An trama-trèana a’ tighinn! #gàidhlig

OK – tha fios againn uile dè th’ ann an trama is dè th’ ann an trèana, ach an robh fhios agaibh gu bheil an leithid dè rud ann ri trama-trèana?

Uill tha, agus bidh muinntir Sheffield a’ fàs gu math eòlach orra ann an ùine nach bi fada.

‘S e a th’ ann an trama-trèana ach carbad rèile a tha lethach slighe eadar trèana is trama. Tha iad gu math subailte oir faodaidh iad ruith air an rathad-iarainn àbhaisteach agus air slighe-trama cuideachd, a’ gabhail a-steach a bhith a’ ruith air an t-sràid.

1024px-Avg-898-00

Trama-trèana sa Ghearmailt. “Avg-898-00” by K. Jähne bho WikiMedia Commons.

Tha seo a’ ciallachadh gun tèid aig an trama-trèana air ruith air an t-slighe trama anns a’ bhaile, a’ frithealadh air àiteachan nach eil air an rathad-iarainn agus gu bheil e cuideachd comasach air a dhol  air an rathad-iarainn àbhaisteach gu baile no sgìre eile aig astar gu math luath.

Tha seo fìor mhath dhan luchd-siubhail oir faodaidh iad siubhail gun a bhith ag atharrachadh eadar trama is trèana agus nach fheum iad ach aon tiocaid airson an turais.

Tha seo uamhasach math ach chan e gnothach furasta a th’ ann idir. Tha rathaidean-iarainn is slighean-trama gu math eadar-dhealaichte ged a ruitheas an dà chuid air rèilean.  Airson a dhol air an rathad-iarainn mhòr, feumaidh na trama-trèanaichean a bhith gu math làidir is luath. Bidh iad air a’ mhòr-loidhne far am bi trèanaichean àbhaisteach ann a tha gu math trom agus gu math luath agus mar sin, feumaidh iad a bhith gu math “crashworthy” air eagal ‘s gum buail iad ann an trèana guail! Aig an aon àm, chan urrainn dhaibh a bhith ro mhòr is ro throm a chionn ‘s gum bi iad a’ ruith air an rathad cuideachd far  am bi daoine is càraichean is luchd-baidhseagail ann. Agus gu tric, tha slighean-trama gu math cas is gu math lùbach – rud nach eil freagarrach airson trèanaichean àbhaisteach.

Air an adhbhar seo, chan e obair fhurasta a th’ ann siostam trama-trèanaichean a chur air dòigh. Gabhaidh a dhèanamh, ge-tà, agus tha siostaman soirbheachail ann san Roinn Eòrpa, gu sònraichte ann an Karlsruhe sa Ghearmailt far a bheil siostam mòr is cliùiteach ann.

Cha deach trama-trèanaichean a chleachdadh san RA fhathast ach tha aon phròiseact ann a tha rud beag coltach ris – seo air an Tyne and Wear Metro far a bheil trèanaichean àbhaisteach is trèanaichean a’ mheatro a’ co-roinn an trac eadar Pelaw agus Sunderland air pàirt den t-siostam a dh’fhosgail ann an 2002.

8325934626_f90d066cba

Trèana Tyne and Wear Metro

Tha Riaghaltas na RA gu bhith a’ dèanamh paidhleat ceart air trama-trèanaichean a dh’aithghearr, ge-tà, air siostam South Yorkshire Supertram. Bho 2017 bidh trama-trèanaichean a’ ruith eadar siostam trama Sheffield agus Rotherham taobh an rathad-iarainn àbhaisteach agus an uair sin a’ dol air slighe-trama ùr ann am pàirc-ghnìomhachais taobh a-muigh Rotherham. Tha na trama-trèanaichean ùra gan togail an-dràsta agus tha a’ chiad fhear aca a-nis ann an Sheffield.

Sheffield_Supertram_tram-train_artists'_impression

Dealbh neach-ealain den choltas a bhios air trama-trèana Sheffield – an Clas 399

Ma bhios an deuchainn seo soirbheachail, dh’fhaodte gun tèid a leudachadh barrachd. Tha trama-trèanaichean cosgail ach chan seo idir cho cosgail ri bhith a’ togail rathaidean-iarainn àbhaisteach ùra no a bhith a’ togail làn shiostaman thramaichean.  Bhiodh trama-trèanaichean gu math feumail airson rathaidean-iarainn a leudachadh gu pàircean-gnìomhachais, puirt-adhair no sgeamaichean taigheadais no ospadalan “taobh a-muigh a’ bhaile” mar eisimpleir.

Ged a tha am pròiseact seo ann an Sasainn, dh’fhaodte gun tachair e ann an Alba latha de na làithean cuideachd. Chuir Riaghaltas na h-Alba às don phlana gus rathad-iarainn ùr a chruthachadh do Phort-adhair Ghlaschu air sgàth chosgaisean beagan bhliadhnaichean air ais ach tha iad a-nis a’ beachdachadh air planaichean gus slighe-trama a thogail dhan phort-adhair agus bi iad a’ coimhead air trama-trèanaichean mar phàirt de seo.

Tha luchd-iomairt rèile ann an Dùn Èideann a tha airson “South-Sub” Dhùn Èideann ath-fhosgladh a moladh gun tèid trama-trèanaichean a chleachdadh airson seo a chionn ‘s gu bheil stèisean Waverley a a-nis ro làn gus mòran trèanaichean a bharrachd a ruith.

Dh’fhaodte gum biodh e gu math feumail airson Braehead no Silverburn ann an Glaschu cuideachd .

‘S e pròiseact lèirsinneach a tha seo agus tha mi an dòchas gun tèid gu math leis. Tha Leeds gu bhith ag ath-fhosgladh lìonra nam busaichean-tràilidh cuideachd – abair gur e siorrachd leirsinneach a th’ ann an Siorrachd York!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, Metrothan, rathaidean-iarainn, tramaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s