Bha mi air mo dhòigh glan nuair a dh’ainmich ScotRail bho chionn goirid gum biodh na tiocaidean Advance as saoire aca a’ dol sìos ann am pris gu £5 notaichean. Mar a thachair e, bha agam ri dol dhan Eilean Sgitheanach agus lorg mi fàraidhean £5 airson nan làithean a bha mi ag iarraidh.
Tha 162 mile eadar Glaschu is Mallaig is mar sin, cha do chosg an turas air fad 3 sgillinn gach mìle. Abair bargan! Agus le RET a-nis air na seirbheisean aiseig dhan eilean, cha do chosg e ach £2.80 eadar Mallaig is Armadal. ‘S e prìs gu math reusanta a tha sin agus tha e tòrr nas ìsle a thaobh caitheimh carboin cuideachd – 10kg air an trèana an taca ri 30kg anns a’ chàr (no 40kg sa chàr taobh a’ Chaoil).

A’ Chrìon-Làraich (CNR)
Fiù’s mur a faigh thu am faradh as saoire airson loidhne na Gàidhealtachd an Iar, ge-tà, tha gu leòr tiocaidean advance eile ann eadar £11 agus £20. Ma chuireas tu an siubhal agad air dòigh ro làimh air an loidhne seo, air loidhne a’ Chaoil no Loidhne a’ Chinn a Tuath, mar as trice gheibh thu deagh phrìs, fiù’s mur a ceannaich thu an tiocaid gu latha no dhà ron turas. ‘S e an riaghailt as cudromaiche airson tursan fada nach bu chòir dhut an tiocaid a cheannach air an latha a bhios tu a siubhail uair sam bith.
Ma tha thu a’ fuireach ann an Alba, uaireannan fàsaidh tu cleachdte ri bhith a’ faicinn nan lochan, glinn is beanntan fad an t-siubhail. Ma tha thu a’ dol air loidhne na Gàidhealtachd an Iar trì no ceithir tursan sa bhliadhna mar a bhios mi fhèin, tha e furasta gu leòr a bhith a’ leughadh leabhar is gun a bhith a’ coimhead cus air na seallaidhean mìorbhaileach a tha gad chuairteachadh.
Chan ann mar sin a bha an turas agam gu Malaig Diluain. Bha latha brèagha grianach soilleir againn ann an Glaschu agus bha fiù’s na sgeamaichean taigheadais ann an taobh tuath a’ bhaile air loidhne Chnoc Màiri a’ coimhead fìor mhath ann an solas na grèine.
Agus bha Beinn Dòbhrain a’ coimhead nas fhèarr buileach. An t-urram thar gach beinn aige!
Mar as àbhaist, ’s e an t-slighe tro Mhointeach Raineach a chòrd rium a bu mhotha. Chunnaic mi damh na sheasamh air cnoc le a cheann suas mar rudeigin a chitheadh tu ann an dealbh Bhictorianach agus bha sneachd air na beanntan mar rudeigin air cairt Nollaige. Gu h-annasach, air an dàrna taobh den loidhne, bha sneachd is reothadh ann agus a h-uile rud geal ach an taobh eile den loidhne, bha am monadh cho uaine sa ghabhas.
Bha mi a’ sìor choimhead a-mach as an uinneig fad na slighe airson còrr is còig uairean a thìde. Bha cuideigin faisg orm a’ coimhead air film air ipad ach bha mi fhèin a’ smaoineachadh gun robh nas seallaidhean tòrr na b’ fheàrr na prògram TBh sam bith (ach is dòcha Dr Who….)
Nis, nuair a smaoinicheas daoine air an loidhne eadar An Gearasdan agus Malaig, bidh a’ mhòr-chuid a’ smaoineachadh air Drochaid Ghleann Fhionnain a tha cho ainmeil bho Harry Potter agus iomadh film eile. Smaoineachaidh cuid eile mu Drochaid Loch nan Uamh far an do thuit each bochd a-staigh do cholbh ann am meadhan na drochaide fhad’s a bhathar ga togail. Chaidh a dhearbhadh gun robh an sgeulachd fìor ann an 2001 nuair rinneadh scan air an drochaid.
Ach cha bhi mi fhèin a’ smaoineachadh air gin de na rudan sin. Bidh mise a’ smaoineachadh mu Mhisean nan Iasgairean ann am Malaig. Tha cafè math ann ach ’s e an rud as cudromaich mun àite gu bheil iad a reic seann leabhraichean. Gach turas a bhios mi ann, gheibh mi leabhar no dhà air pris gu math reusanta a chumas mi a’ dol airson a’ chòrr den t-slighe agam. Tha deagh thaghadh ann de leabhraichean: ficsean, eachdraidh, trèanaichean, cuspairean Albannach is ionadail, leabhraichean cloinne agus DVDan gu leòr cuideachd. Tha rudeigin ann airson a h-uile duine agus tha an t-airgead a thèid a thogail a’ dol gu carthannas.
Tha mi gu math measail air nobhailean sgudalach agus tha mi a’ leughadh tro na leabhraichean Jack Reacher uile aig an àm seo. Bha dà sheata den sreath air fad aca agus cheannaich mi an ath leabhar airson leughadh air an t-slighe dhachaigh.
Coltach ri Jack Reacher, bidh mi a’ siubhal air feadh an àite air còmhdhail phoblach agus a’ seachnadh draibheadh mas urrainn dhomh. Chan eil mi buileach cho math air sabaid no air gunnaichean, ge-tà, agus is math sin oir is beag orm rudan mar sin….
Gu mì-fhortanach, tha e coltach nach bi an uiread de dhaoine a’ tighinn gu Malaig am-bliadhna gus na leabhraichean a cheannach oir tha a h-uile coltas ann nach ruith trèana-smùid an Jacobite am-bliadhna. Is e rud gu math dona dhan eaconamaidh ionadail a tha seo oir tha dà no tri cheud luchd-turais a’ tighinn dhan bhaile air an trèana dà thuras san latha as t-samhradh.

An Seumasach a’ fàgail a’ Ghearasdain
Is e West Coast Railways a tha a’ ruith an Jacobite agus chaidh an toirmeasg bho bhith a’ ruith trèanaichean air an lìonra nàiseanta mar thoradh air draghan mu shàbhailteachd. Cha mhòr nach do bhuail trèana smùid aig a’ chompanaidh ann an trèana express ann an Siorrachd York agus fhuair Network Rail a-mach gun robh an dràibhear air uidheamachd sàbhailteachd a bha riatanach fon lagh a chur dheth. Chan fhaigh West Coast an cead aca gus trèanaichean a ruith air an lìonra nàiseanta air ais gus am bi na h-Ùghdarrasan riaraichte nach tachair an leithid a-ritihst. Chan eil mòran tìde gus an toisich an seisean ge-tà agus mur a bi West Coast gan ruith, bi e doirbh do chompanaidh eile seirbheis a chur air dòigh.
Is dòcha gum fàs na trèanaichean diesel àbhaisteach aig ScotRail tòrr nas trainge an ath-bhliadhna, ge-tà!
Air m’ ipod: Pink Floyd Animals (1977), 8/10; Pink Floyd Endless River (2014), 7/10.
Alasdair
Pingback: Jack Reacher ann am Malaig – turas dhan t-Sabhal Mhòr | An Tuairisceoir