Tha Rathad-iarainn nan Crìochan fosgailte – dè a-nis? #gàidhlig #gaelic

‘S e latha mòr mòr a bhios ann do dh’Alba agus don rathad-iarainn nuair a dh’fhosglas rathad-iarainn nan Crìochan gu h-oifigeil a-màireach.

Tha mi air tiocaidean a cheannach gu Bruach Thuaidh airson an teaghlach air fad ann an co-latha-deug. Tha m’athair cèile às na Crìochan agus tha a bhràthair is a bhean a’ fuireach mu 50 slat air falbh bhon stèisean is mar sin, gheibh sinn srùbag cho math ri turas air an trèana!

11906209_977956028930309_263039110_n

Tha e gu math brosnachail gu bheil an uiread de  dh’uidh aig a’ phobal is aig na meadhanan anns an loidhne ùir seo.

Tha mi cho cinnteach ri cinnteach gum bi Rathad-iariann nan Crìochan soirbheachail agus gun cleachd tòrr a bharrachd dhaoine an loidhne seo na bhathar an-dùil. Carson a tha mi cinnteach? A chionn ’s gun do thachair seo le cha mhòr a h-uile loidhne rèile ùr a chaidh fhosgladh san 30 bliadhna mu dheireadh! Thachair e le Sruighlea-Allmhagh is Bathgate-Àrd Ruigh mar eisimpleir agus gu dearbha fhèin,tachraidh e le Rathad-iarainn nan Crìochan!

‘S e an rud as brosnachail a th’ ann mun ath-fhosgladh seo gu bheil daoine a-nis a’ faighneachd “Dè a-nis?” – dè an ath rathad-iarainn ùr. Chaidh a’ cheist seo fhaighneachd sna pàipearan, air TBh is rèidio agus sna meadhanan sòisealta.

Agus tha beagan iomairtean a tha gu sònraiche làidir aig an àm seo:

  • Campaign for Borders Railgus rathad-iarainn nan Crìochan ath-fhosgladh fad na slighe gu Carlisle. Tha an iomairt air tòiseachadh mar-thà gus an rathad-iarainn a thogail air ais gu Hawick – baile a tha gu math feumach air leasachadh eaconomach.  Ma tha e fìor gur e “ceum gun fheum an ceum à Hawick” – no “a day out of Hawick is a day wasted” mar a chanas iad, tha e gu math cudromach gun tig an rathad-iarainn air ais cho luath sa ghabhas gus am faigh sinn a-staigh dhan àite!
  • StarLink – airson an rathad-iarainn eadar Luacharas agus Cill Rìmhinn ath-fhosgladh ann am Fìobh ath-fhosgladh. Cuideachd air
  • Levenmouth Rail Campaign – gus an rathad-iarainn gu Lìobhann ann am Fìobh ath-fhosgladh. Tha athchuige air-loidhne aca agus tha iad gu math laidir sa choimhearsnachd.
  • Forth Rail Link – iomairt gus an loidhne eadar Allmhagh agus Dùn Phàrlain ath-fhosgladh do phasaindearan. Tha an athchuinge aca air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta.

Luacharas – bu chòir an loidhne ath-thogail gu Cill Rìmhinn

Tha iomairtean a’ dol air adhart cuideachd gus an rathad-iarainn gu Eilean Bhuchain (Ellon) ann an Siorrachd Obair Dheathain agus gus rathad-iarainn ùr gu Port Adhair Ghlaschu fhosgladh.

Tha tòrr mòr chothroman ann airson lìonra rèile na h-Alba an-dràsta. Tha mi an dòchas gum bi Rathad-iarainn nan Crìochan gu math soirbheachail is gun cùm na h-iomairtean seo uile am momentum  gus am faic sinn barrachd rathaidean-iarainn ùra ann an an ùine nach bi ro fhada.

Alasdair

Air m’ipod: The Scorpions Crazy World – 7/10. 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Ath-fhosglaidhean, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s