Tha ainm snog aig Eubha bheag againn air an trèana-caidil – an “leabaidh-trèana”!
‘S e deagh ainm a tha sin oir bidh mi a’ cadal gach feasgar air an 16:30 eadar Dùn Èideann agus Sràid na Banrighinn ged nach eil leapannan ann, ach aig an aon àm, chan eil e buileach cho furasta dhomh cadail fhaighinn air an sleeper, ged a tha leapannan gu leòr ann!

90 045 aig ceann na trèana, Glaschu Mheadhain
Air 22 Màrt, chaidh mi air an “leabaidh-trèana” airson a’ chiad turais bho thoisich an cead-ruith (franchise) ùr airson a’ Chaledonian Sleeper an-uiridh. Bha an trèana-oidhche mar phàirt de chead-ruith ScotRail ach a-nis, ’s e cead-ruith fa leth a th’ ann.
Tha a’ chompanaidh ùr airson cruth-atharrachadh a thoirt air an trèana agus iad a’ cur cuideam air mathas na seirbheis le ìomhaigh gu math spaideil air an trèana. A dh’aindeoin sin, ge-tà, bidh dà bhliadhna eile ann mus bi na trèanaichean ùra aca deiseil agus mar sin, tha an t-seirbheis fhathast a’ cleachdadh choidsichean a tha mu 30 bliadhna a dh’aois is gu math feumach air ùrachadh.

Èideadh spaideil ùr a’ Chaledonian Sleeper
Bha mi airson faicinn dè bha air atharrachadh is dè nach robh.
Thòisich an oidhche agam gu math – bu mhise an aon duine air an 22:48 eadar an Dùn Breac is Glaschu. Trèana dhomh fhèin – mar tagsaidh air rèilichean!
An uair sin, rinn mi air àrd-ùrlar 9 gus an trèana-oidhche a ghlacadh. Tha e follaiseach gu bheil an t-seirbheis ag atharrachadh mean air mhean oir tha dathan ScotRail fhathast air cuid de na coidsichean ach dathan ùra a’ Chaledonian Sleeper air cuid eile agus dathan Freightliner air an loco.

An coidse suidhe – chan eil dad air atharrachadh
Ged is e an aon trèana a bh’ ann, agus na seann dathan air cuid de na coidsichean, bha an t-èideadh tartan ùr air an luchd-obrach is bha iad a’ coimhead gu math spaideil.
Nis, ’s e an dragh as motha a th’ orm mun t-seirbheis ùir gu bheil iad a’ cur an uiread de chuideam air càileachd is cho math sa tha an t-seirbheis is am biadh agus iad a’ cleachdadh abairtean mar “world class hospitality” agus mar sin air adhart. Tha sin ceart gu leòr, ach mar as trice, tha rudan mar sin a’ ciallachadh seirbheis a tha tòrr mòr nas daoire. ‘S e an rud a tha math mun trèana-caidil an-dràsta gu bheil tiocaidean meadhanach saor rim faighinn gu math tric agus gu bheil cosgais na trèana-caidil mar as trice nas saoire na cosgais trèana no pleana àbhaisteach agus cosgais taigh-òsta.
Mar a bha cùisean, ge-tà, cha robh an trèana nas daoire na bha e le ScotRail. Fhuair mi trèana ann air £50. Chosg e còrr is £100 airson tilleadh ceart gu leòr ach bha agam ri tilleadh air latha-fèill poblach agus mar sin, bha an trèana loma-làn is fhuair mi an leabaidh mu dheireadh (is gu dearbha, bha an trèana gu Dùn Èideann làn cuideachd).
Tha Caledonian Sleeper a’ cur cuideam air biadh is deoch Albannach cuideachd le tòrr diofar sheòrsaichean uisge-beatha is leann is marag-dhubh is taigeis is mar sin air adhart. Bha mi an dùil gum biodh am biadh air fàs gu math daor ach bha na prìsean fhathast gu math reusanta.
Aig meadhan oidhche bha mi ag òl branndaidh ann an Tobar na Mathar!
Coltach ri ScotRail, bheir iad dhut masgaichean-sùla gus am faigh thu cadal nas fheàrr.
A rèir bileag bhon chompanaidh:
We’ve worked with sleep expert Dr Louise Reyner to create the perfect conditions for a restful night on board our train this evening.
Fhuair mi deagh chadal – ged nach do mhothaich mi rud sam bith eadar-dhealaichte bho làithean ScotRail!
Thuit mi nam chadal faisg air Caisteal Tarrais agus cha do dhùisg mi gu Hemel Hempstead.
Chaidh mi a-mach às an stèisean ann an Euston agus chunnaic mi bodach a’ tighinn far na trèana. “Tha coltas a’ Phrionnsa Philip air”, smaoinich mi dhomh fhèin. Mhothaich mi an uair sin gun robh dà minder aige agus gun robh càr a’ feitheimh ris air àrd ùrlar an stèisein. ‘S esan a bh’ ann.
Air an t-slighe air ais dà oidhche as dèidh sin, bha Jon Snow air an trèana. Feumaidh gur e trèana nan celebs a th’ anns a’ Chaledonian Sleeper!

Tha e fìor mhath dùsgadh ann an teis mheadhan Lunnainn às dèidh oidhche air an trèana!
Alasdair
An turas: DUM-GLC, GLC-EUS.
Railmiles: 403
Air m’ ipod: The Thinking Atheist podcast