Tha mi gu math dèidheil an dà chuid air trèanaichean is air eileanan is mar sin, chuir mi romhan rud beag rannsachaidh a dhèanamh air rathaidean-iarainn eileanach na h-Eòrpa.
Tha mi air suil a thoirt air Eilean Wight is Eilean Mhanainn mar-thà ach tha mi a’ dol beagan nas fhaide a deas an turas seo, gu na h-eileanan meadhan-thìreach.
Class 483, Ryde Pier Head, Eilean Wight
Tha na h-eileanan meadhan-thìreach gu math inntinneach ma tha ùidh agad ann am mion-shluaghan, mion-chànanan is poileataics oir tha fèin-riaghladh aig tòrr aca agus tha gluasadan airson neo-eisimeileachd no barrachd fèin-riaghlaidh aig cuid aca cuideachd.
Seo na h-eileanan meadhan-thìreach aig a bheil rathaidean-iarainn:
Bratach | Sluagh | Meud | |
Corsaca | ![]() |
322,120 | 8,681 km2 |
Sardinia | ![]() |
1,661,189 | 24,090 km2 |
Sicily | ![]() |
5,043,380 | 25,460 km2 |
Mallorca | ![]() |
869,067 | 3,640 km2 |
Tenerife | ![]() |
889,936 | 2,034 km2 |
Tha rathaidean-iarainn eadar-chathrach aig Corsaca, Sicily, Sardinia agus Mallorca. Tha siostaman meatro ann am Mallorca agus Tenerife.
Bha rathaidean-iarainn ann an Cìopras (1905-1951) is Malta (1883-1931) uair ach dhùin iad bho chionn fhada. Cha robh rathad-iarainn ceart riamh ann an eileanan na Grèige.
Agus ged nach eil iad anns a’ mhuir-mheadhan tìreach, is fhiach e sùil a thoirt air na h-Eileanan Canàrach (an Spàinn) agus Madeira (Portugal) san Atlantaig a Tuath cuideachd. Bha rèile-beinne ann am Madeira bho 1893 gu 1943 ach chan eil rathad-iarainn sam bith san eilean a-nis. Ann an Tenerife, ge-ta, tha siostam trama ann a dh’fhosgail an an 2007 a’ ceangal Santa Cruz de Tenerife agus La Laguna
Ma tha thu ag iarraidh trèanaichean cho math ri grian, deagh bhiadh agus tràighean brèagha, coma leat Club 18-30 no Club Med, seo an roghainn dhut!
Alasdair
Reblogged this on An Tuairisceoir.
'S toil'S toil