Trèana-caidil gu Gallaibh? #Gàidhlig #Gallaibh

Là na Gàidhlig sona a h-uile duine!

Bha mi a’ coimhead air a’ Chaledonian Sleeper an seo bho chionn goirid. ‘S e seo an trèana-caidil no sleeper eadar Alba is Lunnainn. Sia latha san t-seachdain bidh trèanaichean a’ falbh à Glaschu, Dùn Èideann, Obar Dheathain, Inbhir Nis agus an Gearasdan airson Lunnainn Euston.

25958448592_c0ce00a926

An trèana-caidil, Glaschu Mheadhain

Bidh na trèanaichean às a’ cheann a tuath a’ coinneachadh ann an Dùn Èideann tràth tràth sa mhadainn agus a’ falbh gu deas mar aon trèana – Trèana-caidil na Gàidhealtachd (the Highland Sleeper) agus bi na trèanaichean à Glaschu is Dùn Èideann a’ coinneachadh ann an Caisteal Tarrais (Carstairs – CRS) agus a’ dol gu deas mar Trèana-caidil na Galldachd (the Lowland Sleeper).

A bharrachd air a’ Chaledonian Sleeper, chan eil ach aon trèana-caidil eile anns an Rioghachd Aonaichte. Seo an Night Riviera eadar Lunnainn Paddington agus Penzance anns a’ Chòrn.

Chan ann mar seo a bha cùisean riamh, ge-tà. Ann an làithean BR, bha gu leòr trèanaichean-caidil ann. Agus bha trèanaichean àbhaisteach gu leòr ann às dèidh meadhan-oidhche cuideachd ach ‘s e cuspair airson latha eile a tha sin.

Seo cuid de na trèanaichean-oidhche a bha a’ ruith anns na 70an ach nach eil a’ ruith tuilleadh:

  • Lunnainn – An t-Sròn Reamhar (taobh Dùn Phris agus Inbhir Àir)
  • Lunnainn – Caisteal Nuadh
  • Lunnainn – Aberdaugleddau (Milford Haven)
  • Lunnainn – Barrow in Furness
  • Lunnainn – Manchester/Liverpool
  • Nottingham – Glaschu taobh Derby, Sheffield, Rotherham, Leeds, an Settle & Carlisle, Dun Phris & Cill Mhearnaig.
  • Plymouth – Dùn Èideann / Glaschu

Bha trèana-caidil ann eadar Glaschu agus Inbhir Nis uair cuideachd. Bhiodh sin gu math feumail a-nis, chanainn. Shabhladh e an dà chuid tìde is airgead don luchd-siubhail.

Bidh mi a’ dol gu Inbhir Nis gu math tric le m’obair agus tha e daonnan a’ cur orm nach eil a’ chiad trèana bho Ghlaschu /Dùn Èideann a-staigh gu 10.30. Chan eil seo math gu leòr. Smaoinich – am biodh daoine toilichte mur a robh a’ chiad trèana eadar Glaschu is Lunnainn a-staigh gu 10.30?

19070853246_d0b3b127ae_z

Stèisean Inbhir Theòrsa

Gu tric cuideachd, bidh agam ri dhol eadar Glaschu is Inbhir Nis agus air ais ann an latha. Sin seachd uairean a thìde air trèana ann an latha, a bhith a’ dùsgadh tràth, agus mar as trice ann an cabhag mhòr gus an trèana dhachaigh a ghlacadh. Nan robh trèana-oidhche ann, b’ urrainn dhomh a bhith ann an Inbhir Nis airson 9m agus deiseil airson coinneamh no b’ urrainn dhomh oidhche a chur seachad sa bhaile mus faighinn an trèana gu deas.

Dh’fhaodte gun tachair seo. Tha moladh ann a-nis gun tèid trèana-caidil a chur air dòigh eadar a’ Ghàidhealtachd is meadhan na h-Alba. A rèir aithris anns an John O’Groat Journal, tha HITRANS a’ moladh gum bu chòir trèana-caidil a bhith ann eadar Dùn Èideann is Gallaibh. ‘S e fìor dheagh bheachd a tha seo nam bheachd.

Ma gheibh thu a’ chiad trèana bho Ghlaschu gu Inbhir Nis, ruigidh tu am baile aig 10.27. Ma gheibh thu a’ chiad trèana eadar Glaschu is Inbhir Theòrsa, ruigidh tu am baile aig 14.24 agus mairidh an turas còrr is 7 uairean a thìde. Mar a tha e cuideachd, tha an trèana a’ toirt nas fhaide na an càr. Bheir an trèana co-dhiù uair gu lèir barrachd na an rathad.

Tha trioblaidean air a bhith aig loidhne a’ chinn a tuath le cunbhalachd bho chionn goirid le tòrr de na trèanaichean fada air dheireadh no air an cur dheth a chionn ‘s nach eil trac dùbailte is lùban seachnaidh gu leòr ann eadar Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa agus Inbhir Nis. Tha àireamhan an luchd-cleachdaidh air an loidhne a’ tuiteam mar thoradh air seo – ged a tha a h-uile rathad-iarainn ann an Alba a’ fàs.

5848726648_aee5132d9a

 

Ann an suidheachadh mar seo, bhiodh trèana-caidil fìor mhath. B’ urrainn dhut dhol dhan leabhaidh ann an Dùn Èideann agus dùsgadh air a’ Ghàidhealtachd. Leis a’ chlàr-ama cheart, dh’fhaodadh an trèana a bhith ann an Inbhir Nis aig àm ciallach agus a bhith ann an Gallaibh aig 10 no 11am.  Nan gabhadh sin a dhèanamh, bhiodh e gu math feumail airson Inbhir Nis is Inbhir Pheofharain a bharrachd air Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa.

Alasdair

staran@tesco.net

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Chòrn, A' Ghàidhealtachd, rathaidean-iarainn, treanaichean agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s