Rinn mi sreath air a’ bhloga seo bho chionn greiseag mu “rathaidean-iarainn san t-saoghal ùr”, a’ coimhead air cuid de na dùthchannan as motha san t-saoghal mar Chanada is na Stàitean Aonaichte.
Sa phost seo, bheir mi sùil air na rathaidean-iarainn anns na dùthchannan as lugha san Roinn Eòrpa – na meanbh-stàitean.
Tha còig dhiubh ann uile gu lèir: Andorra, A’ Bhatacan, Liechtenstein, Monaco agus San Marino.
Tha na stàitean seo gu math beag a thaobh an dà chuid meud agus a thaobh àireamh an t-sluaigh ach a dh’aindeoin seo, tha iad uile gu math beartach is soirbheachail agus tha iad uile a’ còrdadh gu mòr ri luchd-turais.
A bheil rathaidean-iarainn aca, ge-tà?
‘S e an fhreagairt gu bheil rathad-iarainn aig, no faisg air, na meanbh-stàitean air fad.
Dùthaich | Bratach | Meud | Sluagh |
Andorra | ![]() |
180.55 mìle 2 | 85,000 |
A’ Bhatacan | ![]() |
110 acair
(0.17 mìle 2) |
900 |
Liechtenstein | ![]() |
61 mìle 2 | 37,000 |
Monaco | ![]() |
0.78 mìle 2 | 35,000 |
San Marino | ![]() |
24 mìle 2 | 32,000 |
Tòisichidh sinn le Andorra, a tha sna Pyrenees eadar stàit na Frainge agus stàit na Spàinne agus aig a bheil Catalànais mar an cànan oifigeil.
Chan eil rathad-iarainn ann an Andorra, is cha robh riamh, ach tha stèisean rèile gu math faisg air anns an Fhraing (ann an Catalunya a Tuath) aig a bheil ceangal bus do dh’Andorra: L’Hospitalet-près-l’Andorre.
Tha Monaco ri taobh stàit na Frainge cuideachd ach eu-choltach ri Andorra, tha stèisean anns an dùthaich fhèin, sin Monaco – Monte-Carlo, a tha air lìonra SNCF – companaidh rathad-iarainn nàiseanta na Frainge. Mar a bhiodh tu an dùil airson dùthaich a tha loma-làn playboys eadar-nàiseanta agus daoine fìor bheartach, ’s e stèisean gu math spaideil a th’ ann. Ged a tha muinntir an àite a’ smaoineachadh gu bheil iad uamhasach posh, ge-tà, tha mi a’ smaoineachadh gur e Millport nam beartach a th’ ann, agus is fheàrr leam Port a’ Mhuilinn fhèin!

Gare de Monaco
Tha a’ Bhatacan eadar Andorra agus Monaco a thaobh rathaidean-iarainn oir ged a tha rathad-iarainn is stèisean ann, chan eil seirbheisean cunbhalach ann do luchd-siubhail agus mar sin, feumar a dhol gu stèisean anns an Eadailt – air meatro na Roimhe no gu stèisean Naomh Pheadair air an lìonra nàiseanta – ma tha thu airson a dhol dhan Bhatacan air an trèana.
Mar phàirt de Chùmhnant Lateran a stèidhich a’ Bhatacan mar dùthaich ann an 1929, chaidh aontachadh gun rachadh rathad-iarainn a thogail dhan bhaile. Thòisich obair anns a’ bhad air an loidhne goirid seo bho Stèisean Pheadair san Ròimh agus dh’fhosgail e ann an 1933. Ged a chaidh an rathad-iarainn a thogail gus an dà-chuid luchd-siubhail is bathair a ghiùlain, cha deach a chleachdadh gu tric idir airson luchd-siubhail agus ’s ann airson bathair as motha a chaidh a chleachdadh. Sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, ge-tà, tha trèana shònraichte no dhà air a bhith air an loidhne dhan stàit bheag eaglaiseil seo. Tha mi an dòchas gum bi cothrom agam a dhol air trèana dhan Bhatacan latha de na làithean – ged nach eil creideamh sam bith agam, ’s toil leam dùthchannan beaga, trèanaichean agus Ladainn!
Tha San Marino air a’ chuairteachadh leis an Eadailt cuideachd agus aig aon àm, bha rathad-iarainn ann eadar Rimini san Eadailt agus Cathair San Marino. ‘S e rathad-iarainn dealanach a bha seo a bha a’ dol tro tòrr mòr tunailean tro na beanntan. Dh’fhosgail e ann an 1932 ach gu mì-fhortanach, cha do mhair e fada oir chaidh a sgrios anns a’ Chogadh agus cha deach ath-thogail riamh.
Airson a dhol gu San Marino, feumaidh tu bus fhaighinn bho stèisean Rimini. Ma tha ùidh agad ann an trèanaichean, ge-tà, tha trèana glèidhte ann taobh a-muigh fear de na tunailean. A bharrachd air seo, dh’fhosgail mu 800 meatair den rathad-iarainn mar rathad-iarainn glèidhte do luchd-turais ann an Cathair San Marino agus tha planaichean ann seo a leudachadh barrachd.
San mheanbh-stàit Eòrpach mu dheireadh, Liechtenstein, tha an t-seirbheis rèile as fheàrr oir tha ceithir stèiseanan anns an dùthaich. Tha iad uile air an loidhne eadar Feldkirch agus Buchs agus tha iad air an ruith le Österreichische Bundesbahnen no ÖBB, companaidh rathad-iarainn nàiseanta na h-Ostair.
Nam biodh an t-airgead agus an t-àm agam, bu toil leam a dhol air turas do na meanbh-stàitean Eòrpach uile air an trèana ach aig an ìre seo, tha e nas coltaiche gum bi mi a’ dol gu Monaco na h-Alba: Monaco nan daoine bochda – Port a’ Mhuillinn!
Alasdair
Reblogged this on An Tuairisceoir.
'S toil'S toil
Pingback: Tha a h-uile rathad (iarainn) a’ dol dhan Ròimh! #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Pingback: Am Broc air slighe na fìrinne – turas dhan Bhatacan II #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean