Is iomadh rathad-iarainn a chunnaic mi ri mo latha is ri mo linn ach cha robh gin aca cho annasach ris an fhear a chunnaic mi ri taobh stèisean Raoghaird (Rogart – ROG) air Loidhne a’ Chinn a Tuath bho chionn goirid.
Mhothaich mi bliadhnaichean air ais gun robh shunter beag anns a’ ghàrradh aig ostail Sleeperzzz aig seann togalach an stèisein anns a’ cheàrnaidh iomallach seo de Chataibh ach cha do thuig mi idir gun robh trac ann cuideachd.
Tha mi air a bhith ag obair air prògram do BhBC Alba mu rathaidean-iarainn air a’ Ghàidhealtachd agus mar phàirt de seo, bha cothrom agam agallamh a dhèanamh leis an eòlaiche còmhdhail Frank Roach a tha ag obair aig HITRANS agus a tha mion-eòlach air loidhne a’ Chinn a Tuath. ‘S ann le Frank agus a bhean Ceit a tha Sleeperzzz cuideachd agus mar sin, dh’fhaighnich mi dha mun t-shunter aige.
“O, tha e ag obrachadh”, arsa e, “agus tha loidhne ghoirid ann cuideachd!” Ma thig sibh dhan taigh agam feasgar, tòisichidh mi an loco dhuibh!”
Bha sinn a’ filmeadh aig Snaidhm Georgemas (Georgemas Junction – GGJ), an ceann-rèile (junction) as fhaide a tuath anns an RA. Dh’fhaighnich mi dha dè an ceann-rèile as fhaide a deas. “St Erth Junction sa Chòrn” thuirt e, “agus ’s ann a dh’fhas mi suas gu math faisg air”. Abair gaisgeach – tha trèana sa ghàrradh aige agus ’s e Còrnach a th’ ann cuideachd. Dè cho cool sa tha sin!
Nuair a bha sinn deiseil ann an Gallaibh, rinn sinn air Raoghard agus air taigh Frank, far am faca sinn gun robh an shunter beag air tòiseachadh ceart gu leòr.
Tha an Rogart Railway dìreach mu 30 slat a dh’fhaid ach fhuair mi cothrom an shunter (air a bheil Dòmhnall mar ainm!) a dhràibheadh agus chòrd e rium glan. Fhuair mi tiocaid cuideachd.
‘S e fìor dheagh àite a th’ ann an Sleeperzzz – seann choidsichean rèile agus seann bhus a chaidh a sgeadachadh mar àiteachan fuirich. Tha iad gu math snog agus tha Mìcheal Portillo fhèin – rìgh nan rathaidean-iarainn – air fuireach ann.
Nuair a bhios beagan airgid agam, nì mi an aon rud agus togaidh mi mo rathad-iarainn fhèin nam ghàrradh.
Alasdair
Reblogged this on An Tuairisceoir.
'S toilLiked by 1 duine
Pingback: Trèanaichean Mickey Mouse – Oh boy! #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean