Rathaidean-iarainn sna dùthchannan Ceilteach – A’ Chòrn / Kernow #gaidhlig #kernewek

Thug sinn sùil air rathaidean-iarainn na h-Alba, na h-Èireann agus na Cuimrigh cho math ri lìonra-rèile Mhanainn. Dè mu dheidhinn nan dùthchannan Ceilteach eile, ge-tà: a’ Chòrn agus a’ Bhreatainn Bheag?

Seo mapa de na rathaidean-iarainn Còrnach mar a tha iad an-diugh.

CornwallRailwayMap

(Bho WIkimedia Commons)

‘S e prìomh-loidhne na Cùirne an loidhne as cudromaiche san dùthaich. Tha e a’ tighinn a-steach dhan dùthaich thairis air an Tamar air drochaid ainmeil Royal Albert ann an Essa (no Saltash mar a th’ air sa Bheurla) agus a’ dol gu Penzance (Còrnais: Pensans) aig ceann eile na dùthcha. Chaidh an loidhne seo, agus a’ mhòr-chuid de na loidhnichena eile sa Chòrn, a thogail le Brunel agus mar sin, bha i sa ghèidse-leathann (7′) aig an Great Western Railway fad iomadh bliadhna gus an deach atharrachadh gu gèidse-choithcheann (4′ 81/2″)  anns na 1890an.

Seo mapa den lìonra mus deach tòrr a sgrios leis an Dr Beeching (tuiteam gun èirigh air agus leac air a bheul!) Mar a chithear air a’ mhapa, dh’fhàg an Dr Olc taobh tuath na dùthcha gun rathad-iarainn sam bith agus cuid de na bailtean as cudromaiche far an lìonra mar Bude/Porthbud, Padstow/Lannwedhenek agus Wadebridge/Ponswad .

Rathaidean-iarainn na Cùirne mus deach an sgrìobh leis an Dr Olc Beeching

Rathaidean-iarainn na Cùirne mus deach an sgrìobh leis an Dr Olc Beeching

Bhuail na gearraidhean gu dona air a’ Chòrn oir ged nach robh na loidhnichean trang sa gheamhradh, bha iad loma-làn luchd-turais rè mìosan an t-samhraidh agus bha an trafaig air na rathaidean uamhasach aig an àm sin den bhliadhna, fiù’s sna 60an.

Gu fortanach, chaidh beagan de na slighean dùinte ath-fhosgladh mar loidhnichean glèidhte, ge-tà: Bodmin and Wenford Railway, Helston Railway, Lappa Valley Railway agus an Launceston Steam Railway.

Coltach ri Alba, tha seirbheis trèana oidhche eadar Lunnainn agus a’ Chòrn – an Night Riviera eadar Lunnainn Paddington agus Penzance. Latha de na làithean, mar phàirt den turas a tha mi airson dèanamh eadar Sealtainn is Scilly (tha Taigh Iain Ghròt gu Land’s End ro fhurasta!), bu toil leam a dhol air a’ Chaledonian Sleeper bho Inbhir Nis gu Lunnainn aon oidhche agus air an Night Riviera an ath oidhche!

Trèana oidhche ann an Glaschu. 'S bochd gun robh e dìreach a' dol gu Lunnainn agus chan ann fad na slighe gu Penzance! Trèana oidhche ann an Glaschu. 

Tha poilitigs is cànain na Cùirne gu math inntinneach a bharrachd air an rathad-iarainn. Seo mapa den lìonra a rinn mi sa Chòrnais leis na prìomh stèiseanan.

Mapa de rathaidean-iarainn na Cùirne (prìomh stèiseanan a-mhàin)

Mapa de rathaidean-iarainn na Cùirne (prìomh stèiseanan a-mhàin)

Tha eachdraidh na Còrnais gu math inntinneach. Anns a’ mhapa seo chithear crìonadh a’ chànain. Chaochail na daoine mu dheireadh aig an robh i gu fileanta san 18mh linn.

Ged nach robh duine sam bith air fhàgail aig an robh an cànan bho thùs, bha gu leòr sgrìobhte innte, a’ mhòr-chuid dheth sgrìobhte sna meadhan aoisean ach le beagan a bharrachd sgrìobhte san 17mh is 18mh linn. Air an adhbhar seo, ghabhadh an cànan ath-chruthachadh.

Crìonadh na Còrnais (bho WikiMedia Commons)

Crìonadh na Còrnais (bho WikiMedia Commons)

Thòisich an t-ath-bheothachadh ann an 1904 nuair a dh’fhoillsich Henry Jenner (1848-1934), a Handbook of the Cornish Language agus chaidh Jenner a leantainn le R. Morton Nance (1873-1959) a sgrìobh is a dh’fhoillsich faclairean is leabhraichean ionnsachaidh sa chànan, gu sònraichte Cornish for All (1929).

Cha robh dòigh-sgrìobhaidh aonaichte aig a’ Chòrnais gu traidiseanta agus bha feum air seo airson an ath-bheothachaidh. ‘S e Còrnais Aonaichte a bh’ aig Nance air an dòigh sgrìobhaidh a bh’ aige airson Còrnais agus b’ e seo an dòigh sgrìobhaidh a bh’ aig a h-uile duine fad 50 bliadhna.

Lean iomairtean na cànain gu soirbheachail gu nas 80an le barrachd is barrachd dhaoine a’ fàs fileanta sa chànain agus le clann a-nis ann aig an robh Còrnais bho thus airson a’ chiad turas ann an 200 bliadhna!

