suaicheantas an ospadail ionadail.

Choisich mi tron phàirc dhan chladh agus fhuair mi bileag is mapa bhon bhùth. Chaidh mi a dh’ fhaicinn uaigh Karl Marx agus lorg mi uaigh Douglas Adams cuideachd. Soraidh leat is taing airson an èisg a charaid!

‘S e cladh fìor inntinneach a th’ann. Chan eil na clachan uaighe ann an sreathan is loidhnichean mar a tha iad ann ann an cladhan eile. Chan eil òrdugh sam bith ann a rèir coltais agus a bharrachd air seo, tha tòrr chraobhan is preasan air feadh an àite agus tha e gu math cnapach cnocach.

Ged is e cladh a th’ann, ‘s e àite sàmhach brèagha a th’ann a tha loma-làn beatha a th’ ann. Tha e gu math iomchaidh gu bheil Marx còir air a thìodhlacadh ann an àite cho anarcach!

 

Bha tòrr diofar chànanan air na clachan uaighe a’ gabhail a-steach Pòlainnis, Eabhra, Sìnis agus Ladainn gu leòr. Thug sinn orm smaoineachadh air turas a ghabh mi gu cladh ann an Glaschu far an robh tòrr Iùdhaich air an tìodhlacadh agus far an robh na clachan uaighe sgrìobhte san Eabhra – ged is e a’ Bheurla a’ phrìomh chànain is an cànan as treasa a bhiodh aig a’ mhòr-chuid aca. A dh’ aindeoin sin, bha an cànan cho cudromach dhaibh is gun do chuir iad air na clachan uaighe i. Ghluais sin mo chridhe.

Nuair a bha mi a’ smaoineachadh air sàr ghaisgich, chuimhnich mi gu bheil plac gorm air seann taigh Jimi Hendrix ann am Mayfair. Mar sin, chaidh mi gu Bond Street air an tiub agus thog mi dealbh dheth.

Taigh Sheumais Mhòr MhicEanraig

Às dèidh cofaidh le mo charaid Emma a tha a’ fuireach ann an Lunnainn, cho-dhùin mi gum bu chòir dhomh carragh-cuimhne do ghaisgeach eile fhaicinn! ‘B e seo ìomhaigh Paddington anns an stèisean a thug ainm dhà.

Latha nan iomadh gaisgeach!

“Karlo Marx and Fredrich Engels Came to the checkout at the 7-11 Marx was skint – but he had sense Engels lent him the necessary pence” (the Clash, Magnificent Seven)

Alasdair

*Tha mi ga fhàgail sa Bheurla oir nan canainn Loidhne a’ chinn a Tuath ris, bhiodh daoine a’ smaoineachadh gur e loidhne Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa a bha mi a’ ciallachadh seach an tiub!

Air m’ ipad: Iron Maiden Piece of Mind (1983) – 8/10; Judas Priest Sad Wings of Destiny (1976) – 9/10

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an London Underground agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s