Nas chewy na Buslann Barrow-In-Furness? Turas air loidhne costa Cumbria (3) #gàidhlig

Air an turas agam air loidhne costa Cumbria bho chionn seachdain, chuir mi taigh-òsta air dòigh ann am Barrow-In-Furness air eagal ‘s nach fhaighinn air ais dhachaigh air an aon oidhche mar thoradh air na droch thuiltean a bh’ ann an Cumbria aig an àm.

Cha robh mi riamh ann am Barrow agus bha mi airson faighinn a-mach (a) an robh e cho dona sa bha a-uile duine a’ cumail a-mach agus (b) a bheil Chewits  an da-rìribh nas chewy na buslann Barrow-in-Furness?

He ate the Taj Mahal, the Leaning Tower of Pisa, the Empire State Building, but not one of these buildings could match the delicious chewy flavours of Chewits. Yes ladies and gentlemen, Chewits are even chewyer than Barrow-In-Furness Bus Depot.

A bharrachd air seo, tha mi deidheil air eileanan agus bha mi airson Walney Island fhaicinn – eilean mòr far costa Barrow far a bheil mu 10,000 duine a’ fuireach.

Tha stèisean Barrow gu math mòr is gu math trang. Bha an trèana a ghlac mi bho Carlisle gu math falamh gu Millom ach às dèidh sin, thòisich e a’ sìor lìonadh agus bha an trèana eadar Barrow is Carnforth/Lancaster a ghac mi às dèidh sin lòma-làn. ;S e deagh àite a th’ ann airson daoine aig a bheil ùidh ann an trèanaichean oir tha e gu math gu math faisg air trèanlann (depot) Barrow far an bheil tòrr mòr einnsein rim faicinn.

24064611625_47122cc206_n1

Latha Trang ann an Barrow-In-Furness

Às dèidh dhomh clàradh airson an taigh-òsta, chaidh mi a lorg na buslann. Cha deach leum. A rèir coltais, chaidh a leigeil bhon uair sin. No is dòcha gun deach ithe uile leis an uilebheist!

Chaidh mi air chuairt timcheall a bhaile. Tha e gu math coltach ri Coronation Street le taighean terrace air feadh an àite.

Chaidh mi gu Eilean Walney agus chòrd e rium glan ged a bha e caran dorcha.  Tha dà tèarmainn nàdar air an eilean agus bhiodh e fìor mhath fhaicinn a-rithist san t-samhradh.  Chan e Barraigh no Uibhist a th’ ann idir, ach tha e fìor mhath co-dhiù.

Tha a h-uile duine as aithne dhomh a bha an am Barrow ag ràdh gur e baile car liath, gruamach a th’ ann ach ged a tha e gu math eadar-dhealaichte ri Sgìre nan Loch a tha ga chuairteachadh, tha tòrr ri dhèanamh ri fhaicinn ann agus mholainn turas ann.

babybeag

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s