Nuair a tha mi a’ dol air tursan gu rathaidean-iarainn glèidhte, bidh mi daonnan a’ dol ann air còmhdhal phoblach. Tha mi ag iarraidh a bhith uaine agus is fhèarr leam cothrom a bhith agam leughadh fhad’s a tha mi a’ siubhal ann, gu h-àraid nuair a tha an t-slige fada.
A bharrachd air seo, Tha mi a’ fàs aosda (tha m 42 a-nis) agus ma shuidheas mi sìos ann an àite blàth airson barrachd is leth-uair a thìde, tha a h-uile teansa ann gun tuit mi nam chadal, rud nach eil cho math mas e is gu bheil thu a’ dràibheadh!
Chan eil e daonnan furasta a dhol gu rathaidean-iarainn prìobhaideach air còmhdhail phoblach, ge-tà. Gu tric, tha na h-àiteachan doirbh a ruighinn gun chàr. Gu tric, cuideachd, chan eil na rathaidean-iarainn glèidhte fosgailte ach air an Dòmhnaich – an latha as miosa den t-seachdain airson còmhdhail phoblach no airson càr fhaiginn air mhall.
Airson a dhol gu Inbhir Garadh airson latha-fosgailte aig rathad-iarainn Inbhir Garadh is Cille Chuimein air 7 Lùnastal 2016, bha agam ri tòrr mòr planadh is rannsachadh is smaoineachadh a dhèanamh.
Aig a’ cheann thall, cho-dhùinn mi gum bu chòir dhomh am bus fhaighinn gu Inbhir Garadh. Tha bus ann eadar Glaschu is Inbhir Gàradh (bus an Eilean Sgitheanaich) a tha a’ fàgail Glaschu aig 06:50 agus a’ ruighinn Inbhir Gàradh aig 10:54.
Tha mi gu math eòlach air an rathad is am bus seo oir chleachd mi gu tric e nuair a bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig bho chionn 20 bliadhna.
Airson a dhol dhachaidh, cho-dhuin mi gun robh mi a’ dol a choiseachd gu Drochaid an Aonchain taobh Slighe a’ Ghlinne Mhòir gus an trèana a ghlacadh air ais a Ghlaschu.
San dòigh seo, chì mi na seallaidhean sgoinneil an dà chuid bhon rathad-iarainn agus bhon A82 agus bidh cuairt 13 mìle agam air chois cuideachd.
Tha eachdraidh uamhasach inntinneach aig Rathad-Iarainn Inbhir Garadh is Cille Chuimein, loidhne a dh’ fhàg loidhne na Gàidhealtachd an Iar aig Drochaid an Aonachain agus a chaidh gu tuath tron Ghleann Mhòr gu Inbhir Garadh is Cille Chuimein.
Tha mi air pìos a sgrìobhadh mu dheidhinn san Albannach.
Cha do mhair seirbheisean rèile ro fhada – dìreach bho 1903 gu 1933 airson luchd-siubhail, agus dhùin an loidhne uile gu lèir ann an 1947 – bliadhnaichean mus robh sgeul air Beeching (Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a Bheul). Tha tòrr de làrach na loidhne fhathast ann agus tha tòrr ri fhaicinn dhìth bhon A82.
Tha aisiridh na loidhne a-nis air tòiseachadh agus buidheann a-nis ag ath-thogail pàirt den loidhne ann an Stèisean Inbhir Garadh. Gur math a thèid leotha!
Alasdair