Anns na 80an, ge-tà, dh’fhàs e follaiseach gun robh beagan mhearachdan ann an Còrnais Aonaichte. Air an adhbhar seo, chaidh dòigh-litreachaidh ùr a chruthachadh: Kernewek Kemmyn – (Common Cornish) – gus na mearachdan a chur ceart. Ghabh a’ mhòr-chuid de luchd-labhairt na Còrnais agus buidhnean cànain ris an dòigh-litreachaidh seo ach bha cuid ag iarraidh cumail ri Còrnais Aonaichte.  “Is dòcha nach eil i foirfe”, thuirt iad, “ach rinn i a’ chùis fad ùine mhòr agus carson a bu chòir dhuinn atharrachadh a-nis”.

An uair sin, ge-tà, chaidh dòigh-sgrìobhaidh eile a chruthachadh – seo Còrnais Nuadh  (Modern Cornish).  Bha seo gu math eadar-dhealaichte ris an dà dhòigh-sgrìobhaidh eile oir bha iad sin stèidhichte gu ìre mhòr air Còrnais bho na meadhan-aoisean ach bha Còrnais Nuadh stèidhichte air na rudan mu dheireadh a chaidh a sgrìobhadh sa chànan san 17mh is 18mh linn. Cha do chòrd seo ris na buidhnean cànain eile, ge-tà, oir bha iad den bheachd nach robh gu leòr sgrìobhte de Chòrnais dheireannaich airson a bhith cinnteach gun robh an siostam aca ceart agus gun robh cus Beurlachas sa chànan an dà chuid a thaobh briathrachais agus gràmair aig an àm sin.

Dh’fhàs an eas-aonta eadar na diofar dhòighean sgrìobhaidh gu math gu math mòr agus chaidh tòrr den luchd-iomairt a-mach air a’ chèile gu dubh.

Dh’fhàs cuisean cho dona is nach robhar a’ dèanamh adhartas sam bith le bhith a’ cur air adhart na cànain ann an dòigh shusbainteach  – soidhnichean, foghlam agus mar sin air adhart a chionn ‘s gun robh luchd-labhairt na cànain cho trang a bhith a’ sabaid nam measg fhèin agus a chionn ‘s gun robh na diofar dòighean-litreachaidih a’ toirt leisgeul do na h-ùghdarrasan gun dad a dhèanamh airson na Còrnais.

Mu dheireadh, ge-tà, dh’aithnich tòrr nach robh an suidheachadh seasmhach agus nach tigeadh adhartas mur a robh aonta ann air litreachadh. Às dèidh don chànan aithne fhaighinn bho Riaghaltas Bhreatainn tro Chairt Eòrpach nam Mion-chànanan ann an 2001, bhathar an dùil ri barrachd taic is leasachadh dhan chànan agus chaidh MAGA – Keskowethyans an Taves Kernewek (MAGA – the Cornish Language Partnership) a stèidheachadh ann an 2005 gus Còrnais a bhrosnachadh agus bha MAGA an sàs gu mòr ann a bhith a’ cruthachadh siostam-litreachaidh standard le aonta bho na buidhnean cànain uile. ‘S e seo a tha air a chleachadh airson soidhnichean oifigeil is mar sin air adhart. Bho chaidh seo aontachadh, tha tòrr a bharrachd soidhnichean dà-chànanach ann agus tha Comhairle na Cùirne (Cornwall Council) dìreach air plana Còrnais aontachadh airson a’ chiad uair.

Penn an Wlas = Land’s End

Chan eil foghlam tro mheadhan na Còrnais ann fhathast ach tha tòrr luchd-ionnsachaidh ann. A rèir rannsachaidh bho chionn còig bliadhna, tha mu 2,000 fileanta sa Chòrnais. Chan eil sin idir dòna airson cànan aig nach robh neach-labhairt sam bith ann an n1900!

A thaobh poileataigs, chan eil fèin-riaghaladh aig a’ Chòrn ach tha iomairt làidir airson seanadh dhan dùthaich. Tha pàrtaidh poilitigeach ann – Mebyon Kernow (“mic na Cùirne”) a tha airson seanadh a stèidheachadh coltach ri Seanadh na Cuimrigh no Pàrlamaid na h-Alba. Tha iad uaine agus air an làimh chlì agus tha ceithir comhairlichean aca air air Comhairle na Cùirne (Cornwall Council). A bharrachd air Mebyon Kernow, tha buidheann iomairt ann a tha fosgailte do dhaoine bho phàrtaidh sam bith: Cornish Constitutional Convention: Senedh Kernow. Ged nach eil sgeul air seanadh dhan Chòrn fhathast, ge-tà, tha Riaghltas na RA air na Còrnaich aithneachadh mar mion-shluagh tron European Framework Convention for the Protection of National Minorities.  Chaidh barrachd cumhachdan a thiomnachadh (devolved) gu Comhairle na Cùirne bho chionn goirid cuideachd le Riaghaltas na RA.

‘S e àm inntinneach a tha seo airson na Cùirne a thaobh cànain is poileataigs.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chòrn, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Rathaidean-iarainn sna dùthchannan Ceilteach – A’ Chòrn / Kernow #gaidhlig #kernewek

  1. Pingback: Rathaidean-iarainn sna dùthchannan Ceilteach – A’ Chòrn / Kernow  | An Tuairisceoir

  2. Pingback: Cuidich a’ Chòrnais! #Gàidhlig #Kernewek | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s