Sgrìobh mi post bloga an-uiridh mu rathaidean-iarainn agus cànan na Cùirne.
Ma tha ùidh agad anns a’ Chòrn agus anns a’ Chòrnais, tha mi an dòchas gun còrd na sgrìobh mi riut.
Tha a’ Chòrnais a-nis ann an cunnart. Tha Riaghaltas Bhreatainn air innse bho chionn goirid nach toir iad maoineachadh sam bith don chànan bho seo a-mach.
Cha robh a’ Chòrnais a’ faighinn ach mu £150,000 sa bhliadhna bho Westminster ach rinn e feum do -chreidsinneach don chànan agus chuir e gu mòr ris na bha luchd na Còrnais a’ dèanamh gu saor-thoileach.
Ma tha thu a’ fuireach san RA agus ma tha thu airson Còrnais a chuideachadh, tha athchuinge ann do Phàrlamaid na RA air làrach-lìn na Pàrlamaid.
Rinn na Cuimrich agus na h-Èireannaich tòrr gus luchd na Gàidhlig a chuideachadh. Tha an cothrom againn a-nis rudeigin a dhèanamh a chuideachas mion-chànan eile gu mòr!
Onan hag oll!
Alasdair
Pingback: Cuidich a’ Chòrnais! | An Tuairisceoir
Tapaidh leibh a charaid / Meur ras dhywgh hwi 🙂
'S toil'S toil