“A’ cur fios air na gaisgich uile” – turas air loidhne Costa Cumbria #gàidhlig #cumbria

Is toil leam a bhith a’ dol air turas rèile eadar an Nollaig agus a’ bhliadhna ùr nuair a tha cùisean gu math sàmhach.

Am-bliadhna, thagh mi turas air loidhne costa Cumbria, an rathad-iarainn eadar Carlisle agus Barrow-in-Furness agus a tha an uair sin air adhart gu Carnforth is Lancaster mar am Furness Line. Tha mi air a bhith air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba a-nis agus tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach loidhne ann an Cumbria cuideachd.

railmap

Seo rathaidean-iarainn uile Cumbria.Tha loidhne a’ chosta is loidhne Furness ann an gorm.

‘S e rud sònraichte eile mu Rathad-iarainn costa Cumbria/Furness gu bheil trèanaichean le locothan ceart ann an-dràsta seach dìreach aonadan rèile (DMUs – diesel multiple units). Agus ‘s e Clas 37s a tha iad a’ cleachdadh – an loco a tharraing na trèanaichean uile air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar, Loidhne a’ Chaoil agus Loidhne a’ Chinn a Tuath fad iomadh bliadhna.  Chan eil rud sam bith cho Gàidhealach ri 37 agus ged a tha iad còrr is 50 bliadhna a dh’aois, tha tòrr aca fhathast ann.

23959129482_39a7e19261

Clas 37 – Rìgh nan Gleann!

Rud eile mun loidhne seo, ‘s e gu bheil ainmean neònach air tòrr de na stèiseanan. Aon latha bha mi fhèin is Jenny ann an stèisean Carlisle agus chuala sinn fios air an tannoy mu thrèana costa Cumbria. “This train will stop at Aspatria, Flimby, Corkickle, St Bees, Cark….”

“Corkickle? Are these real places or are they just making them up for a laugh?”arsa Jenny.

Bha mi airson faighinn a-mach!

Nis, nuair a tha mi a’ cur splaoid rèile air dòigh, tha e daonnan a’ còrdadh rium a bhith a’ planadh an turais a cheart cho math sa tha e a’ bhith ga dhèanamh aig a’ cheann thall. Is toil leam faighinn a-mach mu na clàran-ama, na tiocaidean as saoire agus mu na h-àiteachan a chì mi air an t-slighe. Agus gu dearbh, bha tòrr obair planaidh a dhìth airson an turais seo. Chuir mi tiocaidean air dòigh beagan ro Stoirm Eubha (gu math iomchaidh oir ‘s e Eubha an t-ainm a th’ air an nighean bheag agam!) agus an uair sin, bha agam ri planaichean eile a dhèanamh air eagal’ s gun robh dàil air na trèanaichean leis an uisge. Bha e coltach gum biodh pàirt den loidhne dùinte agus leis nach eil mòran trèanaichean air loidhne costa Cumbria, bha agam ri faighinn a-mach mu na busaichean cuideachd air eagal’ s gun robh agam ri dhol air coidse airson pàirt den t-slighe.

Thòisich a’ mhadainn aig 5.30m Dimàirt agus fhuair mi tagsaidh gu Stèisean a’ Mheadhain far am faca mi an droch naidheachd air an sgrìn mhòr gun do chaochail Lemmy.  Chunnaic mi Motorhead beò iomadh turas agus ‘s e call mòr a th’ ann.

Air dhomh Carlisle a ruighinn, bha mi a’ smaoineachadh cho coltach ri Stèisean Pheairt sa bha Stèisean Carlisle. Tha mi air faighinn a-mach bhon uair sin gu bheil adhbhar ann air sin: gun deach an dà chuid a thogail leis an aon duine, William Tite.

Cheannaich mi cofaidh is tiocaid airson loidhne a’ chosta is ghlac mi trèana 08:42.  Bha a’ chiad phàirt den t-slighe gu math doirbh is gu math slaodach mar thoradh air na tuiltean. Aig stèisean Dalston, bha an t-uisge mu 6 oirlich os cionn mullach nan rèilichean agus bha an rathad-iarainn a’ coimhead caran coltach ri canàl.

Aig tòiseach na loidhne, chan eil cus ann ri fhaicinn. Tha an rathad-iarainn a’ dol tro achaidhean gu math còmhnard.  Nuair a ruigeas e an costa aig Flimby, ge-tà, tha a h-uile rud eadar-dhealaichte agus gheibhear seallaidhean do-chreidsinneach den tràigh agus den mhuir. Tha an loidhne an uair sin a’ ruith an cois a’ chladaich airson a’ chòrr den t-slighe.

Tha an loidhne ann am Pàirc Nàiseanta Sgìre nan Loch bho stèisean Ravenglass agus Silecroft chithear tòrr a bharrachd beanntan ais lochan bho sin a-mach.

5103971390_a99e4fb603

Tha Rathad-iarainn Ravenglass is Eskdale ri taobh stèisesan Ravenglass air Loidhne Costa Cumbria

Ged a tha daoine ag ràdh gur e an Settle and Carlisle an rathad-iarainn as fheàrr ann an Sasainn, chanainn gu bheil loidhne costa Cumbria a cheart cho math.

‘S e an aon rud nach eil cho brèagha  mun t-slighe gun tèid thu seachad air aonad niuclasach Sellafield. Tha e cho grànda sa tha e cunnartach is nuair a bha sinn a’ dol seachad air, thuirt cuideigin eile air an trèana “It looks like a prison, doesn’t it!”  Bha agam ri aontachadh! Ach ged a tha an sgìre mì-chliùiteach airson  cumhachd niùclasach, tha e follaiseach gu bheil cumhachd ath-nuadhachail a’ fàs nas motha cuideachd agus tòrr mòr muileannan gaoithe agus cuideachd achadh de phanalan grèine rim faicinn faisg air an loidhne fad na slighe.

 

ssl-scots_96dpi(3)

 

Cha robh e fada gus an do dhiochuimnich mi mu Sellfield ge-tà agus às dèidh Millom, tha an loidhne a’ fàs brèagha dha-rìribh agus timcheall air Foxfield (far am b’ àbhaist meur-loidhne Coniston a bhith a’ ceangail ris an lìonra) tha an cruth-tìre cho Albannach is gun saoileadh tu gu bheil thu air a’ Ghàidhealtachd!

Gu dearbha, ‘s e rathad-iarainn gu math seann fhasanta a tha seo agus tha e coltach ris na loidhnichean Gàidhealach ann an iomadh dòigh oir is e loidhne dhùthchail a th’ innte a tha a’ ceangail bailtean beaga iomallach ri chèile. Tha tòrr tòrr mòr stèiseanan ann cuideachd mar a tha air loidhne na Gaidhealtachd dan Iar no loidhne a’ Chinn a Tuath. Tha an loidhne mu 100 mìle a dh’fhaid agus tha mu 35 stèiseanan oirre eadar Cumbria is Lancaster, tòrr far am feum thu innse dhan gheàrd gu bheil thu airson stad no do làmh a chur a-mach gus an stad an trèana dhut.

Chan eil an rèile uile air a thàthadh ri chèile nas motha is mar sin, gheibh thu am fuaim “clickety click” ainmeil nach eil cho cumanta air rathaidean-iarainn an latha an-diugh.  Tha na trèanaichean cuideachd gu math slaodach agus tha e a’ toirt cha mhòr 3 uairean gu Barrow is 4 uairean gu leth gu Lancaster air loidhne a’ chosta.

Agus an àite siognailean solais no siognalan radio, ‘s e na seann siognailean semaphore a tha air rathad-iarainn costa Cumbria cuideachd le tòrr mòr bogsaichean siognail na seann sgoile air an loidhne.

Chan eil trèanaichean air an loidhne eadar Whitehaven is Millom às dèidh 7f gach latha aig an àm seo agus chan eil trèanaichean ann Didòmhnaich ach tha barrachd trèanaichean ann a-nis na b’ àbhaist agus thathar an dùil ri leasachaidhean tron cheud-ruith (franchise) ùr airson Northern Rail a tha a’ tòiseachadh ann an ùine nach bi ro fhada.

Ach bu chòir dhuinn dìreach a bhith toilichte gu bheil an loidhne fhathast ann idir. A rèir coltais, cha deach a dhùnadh aig àm Beeching a chionn ‘s gun robh e cudromach airson Sellafield.

Seo an seòrsa rathad-iarainn a chleachdadh tu airson an experience agus chan ann a-mhàin airson a dhol eadar A is B. Thoir leat biadh is cofaidh is caraid is bi deagh latha agaibh a’ coimhead air na seallaidhean agus ag èisteachd ri fuaim cumhachdach an clas 37!

Èist ri 37 an seo!

Ri leantainn….

Alasdair

An t-slighe: GLC-CAR (390 009), CAR-BIF (37 423), BIF-CNF (156 423).

Air m’ ipod: It Bites Once around the World (1988), 9/10. Ceòl prog sgoinneil à Egremont air costa Cumbria! ‘S iad aig an robh an hit Calling all the Heroes ann an 1986.

An leabhar agam: Tristan da Cumha and the Tristanians, Daneil Schreier & Karen Lavarello-Schreier.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an England, rathaidean-iarainn, Sasainn agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri “A’ cur fios air na gaisgich uile” – turas air loidhne Costa Cumbria #gàidhlig #cumbria

  1. Thuirt Catriona Mhoireach:

    Math fhèin!

    Liked by 1 duine

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s