Rathaidean-iarainn Lunnainn a’ dol air ais don roinn phoblaich #gàidhlig #TfL 

Tha deasbad air a bhith a’ dol bho chionn fhada am bu chòir do na rathaidean-iarainn a dhol air ais dhan roinn phoblaich. Ach an do mhothaich sibh gun deach deagh chnap den lìonra-rèile air ais dhan roinn phoblaich bho chionn goirid agus gur e an riaghaltas Tòraidheach a rinn e?

15552987862_38e2d1c136_z

Seanadh Lunnainn

Dh’aontaich Roinn na Còmhdhail san Fhaoilleach gun tèid seirbheisean rèile coimiutair taobh a-staigh Mòr-sgìre Lunnainn – agus beagan eile ann an Ear-dheas Shasainn – a chur fo-smachd Transport for London (TfL), buidheann san roinn phoblaich a tha fo-smachd Meadhair is Seanadh Lunnainn.

Thèid na seirbheisean seo a thoirt a-mach às na franchises anns a bheil iad nuair a thig gach franchise gu crìch agus thèid na seirbheisean coimiutair Lunnainneach gu TfL airson a bhith nam pàirt den Overground.

8430724088_6d22962082

Trèana air an Overground, CLJ

Tha Network Rail air a bheil na tracaichean anns an roinn phoblaich mar-thà, ach a-nis bidh na seirbheisean rèile coimiutair ann an Lunnainn san roinn phoblaich cuideachd.

Cha bhi TfL fhèin a’ ruith nan trèanaichean agus ’s e companaidhean prìobhaideach a bhios gan ruith, ach bidh iad a’ dèanamh seo mar choncession seach mar franchise is mar sin, tha e nas fheàrr dhan phobal.

Mur eil thu a’ tuigsinn an t-eadar-dhealachaidh, seo mìneachadh air concession:

 A concessionaire is essentially paid agreed fees to provide a service which is tightly specified in the contract. Concessionaire’s branding, for example, is likely to be minimal and may be virtually absent; fares will probably be precisely controlled (sometimes to maintain consistency with related modes of transport), as will be timetables and the fleet which is to be used. Indeed, most passengers may not realise that the service is being operated by a third party at all.

Tha tòrr den lìonra còmhdhail ann an Lunnainn fo smachd poblaich mar-thà: an Underground, an Overground, an DLR, London Tramlink agus TfL Rail (na seirbheisean air loidhne Crossrail gus an tèid Crossrail fhosgladh gu h-oifigeil). A bharrachd air seo ged nach eil na busaichean leis an roinn phoblaich, tha iad air an riaghladh (regulated) gu tiugh le TfL – ged a chaidh seirbheisesan bus dì-riaghladh anns a h-uile àite eile san RA aig àm Thatcher.

 

8479672766_80c23c368a

Routemaster Ùr

Mar sin, an ath thuras a tha deasbad ann mun chuspair seo, cuimhnich gur e an roinn phoblaich as motha a tha a’ ruith còmhdhail taobh a-staigh Lunnainn. Tha còmhdhail phoblach – bus is trèana – ann an Èirinn a Tuath agus ann an Eilean Mhanainn san roinn phoblaich cuideachd.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s