The House on Haunted Hill – turas goirid air loidhne fhada #gaidhlig

Ma bhios tu ann an Stèisean Sràid na Banrighinn mu 08:21 agus mu 12:21, chì thu tòrr dhaoine neo-àbhaisteach a’ feitheimh ri trèana.

An àite deiseachan neo jeans is lèintean-t, mar as trice, ‘s e waterproofs is bòtannan coiseachd a bhios orra. Agus an àite màileid no baga làimh a bhith aca, bidh bagaichean mòra mòra aig tòrr a tha làn stuthan campachaidh, slatan iasgaich is eile. Agus gu tric, bidh cù no dhà ann cuideachd.

Tha na daoine seo nas eadar-nàiseanta is ioma-chànanach na an luchd-siubhal àbhaisteach agus am measg nan cànanan seo, cluinnidh tu a’ Ghàidhlig.

A bheil fhios agad dè an trèana air a bheil mi a-mach fhathast?

Trèana loidhne na Gàidhealtachd an Iar gu Malaig/An Gearastan/An t-Òban!

Soidhne aig Baile Eilidh Àrd (HLU)

Chaidh mi fhèin is an teaghlach air an trèana seo Dihaoine na Ceusta ach cha robh sin a’ dèanamh air costa an iar na Gàidhealtachd idir, ach air àite gu math nas fhaisg oirnn – Baile Eilidh.

Fhuair sinn ballrachd den Urras Nàiseanta airson na Nollaig agus chuir sinn romhainn dhol gu Hill House, taigh mòr a chaidh a dhealbhadh le Charles Rennie Mackintosh.

Tha an taigh tòrr nas fhaisg air stèisean Baile Eilidh Àrd na ri prìomh stèisean a bhaile, Baile Eilidh Meadhain agus ma thèid thu air an trèana dhan stèisean àrd, cha leig thu leas coiseachd suas rathad gu math cas dhan taigh. Ma tha thu airson a dhol ann, ge-tà, thoir an aire nach bidh mòran trèanaichean a’ stad ann.

 

Clas 156 aig Baile Eilidh Àrd (HLU)

Ged nach robh sinn air an trèana ach airson lethuair a thìde, ‘s e deagh thuras a bh’ ann oir chan eil trèana air an t-saoghal coltach ri trèana na Gàidhealtachd an Iar. Tha atmosphere sònraichte aig an t-seirbheis seo a tha gu tur eadar-dhealaichte ri trèana àbhaisteach eadar-chathrach no trèana choimiutairean. Is e trèana nan aislingean a tha seo oir tha cha mhòr a h-uile duine oirre a’ dol air saor-làithean no turas iasgaich no gu bhith a’ sreap Beinn Nibheis no a’ dol do na h-eileanan no dhan t-Sabhal Mhòr no rudeigin eile mar sin. Seo a’ chiad turas aig tòrr aca do dh’Alba fiù’s agus bidh daoine daonnan a’ gàireachdainn is a brudhinn mu na tursan aca.

Cù air loidhne na Gàidhealtachd an Iar

Tha na seallaidhean mìorbhaileach, fiù’s mus bidh thu fada a-mach à Glaschu. Tha an trèana a’ dol air loidhne Chnoc Màiri an tòiseach is an uair sin air loidhne Chluaidh a Tuath. Ged a thòisicheas an loidhne ann an sgìrean gu math bochd de Ghlaschu is de Shiorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar*, tha e an uair sin a’ ruith faisg air an abhainn far a bheil seallaidhean brèagha de linn Chluaidh.

Mar sin, bha sinn ann an deagh shunnd nuair a ràinig sinn Baile Eilidh. Bha deagh latha againn aig an taigh agus chaidh sinn dhachaidh taobh Baile Eilidh Mheadhain.

Taigh a’ Chnuic, Baile Eilidh

Alasdair
*A’ gabhail a-staigh An Dàil Mhòr (Dalmuir). B’ àbhaist “Dàil Mhoire” a bhith air an t-soidhne Ghàidhlig an seo ach chaidh atharrachadh dhan “Dàil Mhòir” agus tha mi a’ faicinn carson – feumaidh nach eil mòran àiteachan air an t-saoghal air a bheil coltas nas mì-naoimhe! Faisg air seo cuideachd tha raointean-cluiche Mountblow. Bha mi air trèana air ais bhon Òban bho chionn 10 bliadhna agus chaidh ar stad an seo fad lethuair a thìde. Bha neds an àite a’ tilgeil chlachan air an trèana agus bha eagal mo bheatha orm!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s