Às dèidh dhomh bruidhinn mu dheidhinn fad co-dhiù còig bliadhna, tha mi air a bhith air an turas mhòr agam gu Eilean Mhanainn còmhla ri mo charaid gaisgeil Wilson MacLeòid mu dheireadh thall!
Fhuair mi an trèana gu Lancaster à Glaschu agus thàinig Wilson air bòrd aig stèisean Carlisle.
Aig Lancaster, chunnaic sinn fear de na soidhnichean às gòraiche riamh: Lancaster: Home of Lancaster University. Cò a shaoileadh a leithid? Tha mi a-nis am beachd a dhol ann air an oidhche le marker gus an soidhne atharrachadh gu: Lancaster: Home of Massachusetts Institute of Technology!
‘S ann aig Lancaster a gheibhear an trèana gu Heysham Port airson aiseag Mhanainn. Tha e cudromach nach caill thu an trèana seo oir chan eil ach aon ann gach latha, a bhios a’ ceangal ris a’ bhàta làitheil do Mhanainn.
Bidh an trèana seo a’ tòiseachadh ann an Leeds agus a’ dol gu Heysham Port taobh Lancaster. Tha Heysham Port (HHB) aig deireadh meur-loidhne Morecombe ri taobh stèisean cumhachd niuclasach Heysham. Abair sealladh brèagha…..

Stèisean Heysham Port (HHB)
‘S e an Isle of Man Steam Packet Company a bhios a’ ruith nan seirbheisean mara uile gu Manainn agus abair gu bheil deagh ainm aca! Ann an Gàidhlig Mhanainn’, ‘s e Yn Paggad Bree a th’ aca air. Tha bàtaichean ann gu Manainn bho Heysham, Liverpool no Birkenhead, Baile Àtha Cliath agus Beul Feirste. Chan eil bàtaichean ann gu Alba no dhan Chuimrigh ann tuilleadh gu mì-fhortanach.
Yn Paggad Bree
Bha am bàta againn eadar Heysham is Doolish làn bikerean a bha dol ann airson nan rèisean.
Tha tòrr rudan inntinneach rim faicinn air an t-slighe, tuathan-gaoith mara mòr far costa Lancashire agus cruinn-gas cuideachd. Cha robh fhios agam gun robh an leithid ann ann an Sasainn – gu math inntinneach.
Nuair a ràinig sinn Doolish, às dèidh dhuinn clàradh a-steach dhan taigh-òsta, chaidh sinn a-mach airson curaidh taobh prìomh shràid siopadaireachd a’ bhaile – sràid a tha caran coltach ri Rose Street ann an Dùn Èideann.
An uair sin, bha an t-àm ann airson deochag agus lorg sinn taigh-òsta an Rovers Return far an robhar a’ cluich ceòl roc agus a’ reic leann Mhanainneach.
Oi(fi)g Postach Eilean Mhanainn
Ged nach robh mi air a bhith anns a’ bhaile ach airson uair no dhà, chòrd e rium glan mar-thà. Bha soidhnichean Gàidhlig air feadh an àite agus chòrd e rium glan airgead Manainneach fhaicinn is brataichean Mhanainn sa h-uile h-àite.
Ri leantainn….
Alasdair
An turas: rèile: DUM-GLC, GLC-LAN, LAN-HHB; bàta: HHB- DGG
Air m’ipod: Judas Priest Metalworks 1973-1993, 9/10.
Iontach suimiúil tá sé 20 bliain ó bhí mé ar an oileán caithfiadh pilleadh.
'S toil'S toil