Bho Thristan da Cunha do na h-Eileanan Tarsaing taobh drochaid Harry Potter #gàidhlig

Sgrìobh mi mun turas agam air loidhne na Gàidhealtachd an Iar bho chionn goirid. Bha mi a’ dèanamh air Sabhal Mòr Ostaig airson taisbeanadh le m’ obair agus chòrd e rium glan fhèin. Bha mi nam oileanach ann bho chionn fichead bliadhna (1995-1996) agus tha an t-Eilean Sgitheanach air aon de na h-àiteachan as fheàrr leam air an t-saoghal cho math ri Glaschu is Dùn Èideann.

25653968426_eefb2e0df5

A’ Chrìon-Làraich (CNR)

Bha an turas agam gu tuath cho math is gun do sgrìobh mi bloga mu dheidhinn ach bha an turas agam gu deas eadar Malaig is Glaschu a cheart cho math.

Air a’ bhàta eadar Armadal is Malaig, bha deagh shealladh agam de dh’ Eilean Eige. Cha robh mi riamh anns na h-Eileanan Targsaing (na h-Eileanan Beaga) agus bha mi riamh airson a dhol ann.

25049621344_87dcd75d6b

Is toil leam a bhith a’ leughadh leabhraichean siubhail agus aig an àm seo, tha mi a’ leughadh Rough Guide do na h-Eileanan Falclanach is Seòrsia a Deas. Dìreach roimhe sin, leigh mi Lonely Planet airson Paileastain is Iosrael agus leabhar siubhal mu bhith a’ dol gu St Helena, Ascenscion agus Tristan da Cumhna. Ach ged a chòrdadh turas fada air falbh rium, chosgadh e na miltean mòra de notaichean agus air làithean mar seo, tha mi a’ tuigsinn gu bheil tòrr mòr agam ri fhaicinn ann an Alba fhèin – a’ tòiseachadh le Eige!

Mar ‘completist’ dh’ fheumainn a dhol gu gach eilean – Rùm, Eilean nam Muc, Eilean Cholla agus Eilean Eige. Leugh mi mu dheidhinn còmhlan meatailt ann an Eige air a bheil Slaughter Cave. Feumaidh gu bheil iad math le ainm mar sin!

Às dèidh stèiseann Ghleann Fhionainn, thug mi an camara a-mach gus dealbh a thogail den drochaid. Bha mi an dùil droch dhealbh a thogail tro uinneag car salach. Ach chunnaic stiùiriche na trèana mi agus dh’fhosgail e an dòras airson cab cùl na trèana agus fhuair mi cothrom dealbh a thogail a-mach à uinneag an dràibheir. Abair sealladh is abair dealbh a fhuair mi!

 

Aig Drochaid an Aonachain, bha mi a’ smaoineachadh air na soidhichean a bhiodh ann uair – “change here for trains to Invergarry and Fort Augustus” gus an do sguir seirbheisean do luchd-siubhail anns na 30an. Smaoinich mi cuideachd air mar a thathar ag ath-bheothachadh pàirt den loidhne ann an Inbhir Gàradh do luchd-turais. Tha mi an dùil tadhail air stèisean Inbhir Gàradh anns an Lùnastal. 

Bha an aimisir blàth is grianach fad na slighe dhachaigh is fhuair mi tòrr dhealbhan. ‘S e an rud as fheàrr mun loidhne gu bheil a choltas ag atharachadh a rèir raithe.

Aig àm na Càisge, chithear tòrr mòr luchd-coiseachd air slighe na Gàidhealtachd an iar. Bha sneachd air na beanntan fhathast ach bha latha cho grianach ann sa chunnaic mi riamh.

Mur a robh thu riamh air loidhne na Gàidhealtachd an iar, dèan e – an loidhne air fad gu Malaig agus dhan Òban. Mur a h-eil thu air a dhèanamh anns gach ràithe, dèan e a-nis. Agus ma bhios tu a’ dol air gu tric, cuir sìos do leabhar na d’ fhòn làimh is coimhead a-mach air an uinneig.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Ath-fhosglaidhean, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Bho Thristan da Cunha do na h-Eileanan Tarsaing taobh drochaid Harry Potter #gàidhlig

  1. Gu math innteanach! Dealbhan sgoinneil cuideachd!

    'S toil

  2. Pingback: Bho Thristan da Cunha do na h-Eileanan Tarsaing taobh drochaid Harry Potter  | An Tuairisceoir

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s