Doolish – San Francisco na h-Eòrpa! Turas Mhanainn 4 #gàidhlig #gaelic #gaelg

Tha Manainn gu math coltach ri California, tha fios.  Agus mas e Eilean Mhanainn “an Stàit Òir”, feumaidh gur e Doolish (Douglas) San Fransisco!

california mhanainn

Carson?

Sa chiad dol a-mach, tha Market Street ann am meadhan Dhoolish a bharrachd air an tè ainmeil ann an San Francisco (agus thug sin orm Alcatraz le Nazareth a sheinn nuair a chunnaic mi e!) Nas cudromaiche na sin, coltach ri San Francisco, tha tòrr diofar modhan còmhdhail retro ann an Doolish. Tha rathad-iarainn smuid, slighe-trama eich agus tramaichean-dealanach ann.

Ann an San Franciso, ma tha ùidh agad ann an dòighean còmhdhail eachdraidheil, tha an dà chuid busaichean-tràilidh agus tramaichean traidiseanta ann, agus a bharrachd air seo, tha tramaichean-càbaill ann. Tha na tramaichean-càbaill seo ainmeil air feadh an t-saoghail is iad air nochdadh anns na ceudan de dh’fhilmichean is prògraman TBh.

Bha tramaichean-càbaill ann an Doolish ann am Manainn uair cuideachd, eadar 1896 agus 1929. ‘B e seo Tram-vollagh Caabyl Ghoolish Heose (Upper Douglas Cable Tramway).

Mapa de loidhne càbaill Dhoolish

Mapa de loidhne càbaill Dhoolish (bho Wiki Commons)

Dè th’ ann an trama-càbail ma-thà?

Le trama-càbaill, tha càball eadar na rèilichean a tha a’ gluasad fad an t-siubhail. Bidh na tramaichean a’ greimeachadh air a’ chàball airson gluasad agus ga leigeil seachad nuair a tha iad airson stad. Chan eil einnsein no motar air na tramaichean seo idir – dìreach greimeire agus brèig.

Tha tramaichean-càbaill gu math feumail airson àiteachan a tha ro chas airson tramaichean àbhaisteach agus gu dearbh tha San Fransisco agus bràigh baile Dhoolish gu math cnocach cas.

Tha siostaman càbaill gu math cosgail a thogail, ge-tà, agus chan eil iad freagarrach airson astaran fada oir chan obraich iad le càball a tha ro fhada. Feumaidh iad a bhith caran slaodach cuideachd oir bidh na càballan a’ gluasad aig an aon astar fad an t-siubhal agus bhiodh e doirbh is cunnartach greimeachadh air càball a bha a’ dol aig barrachd air 5 no 10 mìle san uair.

Chaidh tòrr siostaman càbaill a thogail anns na 1870an is 1880an, gu h-àraid anns na Stàitean Aonaichte is Àstralia ach nuair a chaidh tramaichean dealanach a chruthachadh bho na 1880s a-mach, ’s e glè bheag de shiostaman ùra a chaidh fhosgladh, agus gu dearbh, chaidh tòrr de na siostaman tramaichean atharrachadh gu cumachd an dealain.

Mar a tha Cable Car Guy bhon làrach-lìn sgoinneil http://www.Cable-Car-Guy.com ag ràdh:

[Às dèidh dhan trama dealanach a bhith ann] the only reasons to build or retain cable car lines were stubborness, steep hills, or nostalgia. Cable cars survived on Market Street in San Francisco, California and in Chicago, Illinois until 1906 because of opposition to overhead trolley wires. Cable cars survived in Seattle, Washington until 1941 and in Dunedin, New Zealand until 1957 because of steep terrain. Now the only surviving cable cars operate in San Francisco, California because of a combination of stubborness, steep hills, and nostalgia.

Seo cunntas air slighe an Upper Douglas Cable Tramway a chaidh a sgrìobhadh nuair a dh’fhosgail an loidhne ann an 1896:

“The route … commences at the foot of the pier near the southern end of the Promenade, and opposite the Peveril Hotel. From this point it proceeds along Victoria Street, at the top of which it turns sharply to the right up the steep incline of Prospect Hill. The street then curves to the left and some distance further on, by another curve to the right, the tramway is brought into Bucks Road, which is a continuation of Prospect Hill. The route then lies along West View and Woodburn Road, passing several moderate curves until at the northernmost point of the line, Ballaquayle Road is reached. There is a sharp curve here and by a rapidly falling gradient the tram descends to the Broadway … down to the Promenade … which the tramway reaches near the site of the old iron pier.” “Cable Traction in the Isle of Man”, 1896 Railway World. October, 1896.

Ged a dhùin siostam Dhoolish ann an 1929, chaidh aon trama-chàbaill a ghlèidheadh ann am Manainn agus tha e a-nis a’ ruith le bataraidh. Sin car 72/73 a bhios a’ ruith air loidhne nan tramaichean-eich ann an Doolish bho àm gu àm agus a tha ri fhaicinn ann an taigh-tasgaidh airson a’ chòrr den bhliadhna. Seo dealbh den chàr seo anns na seann-làithean air stampa.

douglas01

Cha robh tramaichean-càbaill riamh cho mòr san Roinn Eòrpa sa bha iad anns na Stàitean. Anns an Rìoghachd Aonaichte, bha beagan siostaman ann an Sasainn a bha goirid is nach do mhair ro fhada. Ann an Alba, ge-tà, bha dà shiostam ann a bha nas soirbheachail is nas fhaide agus a mhair nas fhaide. Bha trama-càbaill ann an Dhùn Èideann suas gu 1923 (chaidh iad uile dealanachadh mu dheireadh) agus Subway Ghlaschu, a bha na siostam càbaill suas ri 1935 nuair a chaidh a dhealanachadh.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Manainn, Mannin, Subway Ghlaschu, tramaichean agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s