South Tynedale Railway (2) – turas gu “meadhan Bhreatainn” #gàidhlig @strps_rail

‘S e rathad-iarann beag sònraichte a th’ ann an Rathad-iarann Tynedale a Deas.  Tha e suidhichte ann am baile beag Alston ann an taobh an ear Cumbria faisg air a’ chrìoch le Northumbria.

A rèir Wikipidia, tha Alston ainmeil air dà adhbhar. Anns a’ chiad dol a-mach, ’s e am baile-margaidh as àirde ann an Sasainn a th’ ann. San dàrna àite, chan eil mòran bhoireannaich ann a rèir coltais. Thathar ag ràdh gu bheil  deichnear fhear ann airson gach boireannach!

Alston, Cumbria

Ach nas cudromaiche na sin, tha Rathad-iarainn Tynedale a Deas ann cuideachd.

‘S e baile gu math iomallach a th’ ann agus tha na rathaidean gu Alston gu math lùbach cas cugallach mar a dh’aithris mi sa bhloga mu dheireadh. Bha rathad-iarainn dhan bhaile bho stèisean Haltwhistle (HWH) air loidhne Carlisle-An Caisteal Nuadh ach dhùin e air ais ann an 1976.

Seo bhideo den t-seann loidhne air ais sna 70an.

Bha iomairt ann aig an àm gus an rathad-iarainn air fad a chumail fosgailte mar loidhne ghlèidhte do luchd-turais. Cha deach leotha agus chaidh an trac a thoirt air falbh ach fhuair iad seilbh air stèisean Alston agus beagan de làrach na loidhne.

Dh’fhosgail a’ chiad mìle eadar Alston agus Gilderdale air ais ann an 1983 mar rathad-iarainn caol-ghèidse (gèidse 2″) agus tha an rathad-iarainn air leudachadh uair is uair bhon uair sin, gu Kirkhaugh an toiseach agus an uair sin gu Lintley Halt. Tha an rathad-iarainn ag obair air leudachadh eile gu Slaggyford aig an àm seo agus thathar an dòchas gum fosgail e air an ath bhliadhna. Bidh an loidhne an uair sin 4 mile a dh’fhaid.

Stèisean Alston

Nuair a ràinig mi stèisean Alston, bha srùbag a dhìth orm agus chaidh mi a-staigh dhan bhuffet. Bha e loma làn bikerean a a bha uile nam peinnseanairean à Devon. Cool! Tha mi an dòchas gum bi mi mar sin nuair a bhios mi fhèin còrr is 70 bliadhna na dh’aois.

An uair sin, thàinig an trèana bheag agus rinn sinn air Lintley tro achaidhean, coilltean agus beanntan  brèagha. Bha bruaichean nan embankments loma làn fhlùraichean agus seilleanan agus ’s e latha àlainn fhèin a bh’ ann.

Ceann na loidhne – Stad-rèile Lintley

Aig deireadh na loidhne aig Stad-rèile Lintley, chùm mi orm air làrach na seann loidhne air chois. Thathar air beagan trac a chur suas tuath air an stèisean agus tha balaist sìos airson deagh phìos as dèidh sinn agus thathar ag obair air leabaidh an trac (trackbed) tuath air sin cuideachd.

A’ cur sìos trac ùr, t;uath air Lintley Halt.

‘S e an South Tyne Trail an t-ainm a th’ air làrach na loidhne a-nis agus tha e freagarrach airson luchd-coiseachd is baidhseagalan.

Chunnaic mi neas beagan a tuath air Lintley agus bha an t-àite beò le coinneanaich, seileannan, flùraichean, preasan agus eile. Deagh deagh chuairt air latha grianach.

Aig an àm seo, tha an rathad-iarainn ag obair air leudachadh gu Slaggyford far a bheil togalach àlainn an stèisean fhathast ann an deagh staid.

Stèisean Slaggyford

Tha tòrr mòr drochaidean air an loidhne agus tha an t-slighe àrd os cionn srath an Tyne aig diofar àiteachan. ‘S e drochaid Lambley ri taobh seann stèisean Lambley an tè as motha. Dìreach taobh a-muigh Haltwhistle, an ceann-rèile airson seann mheur-loidhne Alston, tha drochaid àlainn eile ann air a bheil na h-Alston Arches.

Na h-Alston Arches, Haltwhistle

Às dèidh còrr is 10 mìle, thàinig a’ chuairt agam  gu crìch ann an stèisean Haltwhistle. A rèir muinntir an àite, ’s e “meadhan Bhreatainn” a th’ ann. ‘S e sin ri ràdh gu bheil e ann am meadhan eilean Bhreatainn (tìr-mòr a-mhàin) ma nì thu loidhne eadar tuath is deas is iar is ear.

Stèisean Haltwhistle – tha àrd-ùrlar Meur-loidhne Alston air an taobh dheas.

Fhuair rathad-iarainn Tynedale a Deas ceud bho chionn goirid an seann àrd-ùrlar airson meur-loidhne Alston aig stèisean Haltwhistle a chleachdadh  a-rithist. Bidh bliadhnaichean mòra ann mus bi an rathad-iarainn a’ ruith eadar Haltwhistle is Alston a-rithist ach ’s e ceum lèirsinneach a th’ ann agus tha mi an dùil is an dòchas gun tachair e latha de na làithean.

Bha mi a’ cleachdadh an tracadair-fallaineachd (fitness tracker) agam (Garmin/Loch Garman!) agus a rèir sin, rinn mi 32,000 ceum san latha. Bha mi sgìth agus bha mo chasan goirt ach chaidh mi dhachaigh toilichte agus fhuair mi deagh deagh chadal.

Mholainn an loidhne agus an South Tyne Trail gu mòr.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an caol-ghèidse, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd