Rathaidean-iarainn Eileanan a’ Chaolais #gàidhlig

Tha am blog seo air sùil a thoirt air rathaidean-iarainn Mhanainn iomadh turas. ’S e dùthaich gu math inntinneach a th’ ann a thaobh rathaidean-iarainn, bun-reachd agus cànain.

Tha an aon rud fìor a thaobh nàiseanan eileanach elie a tha faisg oirnn – Eileanan a’ Chaolais: Deàrsaidh, Geàrnsaidh (Geansaidh?), Àldarnaigh agus Sarc.

Coltach ri Manainn, ‘s e eisimileachdan a’ chrùin (crown dependencies) a th’ ann am Bàillidhneachd Dheàrsaidh (Bailiwick of Jersey) is Bàillidhneachd Gheàrnsaidh (Baliwick of Guernsey): nàiseanan fèin-riaghlach fon chrùn nach eil nam pàirt den RA.

Tha an cànanan fhèin aig Deàrsaidh is Geàrnsaidh cuideachd – dualchainntean de  Fhrangais Nòrmanach.

Tha na cànanan gu math lag a-nis ach tha iad cudromach a thaobh fèin-aithne nàiseanta is gu math follaiseach ann an soidhnichean, tachartasan oifigeil, ainmean-àite is sloinnidhean is mar sin air adhart. Tha oidhirpean ath-bheothachaidh ann cuideachd, gu h-àraid ann an Deàrsaidh far a bheil L’Office du Jèrriais gu math gnìomhach. Chaidh Coimisean Cànan Dheàrsaidh a stèidheachadh bho chionn goirid cuideachd.

Gu mi-fhortanach, ge-tà, tha Frangais Aldarnaidh a-nis air a dhol bàs agus tha e coltach gu bheil Sarcais cha mhòr air a dhol à bith cuideachd.

Sin poilitigs agus cànanan, ma tha, ach a bheil rathad-iarainn sam bith aca?

Ann an Deàrsaidh, bha dà rathad-iarainn aca uair. Dhùin iad seo gu math tràth mar thoradh air farpais bho na busaichean.

Rathaidean-iarainn Dheàrsaidh - bho Wikimedia Commons

Rathaidean-iarainn Dheàrsaidh – bho Wikimedia Commons

Chan eil an t-eilean buileach gun trèanaichean, ge-tà. Tha loidhne ghoirid ann an Taigh-tasgaidh Pallot, ann an cearcall, le trèanaichean-smùid.

Ann an Gearnsaidh, bha rathad-iarainn ann cuideachd, eadar 1879 agus 1934. ‘S e slighe-trama a bha seo, le tramaichean smùid an tòiseach agus an uair sin, bho 1892, le tramaichean dealanach.

Guernsey_Railway_Company

Rathad-iarainn Gheàrnsaidh – Saint Peter Port gu Saint Sampsons – bho Wikimedia Commons

Chan eil rathad-iarainn air fhàgail ann an Gearsnaidh fhèin an-diugh, ach tha rathad-iarainn ann an eilean eile a tha mar phàirt de Bhàilidhneachd Gheànsaidh (The Bailiwick of Guernsey).

Seo Àldarnaigh no Alderney. Tha rathad-iarainn Àldarnaigh air aon de na loidhnichean glèidhte as inntinniche a th’ ann. Chaidh a thogail gus clach a thoirt bhon chuaraidh gus cuideachadh le obair togail air a’ chidhe agus air gearastanan a bhathar a’ togail aig an àm agus an uair sin gus clach a thoirt do bhàtaichean. Cha robh seirbheis riamh ann do luchd-siubhail – ged a fhuair Bhictoria is Albert cothrom a dhol air ann an 1854.

Dhùin an rathad-iarainn airson bathair anns na 70an ach dh’fhosgail e mar loidhne do luchd-turais ann an 1980. Tha an loidhne mu 2 mhìle a dh’fhaide.

Rathad-iarainn Àldarnaigh, bho làrach-lìn rathad-iarainn Àldarnaigh

Rathad-iarainn Àldarnaigh, bho làrach-lìn rathad-iarainn Àldarnaigh

Tha seo uile neo-àbhaisteach gu leòr ach a bharrachd air sin, chan e carabadan cuaraidh a chithear a-nis ach trèanaichean tiub Lunnainneach air an tarraing le shunter beag!

A bharrachd air an rathad-iarainn, tha suidheachadh bun-reachdail Àldarnaidh gu math inntinneach do dh’anarag mar mi fhèin. Is e pàirt de Bhailidhneachd Gheansaidh a th’ ann ach tha fèin-riaghaladh aig Geansaidh taobh a-staigh na  baillidheachd agus tha a pàrlamaid fhèin aig an eilean: Stàitean Àldarnaigh – the States of Alderney.

Tha eilean fèin-riaghalach eile taobh a-staigh Bàilnidheachd Gheàrnsaidh – Eilean Sarc. Ged is e eilean gu math beag a th’ ann is gun ach 600 a’ fuireach ann, tha a phàrlamaid fhèin aig Sark cuideachd – the Chief Pleas – pàrlamaid a tha gu math gu math cumhachdach – nas cumhachdaiche na pàrlamaid Àldarnaigh. Inntinneach – ach cha robh rathad-iarainn aca riamh, gu mì-fhortanach!

Seo beagan a bharrachd fiosranciadh mu na h-Eileanan:

Dùthaich Bratach Sluagh Meud
Deàrsaidh  Flag_of_Jersey.svg 99,500 118.2 km2
Geàrnsaidh  guensaidh 65,849 78 km2
Àldarnaigh  220px-Flag_of_Alderney.svg 1,903 8 km2
Sarc  800px-Flag_of_Sark.svg 600 5.45 km2

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

4 freagairtean ri Rathaidean-iarainn Eileanan a’ Chaolais #gàidhlig

  1. Thuirt Steaphan MacRisnidh:

    Alasdair, tha am blog agad cho mionaideach agus tha e sgoinneil bhith leughadh ann an Gàidhlig mu dheidhinn a leithid seo de dh’àitichean is mun chuspair àraidh seo.

    Liked by 1 duine

  2. Pingback: Rathad-iarainn Àldarnaigh #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s