Feumaidh gu bheil e doirbh do AC/DC ma tha iad ag iarraidh coinneachadh. Leugh mi an am badeigin gun robh Angus a’ fuireach ann an Astràilia, Malcolm ann an Sasainn, Cliff ann an Carolina a Tuath, Phil ann an Sealan Nuadh agus Brian ann am Florida.
Tha an còmhlan agam – Sons of El – rud beag biodach mar sin ged nach eil an t-airgead no an talant againn! Tha mi fhèin, Scott agus Derek a’ fuireach ann an Glaschu ach tha Jake is Ant a’ fuireach ann an Siorrachd York “an t-Siorrachd as Motha agus as fheàrr ann an Sasainn” mar a chanas iad!
‘S ann air an adbhar seo a bha mi ann an Stèisean a’ Mheadhain aig 06:30 Disathairne agus mi a’ dèanamh air Leeds airson cluich leis a’ chòmhlan.
Aig an àm sin madainn Disathairne, tha an stèisean sàmhach falamh agus tha rudan dìreach a’ tòiseachadh air dùsgadh.
Airson a dhol eadar Glaschu is Leeds, bidh thu a’ dol air an rathad-iarainn as bòidhche agus as cliùitiche ann an Sasainn. Tha loidhne na Gàidhealtachd an Iar againn is Loidhne Dhoire aig na h-Èireannaich – tha an Settle and Carlisle aig na Sasannaich.
Tha an S&C a’ ceangal Cumbria ri Siorrachd York agus e a’ dol tro mhonaidhean is beanntan brèagha. Tha e ainmeil gu sònraichte airson drochaid ainmeil Ribblehead. Chaidh a thogail mar phrìomh loidhne agus b’ àbhaist cuid de na trèanaichean eadar Lunnainn is Dùn Èideann a bhith a’ dol ann taobh an S&C agus Slighe a’ Waverley tro na Crìochan.
Chaidh Slighe a’ Waverley a dhùnadh ann an 1969 agus cha mhòr nach deach an S&C a dhùnadh fichead bliadhna às dèidh sin. Gus airgead a chaomhnadh, bha BR air tòrr de na stèiseanan a dhùnadh air an loidhne agus tòrr de na trèanaichean a ghearradh. AIg tòiseach nan ochadan, cha robh ach dà thrèana gach taobh gach latha agus cha robh ach dà stèisean air fhàgail. Bha BR airson an loidhne a “ruith sìos” mean air mhean gus am b’ urrainn dhaibh a dùnadh uile gu lèir. Cha robh iad a’ faicinn cus feum air aig an àm agus bha obair-chàraidh chosgail a dhìth.
Cha robh a h-uile duine ag aontachadh, ge-tà. Chaidh buidheann iomairt air an robh the Friends of the Settle and Carlisle Line a stèidheachadh gus a dìon. Rinn iad obair sanasachd sgoinneil agus bhrosnaich iad daoine gus an loidhne a chleachdadh – muinntir an àite, luchd-coiseachd agus luchd-turais. Chaidh an luchd-cleachdaidh am meud gu mòr – ged nach robh mòran trèanaichean no stèiseanan air fhàgail – agus chuir seo nàire mhòr air BR a bha a’ cumail a-mach nach robh daoine a’ cleachdadh na loidhne. Rinn iad coiteachadh le luchd-poileataigs cuideachd.
Chuir BR iarrtas oifigeil dhan Riaghaltas gus an loidhne a dhùnadh. Ann an 1989, ge-tà, às dèidh dha cnuasachadh air, dhiùlt am Ministear an t-iarrtas. Cò am ministear? Fear Mìcheal Portillo!
‘S e deagh naidheachd a bha seo dhan S&C ach bha e na bu chudromaich buileach dhan lìonra rèile air fad. Thathar a-nis a’ coimhead air a’ cho-dhùnadh seo mar chruth- atharrachadh ann am poileasaidh rathaidean-iarainn. Aig tòiseach/meadhan nan 60an, chaidh tòrr mòr loidhnichean a dhùnadh mar thoradh air Beeching. Aig deireadh nan 1960an, chaidh barrachd a dhùnadh, cuid a chaidh moladh le Beeching is cuid nach deach. Bha cuid de na loidhnichean gu math mòr is cudromach. Ged nach robh an uiread de dhùnaidhean sna 70an is 80an, bha faireachdainn ann gun robh na rathaidean-iarainn a’ crìonadh mean air mhean agus gur e an càr is an làraidh an t-slighe air adhart.
Le barrachd ùidh aig daoine san àrainneachd, trafaig a’ dol am miosad is soirbheas iomairt InterCity BR, bha an co-dhùnadh an S&C a chumail gu math samhlachail. Bho sin a-mach, cha deach loidhne chudromach sam bith eile a dhùnadh agus chan eil luchd-poilitigs no companaidhean rèile fiù ’s a’ bruidhinn mu rathaidean-iarainn a dhùnadh tuilleadh.
Tha an S&C fhèin na shamhla air seo. Tha an loidhne loma-làn trèanaichean bathair a-nis agus tha luchd-cleachdaidh na loidhne a’ dol am meud fhathast le barrachd trèanaichean is stèiseanan ath-fhosgailte.
Stèisean Inbhir Theòrsa – thug an co-dhùnadh gus an S&C a shàbhaladh dòchas mòr do loidhnichean dùthchail eile.
Ri leantainn….
Alasdair
staran@tesco.net