Cadalaiche na Cuimrigh? #Gàidhlig

Seo an dàrna post agam airson Là na Gàidhlig 2016!

Anns a’ phost mu dheireadh agam, bha mi a-mach air moladh a  nochd bho chionn goirid gum bu chòir trèana-caidil no cadalaiche (sleeper) a bhith ann eadar Dùn Èideann agus Gallaibh. Gur math a thèid leis an iomairt chudromaich seo, a bheireadh deagh bhuaidh air Inbhir Nis, Gallaibh agus Arcaibh.

14222061139_958b712601_z

Stèisean Casnewydd, a’ Chuimrigh

Bhon uair sin, tha mi air smaoineachadh air seirbheis cadalaiche eile a bhiodh air leth feumail.  Seo trèana eadar taobh tuath is taobh deas na Cuimrigh, bho Chaergybi /Holyhead gu Caerdydd/Cardiff  agus Abertawe/Swansea agus fiù’s nas fhaide an iar gu Caerfyrddin/Carmarthen.

Carson a tha seo cho cudromach?

Bhiodh e na chuideachadh le aonachadh na dùthcha.

Aig an àm seo, chan eil ceanglaichean rèile math ann eadar taobh deas is taobh tuath na Cuimrigh. Tha prìomh loidhnichean na Cuimrigh uile a’ dol bho iar gu ear, suidheachadh a tha a’ fàgail gu bheil ceanglaichean rèile nas fheàrr eadar a’ Chuimrigh is Sasainn na th’ ann eadar taobh tuath is taobh deas na dùthcha fhèin.

Tha iomairt ann gus an rathad-iarainn bhon thuath gu deas ath-fhosgladh. Seo an loidhne eadar Caerfyrddin/Carmarthen agus Bangor (taobh Llanbedr Pont Steffan/Lampeter, Aberystwyth agus Caernarfon)  a chaidh dhùnadh leis an Dr Olc Beeching (tuiteam gun èirigh air agus leac air a bheul). Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn Traws Link Cymru.

14385589166_7d40bb0873_z

Stèisean Bae Caerdydd (Bàgh Caerdydd) – alight here for Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

Gus an tachair seo, ge-tà, tha aig daoine ri siubhail fada dhan ear agus a-staigh gu Sasainn airson a dhol eadar tuath is deas. Tha Seanadh na Cuimrigh air trèana luath a chur air dòigh eadar Caergybi agus Caerdydd ach tha e a’ toirt barrachd air 4 uairean a thìde aig an àm seo.

Tha an trèana seo a’ falbh mu 5.30 sa mhadainn agus a’ ruighinn Caerdydd aig mu 10m. ‘S e àm gu math gu math tràth airson falbh air a’ mhadainn a tha sin agus chanainn gum biodh e feumail nam biodh cadalaiche ann a bhiodh a’ fàgail an oidhche roimhe. Dh’fhaodadh e stad ann an Cair/Chester agus Crewe cuideachd air an t-slighe gu deas.

Ma thu airson a dhol eadar Caergybi agus Caerfyrddin, bheir e 7 uairean a thìde. Chan fhulang mòran dhaoine turas cho fada sin air trèana ach mas e is gu bheil thu nad chadal, chan eil e gu diofar ma tha an trèana a’ dol air slighe fada gun chiall!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chuimrigh, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s