OK – tha mi air an trèana as daoire ann an Sasainn. Chan e an Orient Express idir a th’ ann ach an Heathrow Express.
Seo an trèana luath eadar Lunnainn Paddington is Heathrow ann an 15 mionaidean gun stad sam bith air an t-slighe.
Is e seirbheis phrìobhaideach a tha seo agus chaidh an loidhne bho Airport Junction gu Heathrow a thogail le BAA agus tha e leotha seach le Network Rail.
Tha e gu math cosgail airson turad 15 mionaid – £22 clas abhaisteach no £30 airson 1mh clas. Fhuair mi tiocaid 1mh clas gus faicinn cò ris a bhiodh e coltach air an trèana as daoire ann an Sasainn….
Imh clas
‘S e am plana a th’agam a dhol gu Heathrow air an treana luath spaideil agus air ais air an tub.
Ri leantainn…..
Alasdair