Turas gu Cumbria taobh Loch Garman #gàidhlig

Tha an teaghlach air a dhol gu Cair Ail a-nochd airson beagan làithean còmhla ri mo mhàthair is clann mo pheathair is mar sin, tha mi leum fhèin aig an taigh. Deagh leisgeul airson splaoid a chur air dòigh gu rathad-iarainn air choireigin!

Cho-dhùin mi gum biodh e math a dhol gu Rathad-iarainn Tynedale a Deas ann an Cumbria a-màireach. ‘S e rathad-iarainn caol-ghèidse snog a th’ ann agus bha mi ann aon turas roimhe 9 bliadhna air ais. ‘S e an duilgheadas a th’ ann gu bheil e gu math doirbh a ruighinn.

Stèisean Alston, South Tynedale Railway, Cumbria

Tha Alston na bhaile-margaidh snog a tha suidhichte àrd anns na Pennines ann an Cumberland faisg air a’ chrìch le Northumberland. B’ àbhaist rathad-iarainn a bhith ann don bhaile, meur-loidhne a’ dol 13 mìle gu deas bhon loidhne eadar Carlisle agus an Caisteal Nuadh aig stèisean Haltwhistle.

Seo dealbh den loidhne mar a bha i (prìomh stèiseanan a-mhàin).

South Tynedale pre 76

Mhol Beeching gun dùnadh an loidhne seo anns na 60an, ach bha na bailtean air an loidhne seo cho iomallach is na rathaidean cho dona, gu h-àraid anns a’ gheamhradh, is nach deach a dhùnadh gus 1976 nuair a dh’fhosgail rathad ùr dhan bhaile.

Dh’fheuch luchd-iomairt ris an loidhne a cheannach nuair a dhùin i ach thug BR air falbh an trac gu math luath. Ged nach do shoirbhich leis an iomairt gus an loidhne air fad a ghlèidheadh, ge-ta, fhuair an rathad-iarainn cothrom stèisean Alston agus beagan den t-slighe a ghabhail thairis aig taobh deas an loidhne. Dh’ath-fhosgail mu mhìle den loidhne ann an 1983 agus tha an rathad-iarainn air leudachadh iomadh turas bhon uair sin.

Seo an rathad-iarainn mar a tha e a-nis.

south tyndale post 76

Tha an loidhne a’ ruith bho Alston gu Lintley Halt aig an ìre seo, mu 3 mìle uile gu lèir agus thathar a-nis ag amas air stèisean Slaggyford le amas san uine fhada gus an loidhne ath fhosgladh fad na slighe gu Haltwhistle.

‘S e an duilgheadas a th’ ann gu bheil e gu math doirbh an rathad-iarainn a ruighinn tro chomdhail phoblach an-dràsta – chan eil ach aon bhus gu Alston gach latha!

Air an adbhar seo, bha tòrr obair planaidh a dhìth gus turas a chur air dòigh. Bha am bus gu Alston sa mhadainn taobh stèisean Haydon Bridge aig deagh àm ach tha am bus a tha a’ dol air ais feasgar caran anmoch agus cha bhithinn air Glaschu a ruighinn gus às dèidh 10f. Dè dheanainn?

An uair sin, chuimhnich mi gu bheil làrach na loidhne air fad a-nis na slighe-coiseachd/baidhseagal air a bheil the South Tyndale Trail. Mar sin, tha mi a’ dol a choiseachd air ais gu stèisean Haltwhistle gus an trèana air ais a Ghlaschu a ghlacadh. Tha mi dìreach air fitness tracker (tracadair-fallaineachd?) a cheannach agus ‘s e Garmin a th’ ann. Mar Ghàidheal, ‘s e “Loch Garman” a th’ agam air agus bidh mi ga chleachdadh airson obrachadh a-mach cia mheud ceum a bhios ann dhan stèisean!

‘S e 13 mìle a th’ ann uile gu lèir ach tha e a’ dol tro sgìre bhreagha agus bi cothrom agam na seann stèiseanan uile fhaicinn agus dealbhan a thogail.

Cò aige tha fios – dh’fhaoidte gum bi cothrom agam an ceann 20 bliadhna dealbhan “before and after” a dhèanamh leis na dealbhan a thogas mi a-màireach agus dealbhan bhon rathad-iarainn ath-fhosgailte fad na slighe gu Haltwhistle.

Alasdair

Air m’ ipod: Thin Lizzy Nightlife (1974), 6/10.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s