Linn Cogadh nan Each – Turas Mhanainn 2 #gàidhlig #mannin #gaelg

Tha mi air a bhith air trèanaichean smùid, diosal agus dealain ach ann am Manainn chan e loco a bha gam tharraing idir ach each!

Tha tòrr mòr diofar rathaidean-iarainn ann am Manainn ach gun teagamh, ‘s e tramaichean-eich Dhoolish (Doolish “Dùghlais” = Douglas) an loidhne as annasaiche. ‘S e Raad Yiarn Cabbyl Vaie Ghoolish an t-ainm a th’ air ann an Gàidhlig Mhanainn.

Tha an loidhne seo mu mhìle gu leth a dh’fhaide agus tha e a’ ruith ri taobh shooylaghan (promenade) a’ bhaile eadar cidhe a’ bhaile agus Derby Castle far a bheil Rathad-Iarainn Dealanach Mhanainn (MER) a’ tòiseachadh.

Trama-eich ann an Doolish, Manainn.

Chaidh seo a stèidheachadh ann an 1876 agus a-nis ’s e an t-aon siostam trama-eich a tha air fhàgail san t-saoghal air fad a th’ ann.

Tha e a’ còrdadh gu mòr ris an luchd-turais agus leis a’ chloinn a bhith a’ dol air an trama agus tha geama bingo ann don chloinn far a bheil dealbh ann de na h-eich uile agus far am faigh thu duais ma chì thu gu leòr aca.

Tha dachaigh ann airson eich a tha ro aosta a bhith ag obair air na tramaichean tuilleadh agus tha seo a’ còrdadh gu mòr ri luchd-turais cuideachd.

Tha ceistean ann mun t-siostam an-dràsta, ge-tà. Tha a’ phromenaid a’ fàs gu math trang le càraichean agus tha nas lugha de dhaoine a’ cleachadh nan tramaichean na bha. Tha an rathad feumach air tòrr mòr obair càraidh cuideachd agus tha ceist ann am biodh e ceadaichte an loidhne a chur air ais ann am meadhan an rathaid mar a bha i roimhe mar thoradh air riaghailtean slàinte is sàbhailteachd an latha an-diugh.

Aig tòiseach na loidhne aig Caisteal Derby, Doolish.

Air an adhbhar seo, tha riaghaltas Mhanainn a’ beachdachadh air an t-slighe air adhart. Dh’fhaodadh iad cur às do na tramaichean uile gu lèir, an loidhne a ghluasad bhon rathad do chabhsair an luchd-coiseachd air a’ phromanade no dh’fhaodadh iad feuchainn ri dòigh a lorg gus an cumail air an rathad.

Nuair a bha mi ann ann am Manainn bho chionn goirid, bha tòrr anns na pàipearan naidheachd mu dheidhinn agus a rèir coltais, bha a’ chùis fìor chonnspaideach.

Custamair toilichte eile! WIlson MacLeòid air trama-eich Manainneach

Chan eil fhios agam dè thachras le tramaichean-eich Dhoolish ach tha mi an dòchas gun tèid an loidhne a chumail is a leasachadh.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Mannin, tramaichean, tramaichean-eich agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s