An trèana as saoire ann an Sasainn – turas gu Heathrow II #gàidhlig

Sgrìobh mi mun turas agam air an Heathrow Express bho chionn goirid. Trèana gu math luath is gu math spaideil ach gu math daor cuideachd.

Mura cur thu tiocaidean air dòigh co-dhiù 14 latha ro làimh, cosgaidh e £22 no £30 (1st) airson turas 15 mìle a mhaireas 15 mìonaidean.

25448517073_e751828a51_z

An Heathrow Express, Paddington (PAD)

Fhuair mi tiocaid 1d clas airson faicinn cò ris a bhiodh e coltach. Tha suidheachan singilte gu math spaideil mòr agad agus wifi agus tha irisean agus pàipearan saor is an-asgaidh ann. (Ach ’s e an Financial Times a bh’ ann – b’ fheàrr leam an Guardian no rudeigin mar sin).

Bha e luath is chòrd an turas rium. Airson £30 ge-tà, tha mi a-smaoineachadh gum bu chòir dhut cofaidh fhaighinn cuideachd – ach is dòcha nach biodh an tìde aca an coire a ghoil san tìde a tha an trèana a’ toirt!

25942251452_3719f4c7da_z

An Shuttle eadar Tèirmineal 4 agus Heathrow Meadhain

Nis, aig a’ phort-adhair, tha an Express a’ dol gu Heathrow Meadhain (Tèirmineal 2,3,4) agus an uair sin gu Tèirmineal  5. Ma tha thu airson a dhol gu Tèirmineal  4, tha trèana shuttle ann eadar Heathrow Meadhan is Tèirmineal   4. Tha na trèanaichean eadar na teirminealan saor is an-asgaidh.

Mur eil £30 agad, tha trèana eile ann a tha a’ toirt 30 mionaidean agus a tha a’ stad aig stèisean no dhà eile air an t-slighe. Sin an Heathrow Connect.

Tha roghainn eile ann cuideachd – an tiùb. Tha loidhne a’ Phiccadilly a’ toirt mu uair a thìde do mheadhan a’ bhaile ach tha e gu math gu math saor!

Chaidh mi ann air an Heathrow Express air £30 agus air ais air an Underground air £3.10!

Smaoinich – tha roghainn de thrì sheirbheisean rèile dhan Phort-adhair ma tha thu a’ dol gu Heathrow ach tha sinn fhathast a’ feitheimh ri seirbheis trèana sam bith gu Port-adhairt Ghlaschu. Tàmailteach!

IMG_1648

Trèana Loidhne a’ Phiccadilly aig Heathrow T5

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Sasainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s