Bidh daoine aig a bheil ùidh ann an rathaidean-iarainn air bhioran mun àm seo den bhliadhna oir ’s ann aig deireadh a’ Ghiblein gach bliadhna a thèid clàran-ama rèile an t-Samhraidh fhoillseachdh.
‘S e a’ cheist as motha a bhios daonnan ann – a bheil seirbhisean ùra ann?
Agus am-bliadhna, ’s e an fhreagairt a th’ann gu bheil gu dearbha fhèin.
Tha an clàr-ama airson rathad-iarainn nan Crìochan a-nis air ri fhaiginn agus bidh seirbheisean a’ tòiseachadh san t-Sultain – 45 bliadhna bho dhùin an loidhne.
Sin naidheachd mhòr, nàiseanta chudromach ach a bharrachd air sin, tha deagh naidheachd ann a thaobh na loidhne agam fhèin. Tha seirbheisean Didòmhnaich gu bhith ann air loidhne Canàl Phàislig airson a’ chiad turais riamh agus bidh cothom agam a dhol a-staigh dhan bhaile air a’ Phlatapas Mhall (trèana loidhne Chanàl Phàislig) air an Dòmhnaich mu dheireadh thall.
Alasdair