Caledonian Railway Breichinn – Turas gu Cathair-bhaile nam Burgairean! #gàidhlig

Tha poileasaidh ùr agam gum bi mi a’ cleachdadh còmhdhail phoblach a-mhàin gach turas a tha mi a’ dol gu rathad-iarainn glèidhte. Mar as trice, tha sin furasta gu leòr, ach uaireannan tha tòrr mòr obair planaidh a dhìth.

‘S ann air an adbhar seo a dhùisg mi air 7m Disathairne sa chaidh gus bus 07:30 eadar Cair Ail (Crail) agus Cill Rìmhinn a ghlacadh airson a dhol dhan Chaledonian  Railway, Breichinn ann an Siorrachd Aonghais. Bha agam ri dà bhus fhaighinn an tòiseach – Cair Ail gu Cill Rìmhinn, Cill Rìmhinn – Stèisean Luacharas (Leuchars – LEU) agus an uair sin trèana bho Luacharas (LEU) gu Mon Rois (Montrose – MTS) agus an uair sin, bus eile bho Mhon Rois gu Breichinn (Brechin).

Busaichean gu leòr aig Stèisean Luacharais (LEU)

Nam bithinn air an t-slighe a dhèanamh bho chionn fhada, b’ urrainn dhomh a bhith air a dhol air an rathad-iarainn fad na slighe air dìreach dà thrèana: Cair Ail-Luachras-Dùn Dè; Dùn Dè-Mon Rois-Breichinn – turas nas giorra is nas fhasa.

Chòrd an turas bus rium, ge-tà, gu sònraichte am bus eadar Cair Ail agus Cill Rìmhinn (àireamh 95: “The Coastliner: Liobhann-Cill Rìmhinn) a tha a’ dol tro na h-aon bhailtean ri Rathad-iarainn Costa an Ear Fhìobha, a dhùin ann an 1965. Tha an sgìre seo – an Neuk an Ear – brèagha fhèin agus gheibh thu na seallaidhean as fheàrr bho na busaichean dà-ùrlair air an 95.

Ged nach eil an rathad-iarainn a’ dol gu Cill Rìmhinn tuilleadh*, gheibhear tiocaidean trèana bho Luacharas, a’ gabhail a-staigh an turas bus eadar Cill Rìmhinn agus Luacharas agus ‘s e sin na rinn mi. Mar a thachair e, bha am bus tràth agus fhuair mi trèana na bu thràithe na bha mi an dùil.

Às dèidh turas rèile goirid is luath gu Mon Rois, cheannaich mi paidh macaroni anns a’ Cho-op ri taobh an stèisein agus ghlac mi am bus gu Breichinn.  ‘S e turas gu math snog a bh’ ann le deagh shealladh de theàrmann nàdair Amar Mhon Rois.

Tha stèisean Bhreichinn gu math faisg air meadhan a’ bhaile – no meadhan na cathrach – oir ‘s e Brechin city a th’ aig muinntir an àite air. ‘S e terminus mòr dùthchail a th’ ann an stèisean Bhreichinn agus chan eil  stèisean sam bith eile air fhàgail ann an Alba a tha coltach ris.

Stèisean Bhreicinn, Schd Aonhais

Stèisean Bhreicinn, Schd Aonhais

Bidh an rathad-iarainn a’ cumail latha diosail gach Disathairne agus latha smùid gach Didòmhnaich as t-samhradh. Chaidh mi ann air an Disathairne oir ‘s fheàrr leam dìosal agus ‘s e clas 27 a bha gu bhith a’ tarraing na trèana. Reic deugaire, air an robh coltas Alan Lancaster aig Status Quo, tiocaid dhomh – bha e ro òg cuimhne a bhith aige air na 27s nuair a bha iad air na rathaidean-iarainn mòra – no air Quo fhèin – ach bha e gu math deidheil orra co-dhiù a rèir coltais!

Alan Lancaster – an dàrna fear bhon deas

Tha an rathad-iarainn a’ ruith tro thalamh àiteachais brèagha ann an siorrachd Aonghais agus bha buntàta agus eòrna a’ fàs anns na h-achaidhean – deagh shealladh air latha brèagha samhraidh.

