South Tyndale Railway (1) – air a’ bhus còmhla ri Helen Mirren is James Bond #gàidhlig

Nuair a dh’òrdaich mi tagsaidh dhan stèisean Diluain, bha mi an dùil gur e dìreach fear àbhaisteach a bhiodh ann ach a rèir coltais, chuir iad thugam mi an tagsaidh a-mach às an fhilm Fhrangach Taxi.

Bha an dràibhear a’ dol aig peilear a bheatha agus cha tug an turas bhon taigh dhan stèisean ach còig mionaidean – mar as trice bheir e co-dhiù 10  – agus cha mhòr nach do bhuail sinn ann an càr air Drochaid Sheorais V. Mar sin, bha mi gu math toilichte Stèisean a’ Mheadhain a ruighinn is mi fhathast beò.

Às dèidh dhomh cofaidh a cheannach, rinn mi air an trèana agam, an 06:30 gu Lunnainn Euston. Bha deise air cha mhòr a h-uile duine eile air an trèana ach cha robh ormsa idir agus smaoinich mi air an t-seann fhacal Beurla “success means not having to wear a suit”. Tha mi ag aontachadh ri sin gu mòr!

Goirid mus do dh’fhalbh an trèana, chuala mi cuideigin ag ràdh san ath charaiste: “I don’t know what all this fuss is about Cilla Black – I’ve never met anybody who liked her”. Cilla bhochd!

An uair sin thòisich an trèana agus bha e cho fluich is gun robh e doirbh dad fhaicinn a-mach às an uinneig. Chan e deagh chomharra a bha sin airson an còrr den latha – gu h-àraid a chionn ’s gun robh mi an dùil 13 mìle a choiseachd air an fheasgar.

Dh’fhàs an t-sìde na b’fheàrr air an t-slighe gu deas, ge-ta, agus bha e blàth grianach ann an Carlisle “Cathair-bhaile nan Loch”, mar a th’ aca air a-nis. Bha e cho teth is gun robh agam ri suntan lotion (grian-dhìon?) a cheannach. Bha mi air briogais, lèine-t agus brogan spare a chur dhan bhaga agam air eagal’s gum biodh droch uisge ann ach cha robh mi idir an dùil ri grian!

Carlisle – Cathair nan Lochan

Fhuair mi an dàrna cofaidh den latha ann an Carlisle agus fhad’s a bha mi ga òl, thug fear dhomh copaidh den Telegraph. “Want a paper mate? They’re giving these away free at WH Smith and I don’t want it”. Taing arsa mise agus leugh mi beagan dheth. Wow! Abair “how the other half live”. Thug mi sùil troimhe agus tha e doirbh dhomh creidsinn gu bheil daoine ann a tha ag aontachadh ri beachdan muinntir an Telegraph agus gu bheil duine sam bith actually ga leughadh!

Ghlac mi an trèana dhan Chaisteal Nuadh an uair sin agus bha blas Geordie cho laidir air stiùirche na trèana is nach do thuig mi mòran dheth nuair a leugh e a-mach ainmean nan stèiseanan!

Agus leis a sin, air adhart gu Haydon Bridge. Bha mi a’ lorg a’ bhus gu Alston ach cha b’ urrainn dhomh stad nam busaichean a lorg air a’ mhapa. Bha e cudromach gum faighinn am bus oir chan eil ach aon ann gach latha, Chaidh mi gu Ionad Fiosrachaidh an Luchd-turais is thuirt iad nach robh stad bus ann idir airson na seirbheis a bha sin agus gum feumainn seasamh taobh a-muigh nan taighean beaga.

  Seo Haydon Bridge ach càite bheil stad nam busaichean?

Mar a thachair e, chunnaic fear as an sgìre mi agus mi a’ coiseachd mun cuairt le coltas caillte orm. “Eil thu a’ lorg bus Alston”, thuirt e le blas sgoinneil Geordie. “Chan eil stad bus ann idir – dìreach seas an sin ri taobh nan taighean beaga”. “Dè na taighean beaga” arsa mise “Chan eil mi gam faicinn”. “Tha an soidhne air cul nam preasan sin, chan fhaic thu e! Fan an sin gus an tig am bus”

Is math gun do choinnich mi ris!

‘S e baile inntinneach a bh’ ann an Haydon Bridge. Mhothaich mi gun robh bratach Northumbria anns a h-uile àite, mar a tha cumanta anns an sgìre, agus gun robh  talla ann air an robh the Oddfellows Hall. Ainm cool!

Bratach Northumberland

An uair sin, ghlac mi am bus agus bha e gu math làn. Gu h-annasach, bha tè na suidhne faisg air an dràibhear a bha na mac-samhail de Helen Mirren!

Na caill am bus seo – chan eil ach aon ann gach latha!

Mar a thuirt mi sa bhloga mu dheireadh, chaidh an rathad-iarainn gu Alston a dhùnadh ann an 1976 nuair a chaidh na rathaidean dhan bhaile a leasachadh. Cha robh coltas ro leasaichte air an rathad, ge-ta. Bha e coltach ri rudeigin a-mach a James Bond – rathad beanntach, cas, cumhang le tòrr mòr lùban S agus an àite a bhith ann an Aston Martin, ‘s ann a bha sinn ga dhèanamh ann am bus! Cha mhòr nach robh cur na mara orm!

Ri leantainn..

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Alston, busaichean, buses, England, Haydon Bridge, Railways, rathaidean-iarainn dùinte, Sasainn, South Tynedale Railway, Trains, treanaichean agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s