Am Broc ann am BÁC #gaidhlig

Ged a tha mi air leth fhèin dèidheil air Èirinn, Gaeilge agus a h-uile rud co-cheangailte rithe, chan eil mi air cus tìde a chur seachad anns an dùthaich.

Bha mi ann an Ulaidh iomadh turas, an dà chuid anns a’ Phoblachd ann an Tír Chonaill agus ann an Èirinn a Tuath.

14517456007_e0e6d4de56_z

Tha an t-àm a-nis ann sin a chur ceart oir fhuair mi cuireadh a dhol gu co-labhairt ann am Baile Átha Cliath air an ath-mhìos.

Leis cho saor sa tha na tursan plèana gu Èirinn, agus gu sònraichte le Ryanair, bidh a’ mhòr-chuid a’ dol ann san dòigh sin sna làithean seo. Cha bhi mise, ge-tà oir tha mi airson a bhith uaine agus cuideachd airson barrachd den dùthaich fhaicinn.

Capture

A h-uile duine air bòrd IarnRód Éireann!

Mar sin, bidh mi a’ dol air an trèana is air a’ bhàta. Agus gu dearbh, tha e gu tric nas saoire is daonnan nas fhasa tiocaidean trèana/bàta fhaighinn na bhith a’ dol air an itealan mar thoradh air na tiocaidean ‘SailRail’ a tha a’ gabhail a-steach pris na trèana agus a’ bhàta. Faodaidh tu a dhol bho stèisean sam bith ann an Alba, A’ Chuimrigh no Sasainn gu stèisean sam bith an Èirinn (poblachd no NI) taobh Càrn Rìoghain-Beál Feirste, taobh Caergybi/Holyhead-BÁC no taobh Abergwaun/Fishguard-Ros Láir.

14517449519_69700253eb

NIR – an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal!

Tha na tiocaidean gu math saor agus tha na prìsean stèidhichte an àite a bhith ag atharrachadh a rèir iarrtais mar a bhios na tiocaidean plèana.

Tha mi gu bhith a’ dol ann taobh Alba agus air ais taobh na Cuimrigh. Air an t-slighe a-mach, tha mi a’ dol bho Ghlaschu gu Inbhir Air air an trèana, a’ faighinn bus an uair sin gu Carn Ruighinn agus an uair sin a’ faighinn na trèana eadar Beál Feirste agus BÁC. Cosgaidh seo £51.

Capture

Air an t-slighe air ais, bidh mi a’ dol eadar BÁC is Caergybi air a’ bhàta agus an uair sin air an trèana gu Glaschu. Cosgaidh seo £40.

Mar phàirt den turas seo, bi agam ri fuireach ann an Caergybi eadar 00:00 agus 04:25 gus a’ chiad trèana den latha a ghlacadh.

A bheil nightlife math ann an Caergybi??

Airson barrachd fios mu thiocaidean SailRail gu Èirinn, faic the Man in Seat 61.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Eirinn, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to Am Broc ann am BÁC #gaidhlig

  1. Thuirt Gun urra:

    fáilte go hÉirinn a Alasdair. Téim anonn go hAlbain cúpla nó trí uair sa bhliain agus is mór an trua nach bhfuil ceangail traenach níos mó idir an bád ag cárn Rioghan agus Strón Ramhar(?) . Níl ciall ar bith leis an turas bus go hAyr ar bhealach ata cúmhang agus contúirteach. Is maith liom an t-alt.

    Liked by 1 duine

  2. Thuirt seamusmacseain:

    go raibh turas deas agat. Is breá liom na trachtaireachtaí ar na traenacha. Turas deas is ea é ó cairn Rioghán go Béal Feirste ach is míle trua é go gcaithfidh daoine an bus a tabhairt go hAyr ar bhóthar atá caol agus contúirteach agus stáisiún traenach Strón Ramhair(?) fá sheacht míle ón bhád. Níl aon chilall le sin imo thuairim.

    Sent from my iPad

    >

    Liked by 1 duine

  3. Pingback: Am Broc ann am BÁC | An Tuairisceoir

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s