Chan eil Caledonian Railway Breichinn ceangailte ris an lìonra nàiseanta aig an ìre seo ach chan eil  e fada air falbh bho Mhon Rois. Tha an rathad-iarainn 4 mìle a dh’fhaid an-dràsta, eadar Breicinn agus Bridge of Dun ach dh’fhaodte gun tèid a leudachadh gu nas fhaisge air Mon Rois san àm ri teachd oir tha làrach na loidhne fhathast ann gu ceann rèile Dubton  (far an robh an ceangail ris an lìonra nàiseanta) agus cha bhiodh obair ro mhòr ann an trac a chur air ais.

Clas 27, Breichinn

Air a’ chiad trèana den latha, bu mhise an aon neach-siubhail agus bha deagh chòmhradh agam ris a’ gheàrd mun rathad-iarainn. Aig Bridge of Dun, an stèisean aig ceann eile na loidhne, chaidh an loco timcheall air an trèana agus chaidh an draibhear agus an neach-cuideachaidh aige a-staigh dhan t-seada loco. Bha iad ann fad ùine mhòr agus bha an geàrd a’ fàs an-fhoiseil gun robh an trèana gu bhith air dheireadh. “Dè tha iad ris? Eil iad a’ gabhail burgar no rudeigin?”, thuirt e.

Bha mi a’ smaoineachadh gun robh e ri fealla-dhà ach an ceann 10 mìonaidean, thàinig an loco air ais, leum an dràibhear dheth le burgar agus rola is isbeanan. Seo dhutsa, arsa e agus thug e an rola is isbeanan dhomh! Abair duine còir. Bha mi uamhasach taingeil ach mhìnich mi dha gur e veggie a th’ annam agus thug e dhan gheàrd e!

An àite a bhith a’ dol air ais sa bhad, dh’fhuirich mi aig stèisean Bridge of Dun agus choisich mi mun cuairt rud beag. Tha iad air tòrr obair gàirnealarachd a dhèanamh anns na stèiseanan agus bha flùraichean air feadh an àite. Tha an rathad-iarainn air bileag snog a dhèanamh le mapa de chuairtean faisg air an stèisesan agus choisich mi suas gu House of Dun agus air ais fhad’s a bha mi a’ feitheimh ris an ath thrèana. Tha cothrom ann coiseachd gu Amar Mhon Rois cuideachd agus bhithinn air a dhèanamh nan robh barrachd tìde agam.

‘S e stèisean gu math mòr a th’ ann am Bridge of Dun ged a tha e ann an àite gu math iomallach oir ‘s e an ceann-rèile a bh’ ann airson meur-loidhne Bhreicinn agus bha e cuideachd air an t-seann phrìomh loidhne gu Peairt.

Stèisean Bridge of Dun, Schd Aonghais

Tha Rathad-iarainn Caledonian Bhreicinn e a’ toirt dhut deagh shealladh de mheur-loidhne dùthchail air a’ Ghalldachd mus robh na gearraidhean mòra ann sna 60an. Mholainn gu mòr e.

Alasdair

* Tha iomairt ann gus rathad-iarainn Chill Rìmhinn ath-fhosgladh cuideachd.

An t-slighe: Bus 95 (Coastliner), Bus 99 (the Taysider), trèana: LEU-MTS, Bus 30 (Stèisean Mhon Rois-Breichinn), rathad-iarainn Caledonian, Breichinn: Breichinn-Bridge of Dun agus air ais. Railmiles: 86.

Air m’ipod: the Skids Days in Europa, 8/10; Status Quo – an lineup tùsail beò ann an Glaschu 2012, 8/10.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Caledonian Railway Breichinn – Turas gu Cathair-bhaile nam Burgairean! #gàidhlig

  1. Thuirt Mark Wringe:

    Bha turas gu math snog agam fhìn o chionn beagan bliadhnachan eadar an dà stèisean àlainn seo, agus chaidh mi a dh’fhaicinn an tùir chruinn ri taobh Ard-eaglais Bhreichinn cuideachd. Chan eil mi a’ smaoineachadh gum bi mòran daoine a’ tadhal air an rèile bhreagha seo, agus is mòr am beud. (Cha robh air an trèana mu dheireadh dhen latha ach mi fhìn). Feumaidh mi tilleadh.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s