Zoom zoom zoom! Nàmhaidean na Gàidhlig is nan rathad-iarainn air twitter #gàidhlig

A bheil na “sùmairean” (zoomers) craicte a tha a’ cur an aghaidh na Gàidhlig air na meadhanan sòisealta a’ cur ort?*

Tha agus ormsa!

Bha daoine gu leòr a’ càineadh na Gàidhlig air twitter is a’ cur an aghaidh soidhnichean rathaid is rèile dà-chànanach san dà sheachdain mu dheireadh.

(Na gabh dragh – bidh iomradh air trèanaichean fhathast – bi foighidneach!)  

Sgrìobh Eòghan Stiùbhart pìos ann an Dàna bho chionn goirid  a’ moladh gun tèid sinn uile an sàs ann an deasbadan twitter agus ann an àiteachan eile le daoine a tha a’ cur air adhart beachdan aineolach mun chànain. Gu dearbh bu chòir dhuinn cur an aghaidh fiosrachadh a tha ceàrr mun Ghàidhlig, ach chan urrainn dhuinn uile sin a dhèanamh.

Tha cuid againn nach fhaod beachdan poilitigeach a chur an cèill a chionn ‘s gu bheil sinn ag obair san t-Seirbheis Chatharra no mar seirbheisich phoblach no ann an naidheachdas mar eisimpleir. (Chan eil mi ag ràdh gu bheil Gàidhlig poilitigeach, ach mar as trice, tha na daoine a tha an aghaidh na Gàidhlig den bheachd gur e rud politigeach/pàrtaidh poilitigeach fhèin a th’ ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an dòigh sam bith).

Chan eil e a’ còrdadh ris a h-uile duine a bhith a’ dol an sàs ann an argamaidean air Twitter nas motha, gu h-àraid nuair a tha thu a’ dèiligeadh ri daoine a tha gu math mì-chailear*.

Airson nan daoine nach eil airson pàirt a ghabhail anns an t-strì, tha dòigh eile ann.

Sin dìreach a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig air twitter. Tweetich sa Ghàidhlig, tweetich gu  buidhnean poblach is prìobhaideach sa Ghàidhlig no gu dà-chànanach. Ma nì thu seo, chì an luchd-leantainn agad a’ Ghàidhlig agus, ma gheibh thu retweets, chì tòrr a bharrachd dhaoine na tweets agad.

Bidh mi daonnan a’ dèanamh rudan mar seo. Fhuair mi retweets Gàidhlig bho iomadh, iomadh buidheann thairis air na bliadhnaichean agus chunnaic na mìltean rud beag Gàidhlig mar thoradh air seo. Chan e rud mòr cudromach a tha seo ach nithear càrn mòr de chlachan beaga mar a chanas iad.

mybordersrailway

Fhuair mi RT air tweet Gàidhlig bho @bordersrailway mar phàirt den iomairt #mybordersrailway bho chionn goirid agus bho iomadh rathad-iarainn glèidhte bho Rathad-iarainn Shrath Spè air a’ Ghàidhealtachd gu Rathad-iarainn Epping is Ongar ann am mòr-sgìre Lunnainn.

Tha e a’ cur oirnn nuair a chuireas daoine às leth na Gàidhlig gur e cànan marbh a th’ innte  ach air an làimh eile, chan fhaca is cha chuala tòrr de na daoine seo duine sam bith a’ cleachdadh na Gàidhlig riamh ann an suidheachadh àbhaisteach. Carson nach toir sinn an leisgeul sin air falbh bhuapa? Mar as motha a chì daoine a’ Ghàidhlig, ‘s ann as fheàrr.

Agus ma chleachdas sinn an hashtag #Gaelic a bharrachd air #Gàidhlig (rud a tha mi a’ feuchainn ri dhèanamh sna làithean seo), tha e a’ ciallachadh gum faic luchd na Beurla a tha a’ dol an sàs ann an deasbadan mun chànan gu bheil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh ann an tòrr mòr suidheachaidhean agus chan ann a-mhàin air soidhnichean rathaid no heileacoptairean!.

Nis – air cuspair rud beag eadar-dhealaichte, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi air seòrsa patrain a mhothachadh a thaobh cuid de na daoine a tha an aghaidh na Gàidhlig ann an deasbadan mar seo. Dh’fhaodte gu bheil mi ceàrr agus bu thoil leam beachdan dhaoine a chluinntinn air seo.

Tha diofar adhbharan aig daoine airson cur an aghaidh na Gàidhlig. Chunnaic sinn tòrr dhaoine a tha an aghaidh na Gàidhlig air adhbharan co-cheangailte ri poilitigs bho chionn goirid mar eisimpleir. Chan eil mi a’ dol a bhruidhinn air sin idir.

‘S ann a tha mi a’ dol a bhruidhinn air cho coltach sa tha cuid de na rudan a chunnaic mi sna meadhanan sòisealta bho dhaoine a tha an aghaidh pròiseactan rèile agus pròiseactan àrainneachdeil agus na rudan a sgrìobhas an aghaidh na Gàidhlig – uaireannan na h-aon daoine.

Ann a bhith a’ leantainn deasbad rathad-iarainn nan Crìochan thar nam bliadhnaichean agus deasbadan a thaobh grunn ath-fhosglaidhean rèile eile, tha e follaiseach gu bheil cuid ann a tha fada fada an aghaidh pròiseactan rèile san bith agus nach eil adhbhar rational follaiseach aca airson seo. Chan eil mi a-mach air NIMBYS ach daoine a tha gu dubh an aghaidh sgeamaichean rèile is trama ann am prionnsabal. Bha tòrr de sin a’ dol anns na Crìochan agus a thaobh tramaichean Dhùn Èideann (fiù’s mus robh trioblaid is connspaid ann leis na cosgaisean!)

An aon rud le tuathanasan gaoithe. Chan eil mi a’ ciallachadh an dàrna cuid NIMBYS no daoine a tha a’ cur an aghaidh sgeama sònraichte air adhbharan àrainneachdail mar dìon nan eun ach air na daoine a tha fada fada an aghaidh leasachadh cumhachd na gaoithe no cumhachd nan tonn ann an dòigh sam bith.

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil cuid a’ faicinn gluasad cànain is an gluasad bho rèile gu rathad, no a bith a’ gluasad bho lo-tech gu hi-tech mar adhartas, is mar adhartas a tha nàdarra is ceart is do-sheachanta . Nuair a rinn mi eachdraidh san sgoil is san oilthigh, bha ainm aca air seo – the Whig view of history. Seo am mìneachadh air ann am Wiki:

Whig history (or Whig historiography) is the approach to historiography which presents the past as an inevitable progression towards ever greater liberty and enlightenment

Mar sin, nuair a tha daoine ag ràdh gur dòcha nach robh cuid de na h-atharrachaidhean sa chomann sòisealta an dàrna cuid math no do-sheachanta, fàsaidh daoine a tha a’ faicinn an t-saoghail mar seo gu math ainfhoiseil, gu h-àraid nuair a thathar a’ moladh regression – trèanaichean is tramaichean ‘seann fhasanta’ an àite càraichean, a’ cleachdadh nas lugha de dhealain seach barrachd, no a’ cleachadh na Gàidhlig an àite na Beurla.

A bheil rudeigin agam an seo, no a bheil mi dìreach a’ smaoineachadh cus?

Alasdair

* Chan eil mi ag idir ag ràdh gu bheil a h-uile duine a tha an aghaidh na Gàidhlig craicte no mi-chàilear.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s