Turas gu Metroland #gaidhlig

Gach turas a bhios mi ann an Lunnainn, feuchaidh mi ri beagan a bharrachd de lìonra rèile a’ bhaile a dhèanamh. 

An turas seo, chaidh mi air loidhne a’ Mhetropolitan airson a’ chiad turais. ‘S e loidhne gu math sònraichte a tha seo oir b’ e seo a’ chiad rathad-iarainn fo-thalamh anns an t-saoghal.

‘S e rathad-iarainn gu math romansach a th’ ann oir tha e a’ nochdadh gu tric ann an sgeulachdan Sherlock Holmes. Thug e buaidh mhòr air fàs a’ bhaile cuideachd oir cha robh am Metropolitan Railway dìreach a’ reic dòigh siubhail, bha e cuideachd a’ reic dòigh beatha.

Cheannaich a’ chompanaidh tòrr talmhainn taobh a-muigh Lunnainn a-mach air an dùthaich. Thog iad na mìltean de thaighean faisg air an rathad-iarainn agus rinn iad iomairtean margaidheachd air seo anns na 30an. S e Metroland a chuir iad air na bailtean ùra a thog  iad – taighean snoga a bha a-mach air an dùthaich ach faisg gu leòr ri Lunnainn gus am b’ urrainn do dhaoine siubhal ann gach latha.

metro-land_28192129

Dh’obraich seo gu math is chaidh na mìltean mòra gu metroland. Dh’ obraich e ro mhath ge-tà, agus às dèidh ginealaich, chan e beatha dhùthchail a bh’ ann tuilleadh idir ach frith-bhailtean (suburbs) den t-seòrsa àbhaisteach agus gun dad ri fhaicinn ach toglaichean, rathaidean is concrait.

700px-metropolitan_line_26_london_map-svg

Loidhne a’ Met – a’ frithealadh Lunnainn agus Metroland ann an Herts is Bucks

Chaidh mi air turas gu metroland bho chionn goirid. Fhuair mi an trèana aig Chiltern Railways eadar Marylebone agus Amersham an tòiseach. ‘S e an terminus as lugha ann an Lunnainn a th’ ann am Marylebone agus tha e dìreach àlainn le mullach glainne brèagha agus tòrr mòr solais  a’ dòrtadh a-steach dhan togalach. Bha mi riamh airson a dhol ann a chionn ’s gu bheil e a’ nochdadh air a’ bhòrd Monopoly agus bha mi toilichte cothrom a bhith agam trèana a ghlacadh ann mu dheireadh thall. Tha mi air a bhith ann an Kings Cross, Liverpool Street agus Marylebone a-nis. Ma thèid mi gu Fenchurch Street an ath-thuras, bidh an set air fad agam!

Tha an trèana a-mach à Marylebone gu math luath agus tha e a’ leantainn slighe loidhne a’ Mhetropolitan airson a’ mhòr-chuid den t-slighe. B’ e mo phlana a dhol ann le Chiltern agus an uair sin a’ tilleadh air a’ Mhet.

Airson a’ mhòr-chuid den t-slighe, ’s e dìreach frith-bhailtean Lunnainneach a th’ ann – snog gu leòr ach gun mòran inntinneach ri aithris. Dh’ atharraich seo faisg air Amersham agus an loidhne air Mòr-sgìre Lunnainn fhàgail agus e a-nis ann am Buckinghamshire anns na Chilterns.

Bha beagan de Mhetroland fhathast ri fhaicinn an seo le achaidhean, craobhan is aibhnichean ann a bharrachd air taighean.

Is e Amersham deireadh an Underground a-nis, ach b’ àbhaist dhan Mhetropolitan Railway a bhith nas fhaide mar a chithear sa mhapa seo.

VerneyJunctionMap

Seo mar a bha taobh tuath mapa a’ Mhetropolitan mar a bha e uair, dèante ann an stoidhle mapa tiùb

Fhuair mi trèana a’ Mhet ann an Amersham – an stèisean Underground as fhaide a-mach à Lunnainn – agus chaidh mi aon stèisean gu deas gu Chalfont & Latimer agus ghlac mi an trèana gu tuath air a’ mheur loidhne gu Chesham – an stèisean tiùb as fhaisg air Alba (dìreach 323 mìle bhon taigh agam)!

Chan ann tric a tha turas air tiùb Lunnainn air còrdadh rium cho math. Tha an trèana a-mach air an dùthaich anns an Chilterns Area of Outstanding Natural Beauty agus abair gu bheil na seallaidhean sgoinneil. Às dèidh mìltean mòra de thalamh còmhnard, tha an talamh a’ fàs cnocach agus tha an loidhne àrd os cionn gleann. Tha e nas fhaisg air a’ Pheak District na ton Shasainn na choltas.

25429924794_33fc08f085

Trèana-tiùb a-mach air an dùthaich! Chesham

Aig deireadh na loidhne, tha stèisean dùthchail snog ann agus ma tha thu airson faicinn cò ris a bha meur-loidhnichean dùthchail ann an Sasainn coltach mus deach an dùnadh le Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul), seo an t-àite dhut. Tha tùr uisge fhathast ann bho làithean nan trèanaichean-smùid agus togalach stèisean beag grinn.

26034688675_6e1aa8cf66

Stèisean dùthchail snog – Chesham air loidhne a’ Mheat

Às dèidh dhomh Chesham fhàgail, rinn mi air meur-loidhne Watford ann an Herts. Bha mi airson a dhol ann oir ann am bliadhna no dhà, cha bhi an stèisean ann tuilleadh. Tha stèisean tiùb Watford (Watford Met mar a th’ aig muinntir an àite air) deagh phìos air falbh bho mheadhan a’ bhaile agus mar sin, tha TfL airson stèisean ùr a thogail ann an àite nas freagarraiche.

25446635694_6e1daea897

Stèisean Watford Met

Gus seo a dhèanamh, thèid rathad-iarainn dùinte ath-fhosgladh ach thèid an stèisean làithreach agus mu mhìle den loidhne a dhùnadh.

CRL_Scheme_Outline_Final_V2_R_697x492

An Croxley link – loidhne is stèiseananan ùra ann an Watford

Às dèidh sin, rinn mi air meadhan a’ bhaile a-rithist air trèanaichean ùra, mòra spaideil a’ Mhet.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an London Underground, Metrothan, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Turas gu Metroland #gaidhlig

  1. Thuirt drronmccoy:

    Gle innteanach fiosrachadh gu dearbh. Tha na dealbhan seo a’ cordaidh rium. Moran taing!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s