Fàilte gu Taigh-òsta Chalifornia – Turas a Lunnainn #gaidhlig

Fhuair mi cothrom a dhol a Lunnainn an t-seachdain sa chaidh airson cuirm ann an Whitehall mu chraoladh Gàidhlig. Abair spaideil!

 

Bha mi air bhioran mun turas seo oir bha cothrom gu bhith agam a dhol gu Àireamh 11, Sràid Dhowning, a bhith a’ fuireach ann an Taigh-òsta air a bheil Taigh-òsta Chalifornia (air m’ ònar!) agus a bhith a’ dol air beagan thrèanaichean fhad’s a bha mi ann!

 

Chaidh mi air an trèana-caideil eadar Glaschu (GLC) is Euston (EUS). Ghabh mi cofaidh is deòchag mus deach mi dhan leabaidh agus thug sin dhomh cothom smaoineachadh agus a bhith a’ planadh mo dhà latha ann an Lunnainn.

 

An trèana-oidhche ann an Glaschu a’ feitheimh ri siognal uaine gu Lunnainn

Agus bha beagan planaidh a dhìth orm. Tha mi a-nis deiseil leis an targaid agam a dhol air a h-uile rathad-iarainn agam ann an Alba agus tha mi a-nis air tòiseachadh air na siostaman meatro uile ann an Alba, Sasainn is Èirinn (faic an liosta gu h-ìosal). Rinn mi gu leòr de dh’Underground Lunnainn mar-thà ach bha mi airson barrachd a dhèanamh. Cho-dhùin mi gun robh mi airson a dhol air loidhne a’ Phiccadilly, Loidhne Bakerloo agus airson a dhol air Tramlink Lunnainn. Rinn mi pàirt de Tramlink mar-thà agus bha mi airson a’ chòrr den t-siostam fhaicinn.

 

Às dèidh sgrùdadh a dhèanamh air mapaichean tiub, cho-dhùin mi gun rachainn gu Harrow & Wealdstone air an Overground, air a’ Bhakerloo air fad bho Harrow & Wealdstone gu Elephant and Castle agus an uair sin, gum faighinn trèana eadar Aileabhan is Caisteal agus Beckenham Junction far am faighinn an trama gu Croydon.

 

Mapa Tramlink Lunnainn

An uair sin, leugh mi leabhar snog mu dhithis pheathraichean a cheannaich eilean sa Chòrn – Eilean Looe.

IMG_5358

An ath mhadainn, chaidh na planaichean mar as còir. Thog mi dealbhan gu leòr aig Harrow is Wealdstone aig deireadh a’ Bhakerloo Line . Fhuair mi a-mach às dèidh làimh gun do thachair tubaist uamhasach san stèisean ann an 1952 anns an do bhàsaich 112 duine.

 

Stoc 1972 agus trèana Overground, Harrow & Wealdstone

Is iad na trèanaichean Bakerloo is Piccadilly an fheadhainn as sine anns an lìonra agus iad a-nis còrr is 40 bliadhna a dh’aois. Tha mi uamhasach measail orra agus bha mi airson dealbh no dhà a thogail mus tèid trèanaichean ùra a chur nan àite.

 

Ach dh’fhaodte gum bi cothrom am faicinn fiù’s às dèidh sin oir tha a h-uile coltas ann gun tèid cuid de na trèanaichean seo gu Eilean Wight latha de na làithean oir is e trèanaichean tiub a dh’fheumas iad airson rathaidean-iarainn Eilein Wight, mar a dh’aithris mi roimhe.

 

Chì thu dè cho beag sa tha na trèanaichean tiub an seo oir tha an dà chuid Underground agus Overground a’ ruith air an aon trac còmhla (agus iad wombling free!) agus tha na trèanaichean àbhaisteach cha mhòr an dà uiread cho mòr ris na trèanaichean tiub.

 

Nuair a tha mi a’ siubhail, ’s toil leam a bhith ag èisteachd ri ceòl co-cheangailte ris an àite anns a’ bheil mi. Chaidh an trèana tro Wembley far an d’rugadh Keith Moon nach maireann, drumadair a’ Who agus thug sinn deagh leisgeul dhomh èisteachd ri Live at Leeds.

 

‘S ann à Lunnainn a tha Iron Maiden cuideachd agus bha mi ag èisteachd riutha air an tiub cuideachd. Bha boireannach a’ toirt droch shùil orm fhad’s a bha mi ag èisteachd riutha agus mhothaich mi an uair sin gun robh mi air a bhith a’ cluich “giotàr adhair” ri Flight of Icarus gun fhiosta dhomh. Ubs!

 

Aig Ailbhean is Caisteal, thog mi dealbh den ìomhaigh ainmeil den eileabhan le caisteal air a dhruim. Tha tòrr thogalaichean grànda ann bho na 1960an ann agus thug e orm smaoineachadh air a’ bhideo airson Foxy Lady leis an Jimi Hendrix Experience far an robh boireannach a’ ruith tro ionad siopadaireachd is càrlann concrait.

 

Ailbhean is Caisteal

‘S e rud eile a tha math mu Ailbhean is Caisteal gu bheil dealbhan tacky de dh’ailbeanan sa h-uile àite. Tha e car coltach ri Broxburn ann an Lodainn far a bheil dealbhan de bhruic air feadh a’ bhaile.

 

Agus leis a sin, chaidh mi air adhart do Beckenham Junction air “an trèana mhòr” agus ghlac mi an trama ann. Còig mionaidean a-mach a’ Beckenham Junction, tha thu a-mach air an dùthaich agus faisg air stad trama Birkbeck, tha an cladh as motha a chunnaic mi riamh. Chaidh mi far an trama ann an Arena agus rinn mi air Elmers End, terminus eile air an t-siostam trama agus air ais gu Arena far an d’rinn mi air Croydon an Iar. Tha tramaichean Croydon (no Lunnainn Tramlink) fìor mhath – luath, goireasach agus air an sgaradh bhon trafaig airson a’ mhòr-chuid den t-slighe.

 

London Tramlink – stad trama Arena

An uair sin, chaidh mi air ais a meadhan Lunnainn airson coinneachadh ri caraid ann an St Pancras.

 

Ann an St Pancras, choinnich mi ri caraid air an do choinnich mi air Twitter – Anndra Ditton aig a bheil am bloga Confessions of a Scottish Gaelic Learner. Abair gaisgeach is abair gu bheil deagh Ghàidhlig aige! Agus abair gu bheil deabh obair aige – tha e ag obair air an Eurostar eadar Lunnainn, An Fhraing agus a’ Bheilg.

 

Anndra Ditton aig a bheil am bloga Confessions of a Gaelic Learner

Chòrd an latha rium glan.

 

Alasdair

Siostaman meatro a rinn mi:

Rinn mi an fheadhainn seo air fad:

Subway Ghlaschu

Tramaichean Dhùn Èideann

Tyne and Wear Metro

London Underground: Bakerloo Line, Victoria Line, Waterloo and City Line

Docklands Light Railway

Tramlink Lunnainn

Rinn mi pàirt de na siostaman seo:

Tramaichean Nottingham

A h-uile loidhne eile aig London Underground (ach a-mhàin am Metropolitan)

London Overground

 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an London Underground, rathaidean-iarainn, tramaichean agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s