Rinn mi clas Wlpan Cuimris an Dùn Èideann le mo dheagh charaid Carol Zall bho chionn 20 bliadhna no mar sin. ‘S e deagh neach teagaisg a th’ann an Carol agus bha tòrr abairtean èibhinn ann a tha air mo theanga fhathast mar “oes newyd deg ceiniog gyda chi” (a bheil briseadh agad air 10 sgillinn!) agus “rhaglen arall o Batagonia? does bosib!” (prògram eile à Patagonia? Do chreidsinneach!).
Ged nach do chum mi orm le mo chuid Cuimris, bha e gu math feumail is gu math inntinneach. Bha mi a’ smaoineachadh air abairt Cuimris eile bhon chlas bho chionn goirid: “mae poilisi newydd yma – dim Saesneg o gwbl!” (“Tha poileasaidh ùr ann – gun Bheurla idir!”).
Tha poileasaidh ùr agam a-nis cuideachd. Chan ann a thaobh na Beurla (oir cha bhi mi ga cleachdadh an seo co-dhiù) ach a thaobh a’ chàir. Gun chàr idir! San àm a dh’fhalbh, airson a dhol gu rathaidean-iarainn glèidhte a bha doirbh a ruigsinn, bhithinn a’ dol ann sa chàr. Tha tòrr aca ann an àiteachan dùthchail agus ann an àiteachan a tha uamhasach fad air falbh bhon lìonra rèile. A-nis, tha mi a’ dol a dhèanamh mo dhithcheall a dhol air a h-uile turas air còmhdhail phoblach. Ma tha seirbheis bus idir ann, cleachdaidh mi e, no mur eil, thèid mi dhan stèisean rathad-iarainn as fhaisg orm is gheibh mi càr air mhall an sin airson nam miltean mu dheireadh.
Rathad-iarainn Tynedale a Deas, Alston, Cumbria (Cumberland). Tha seo air leth doirbh a ruighinn mur eil càr agad – chan eil bus ann a h-uile latha!
Bidh mi ag aithris air mar a thèid leum air a’ bhloga seo.
Alasdair
Pingback: Caledonian Railway Breichinn – Turas gu Cathair-bhaile nam Burgairean! #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean