Brief Encounter – turas air loidhne Furness #gaidhlig #cumbria

Thòisich an turas agam gu Cumbria le rathad-iarainn Costa Cumbria eadar Carlisle agus Barrow-In-Furness. An uair sin, bha an t-àm ann a dhol air loidhne  Furness a tha a’ ruith eadar Barrow-in-Furness agus Lancaster.

furness line

Loidhne Furness

Bha loidhne Costa Cumbria eadar Carlisle is Barrow gu math brèagha leis a’ mhuir, na beanntan agus na lochan ach leis an fhìrinn innse, cha robh na bailtean a cheart cho brèagha agus cha mhothaicheadh tu idir gun robh thu cho faisg air Sgìre nan Loch. Bha coltas ‘post-industrial’ is liath air tòrr de na bailtean, ach a-mhàin baile Ravenglass a tha na phort beag brèagha.

Tha loidhne Furness eadar Barrow is Carnforth gu math eadar-dhealaichte. Tha e dìreach beagan à deas air Pàirce Nàiseanta Sgìre nan Loch agus tha sinn follaiseach bho na seallaidhean a chì thu le beanntan, lochan agus gàinnich. Tha na bailtean leithid Grange-Over-Sands agus Arnside gu math brèagha le taighean air an dèanamh de clach is sglèat às an àite a tha gu math coltach ris na toglaichean a chì thu ann an Ambleside no Windermere.  Tha deagh sheallaidhean ann de Bhàgh Morecombe agus tha an rathad-iarainn a’ dol tarsaing inbhir na h-aibhne Leven air drochaid gu math fada is ìosal.

Image-1

Seallaidhean air Loidhne Furness

B’ àbhaist dhan mheur-loidhne gu Lakeside, air Lake Windermere, a bhith a’ fàgail na loidhne seo aig Ulverstone ach gu mi-fhòrtanach, dhùin seo ann an 1965 mar thoradh air an Dr Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul).  ‘S e co-dhùnadh gun chiall a bha seo oir bhiodh na mìltean mòra ga chleachdadh san latha an-diugh airson a dhol dhan Phàirc Nàiseanta agus airson am bàta a ghlacadh gu Ambleside is Windermere.

9381392874_82bf3aa3d3

Trèana aig Stèisean Lakeside

Chaidh pàirt den loidhne ath-fhosgladh bhon uair sin ach gu mì-fhortanach, chan eil ceangal aig Rathad-iarainn Lakeside is Haverthwaite ris an lìonra nàiseanta tuilleadh oir chaidh rathad an A590 a thogail air làrach na loidhne tuath air Ulverston.

Rinn mi mapa beag de na rathaidean-iarainn ann an Sgìre nan Loch mar a bha is mar a tha iad an-diugh.*  A bharrachd air loidhne Lakeside, bha rathaidean-iarainn ann gu Keswick agus gu Coniston, dà de na bailtean turasachd as cudromaiche ann an Cumbria.  Bhiodh fèill mhòr air na loidhnichean sin san latha an-diugh nam biodh iad fhathast againn.  Chan fhaic sin trèanaichean gu Coniston a-rithist, ach dh’fhaodte gum bi trèanaichean ann gu Keswick latha de na làithean, oir tha iomairt ann airson an loidhne ath-fhosgladh.

Rathaidean-iarainn Sgìre nan Loch ro dhùnaidhean nan 60an/70an:

cumbria pre beeching 3 intethinged

 

 

Cumbria post beeching snip

Rathaidean-iarainn Sgìre nan Loch mar a tha iad an-diugh

Ach an turas seo bha mi a’ dol gu àite far a bheil an rathad-iarann fhathast ann – gu stèisean gu math ainmeil. B’ e seo stèisean Carnforth dìreach taobh a-muigh Lancaster. Tha e ainmeil airson an fhiolm Brief Encounters. 

Tha taigh-tasgaidh beag ann mun rathad-iarainn mun fhiolm a tha gu math proifeiseanta agus an cafè a nochd ann am Brief Encounters. Deagh àite airson srùbag!

23438801454_b2b0c5f90e

Agus an uair sin, bha an t-àm ann airson a dhol air ais gu Barrow-In-Furness.

Ri leantainn…

Alasdair

* Prìomh stèiseanan a-mhàin. Dh’fhàg mi a-mach grunn loidhnichean beaga air a’ chosta an iar cuideachd.

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte, Sasainn agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s