Tha rathad-iarainn an Eilein ann an cunnart agus feumach air cuideachadh bhuainn.
Chan eil mi a’ ciallachadh Rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich (Inbhir Nis dhan Chaol) no Rathad-iarainn nan Eilean (Glaschu-Mallaig) idir ach an loidhne ann an Sasainn air a bheil the Island Line.

Cidhe Ryde – feumach air sgeadachadh
Seo rathad-iarainn Eilean Wight, a tha a’ ruith eadar Ryde agus Shanklin. Tha an loidhne seo na phàirt den lìonra nàiseanta agus mar phàirt den cheud-ruith (franchise) airson iar-dheas Shasainn.
‘S e loidhne uabhasach àlainn a tha seo agus tha i a’ còrdadh gu mòr ri daoine a tha measail air trèanaichean oir ’s e seann trèanaichean tiub bho Underground Lunnainn a tha a’ ruith nan seirbheisean rèile uile air an eilean.
Tha na trèanaichean còrr is 70 bliadhna a dh’aois, ge-tà, agus tha cidhe Ryde agus am bun-structar san fharsaineach feumach air tòrr mòr obair-chàiridh cuideachd. A rèir coltais, tha a h-uile rud feumach air ùrachadh – trèanaichean, trac agus stèiseanan.

Stèisean Cidhe Ryde – RYP – a’ tuiteam às a’ chèile
Seo far a bheil an cunnart. Tha an riaghaltas a’ moladh gun tèid loidhne Eilean Wight a thoirt a-mach às a’ franchise agus gum bi i air a ruith fa leth, is dòcha le companaidh coimhearsnachd. Tha an loidhne a’ call airgid agus feumach air tòrr mòr airgid airson obair ùrachaidh agus tha iad ag iarraidh modal eile airson an Island Line a ruith. Tha seo a’ cur dragh mòr air luchd-cleachdaidh na loidhne.
Tha an loidhne feumach air na milleanan mòra de dh’airgead airson ath-nuadhachadh agus tha franchise iar-dheas Shasainn a’ dèanamh prothaidean mòra. Mur an robh an loidhne sa franchise, chan eil idir coltach gum faigh an loidhne an t-airgead a tha a dhith airson a leasachadh agus gu dearbh, tha e coltach gun dùnadh e taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean.

Clas 483 – sgoinneil ach còrr is 70 bliadhna a dh’aois
Carson a bu chòir dhuinn dragh a ghabhail mu dheidhinn seo?
Bhiodh e na fhìor dhroch phrecedent a bhith a’ toirt loidhnichean a tha a’ call airgid a-mach às na franchises ionadail aca gus an dèan companaidhean rèile prìobhaideach prothaidean nas àirde dhaibh fhèin. Tha e a’ cur loidhnichean mar seo ann an cunnart agus tha deagh sheansa ann gu bheil e ga dhèanamh nas fhasa an toirt a-mach as an lìonra rèile nàiseanta agus / neo an dùnadh.
Chan eil e ro choltach gun tachradh seo ann an Alba no sa Chuimrigh far a bheil fèin-riaghaladh againn ach bu chòir dhuinn taic a chumail ris an iomairt seo gus sealltainn cho cudromach sa tha rathaidean-iarainn dùthchail na h-Alba dhuinn – Loidhne a’ Chinn a Tuath, Loidhne a’ Chaol is Loidhne na Sròine Reamhair gu sònraichte, agus gus sealltainn nach eil sinn airson’s gun tachair a leithid ann an Alba idir!
Tha athchuinge aig KILF – Keep Island Line in Franchise gu Riaghaltas Bhreatainn. Soidhnig e aison taibhse an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul) a chumail air falbh bho Eilean Wight – agus bhuainn uile!
Alasdair
Chaidh mi air turas dhan loidhne bho chionn dà bhliadhna. Chithear na sgrìobh mi aig:
Saorsa do Wessex – Turas gu Vectis 2
An Rathad-iarainn beag as fheàrr san t-Saoghal – Turas gu Vectis 3
Eilean Wight – Dachaigh na Marxachd! Turas gu Vectis 4
Còmhdhail Cheangailte – Turas gu Vectis 5
Seo as adhbhar gum bu chòir do sheirbheisean poblach a bhith poblach seach prìobhaideach.
'S toil'S toil