Yn Arbyl Bree – Turas Mhanainn 3 #gaidhlig #mannin

Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn bho chionn goirid, bha cothrom agam coinneachadh ri fìor ghaisgeach na Gàidhlig Manannaich – Brian Stowell.

Tha Brian air a bhith a’ craoladh, a’ sgrìobhadh, ag eadar-theangachadh agus a’ teagasg na Gaelg (Gàidhlig Mhanainn) airson còrr is 50 bliadhna agus bha e eòlach air Ned Madrell agus cuid de na daoine eile aig an robh Gaelg bho thùs.

Dh’innse e dhuinn gun robh ainm àraidh aig na seann Mhanannaich air trèanaichean smùid: Yn Arbyl Bree – “an earball brìgh”.

Loco Rathad-iarainn Mhanainn ann an Doolish Loco Rathad-iarainn Mhanainn ann an Doolish

Bha cothrom againn a dhol air “an earball brìgh” – Raad-yiarn Vannin (Rathad-Iarainn Mhanainn) a tha a’ ruith eadar Doolish, prìomh bhaile Mhanainn, Balley Cashtal (Castletown), seann phrìomh bhaile an eilein agus Purt le Moirrey (‘Port le Muire’ – Port St Mary) is Purt Çhiarn (‘Port Tighearn’ – Port Erin) anns a’ cheann a deas.

‘S e rathad-iarainn do luchd-turais a th’ ann an-diugh ach gus na 1960an, bha an lìonra a’ toirt seachad seirbheis còmhdhail don phobal is a’ giùlan bathar.

Tha e furasta faicinn cho cudromach sa bha an rathad-iarainn uair. Tha togalaich an  stèisein ann an Doolish gu math mòr is spaideil mar a tha an fheadhainn anns na prìomh bhailtean eile leithid Balley Chashtal, Purt le Moirrey agus Purt Çhiarn.

Aon rud a tha inntinneach mun rathad-iarainn, ‘s e gu bheil stèisean ann aig Port Adhair Mhanainn – Stad Roonysvaie. Faodaidh tu dhol dhan eilean air jet ùr agus an uair sin a dhol air adhart gu Doolish air trèana smùid a tha còrr is 130 bliadhna a dh’aois! Sin agad mar a tha Manainn – measgachadh den latha an-diugh is an latha an-dè.

Tha na seallaidhean a-mach às an na h-uinneagan sònraichte. Tha e coltach ri Èirinn, mar Chontae an Dúin is dòcha – le beanntan cruinn nach eil cho àrd agus achaidhean uaine.

Gu h-annasach, nuair a nochd sinn ann an Port Çhiarn, bha boireannaich òga ann an aodach nan 1940an a’ seinn òrain Vera Lynn. We made our excuses and left, mar a chanadh Private Eye.

‘S e deireadh sheachdain an dàrna cogaidh a bh’ ann air Raad-yiarn Vannin agus bha tanca agus spitfire ri taobh na loidhne agus balaich mun cuairt nan stèiseanan uile le èideadh an airm orra. Aig Baile a’ Chaisteil bha boireannaich ann an aodach nan 1940an a’ reic tì is cèic.

Rinn sinn air tràigh Phurt Çhiarn agus choisich sinn suas gu tùr Milner aig Bradda os chionn a’ bhaile.

Yn Cholloo (the Calf of Mann) agus Tùr Milner

‘S e baile saor-làithean Bhictorianach a th’ ann am Purt Çhiarn agus tha tòrr obair sgeadachaidh a dhith air le taighean-òsta dùinte is taighean ann an droch stàite air feadh an àite. Tha e ann an suidheachadh sgoinneil, ge-ta, le seallaidhean sgoinneil den tràigh agus dh’fhaodadh am baile a bhith fìor tharraingeach le beagan obrach.

An uair sin, chaidh sinn air an trèana gu Cashtal Rosien – an caisteal às an tàinig ainm Baile a’ Chaisteil. B’ àbhaist do Rìgh Mhanainn a bhith a’ fuireach ann agus, coltach ri Caisteal Shruighlea, tha iad air tòrr rudan a chur air dòigh dìreach mar a bhiodh iad anns na seann làithean le copaidhean ùra de thapastraidhean is àirneis den t-seòrsa a bha ann ceudan de bhliadhnaichean air ais gus am faigh thu deagh bhlas air cò ris a bha e coltach a bhith beò aig an àm.

Bha an t-àm ann airson deochag an uair sin agus chaidh sinn don taigh-sinnse the Sidings, a tha ri taobh stèisean a’ bhaile. ‘S e taigh-seinnse na seann sgoile a th’ ann tha a’ reic tòrr diofar seòrsaichean leanna Manannaich agus anns a bheil tòrr memorabilia bho na rathaidean-iarainn. Agus gu h-annasach, bha sinn a’ suidhe ri taobh fear air an robh coltas an t-sreath mhurtair uilc John Wayne Gacy!

Mur a robh seo uile math gu leòr (?), cha robh sgeul air hiopstair sam bith. Gu dearbha, chan fhaca mi hiopstair sam bith ann am Manainn idir. Abair deagh eilean – trèanaichean, tramaichean, Gàidhlig is gun sgeul air hiopstair sam bith.

Greis ort a’ bhus! Tha  John Wayne Gacy san taigh-sinnse is tha sinn feumach air get-away luath!!!

Chaidh sinn air ais air a’ bhus, bus ùr spaideil aig Bus Vannin, airson coinneachadh ri ar càraid gaisgeil Catriona Mackie a tha a-nis a’ fuireach ann am Manainn agus aig a bheil an dà Ghàidhlig. Bha deagh oidhche againn le leann, ceòl roc agus curry gu leòr agus, ionnsaich sinn deagh abairt Mhanainneach (nach eil cho snog!) bho Chatriona (a tha snog agus nach canadh a lèithid i fhèin!) – “mur eil e a’ còrdadh riut, tha bàta ann sa mhadainn!”

Bha e a’ còrdadh ruinn ge-tà is cha robh sinn ann an cabhag Manainn, tìr nan gaisgeach, fhàgail airson latha no dhà eile.

Alasdair

An turas: Trèana: Doolish-Purt Chiarn, Purt Chiarn-Bailley Cashtal, Bus: Balley Chashtal-Doolish. Bus: Balley Chashtal-Doolish.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Eileanan, Manainn, Mannin, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s