Tha mi a’ gabhail pàirt ann am farpais an-dràsta gus ‘bucket-list adventure’ a bhuannachadh. Seo co-fharpais aig an deoch CapriSun anns am buannaich cuideigin fortanach £2000 gus rudeigin air air an liosta-bhucaid aca a dhèanamh.
Bidh thu a’ cur a-steach an rud air an liosta-bhucaid agad agus bi daoine a’ bhòtadh air na molaidhean tro na meadhanan sòisealta. Thèid na molaidhean a gheibh an àireamh bhòtaichean as motha air adhart dhan ath ìre agus bhòtaidh pannal air a’ bhucket-list adventure as fheàrr.
Dè tha mise a’ cur air adhart? Turas gu Eilean na Deasgabhalach (Ascension Island) agus na h-Eileanan Fàclannach (Falkland Islands)! Carson? Uill, is toil leam eileanan beaga iomallach is dùthchannan beaga. Bu toil leam a dhol gu Seòrsia a Deas, St Helena, Tristan Da Cunha is Pitcairn cuideachd – ach bhiodh fada a bharrachd air £2000 nòt a dhìth orm gus sin a dhèanamh!
Co-dhiù, ma gheibh mi cothrom a dhol gu na h-Eileanan Fàclannach – no Eileanan nan Caorach mar a th’ orra sa Ghàidhlig cuideachd uaireigiin, mus dèan mi dad eile, tha mi a’ dol a dh’fhaicinn na tha air fhàgail den rathad-iarainn. Seadh, bha rathad-iarainn anns na h-Eileanan Fàclannach uair.

The Falkland Islands Express, Stanley
B’e seo an Camber Light Railway (1915-192?). Chaidh an rathad-iarainn seo, a bha mu 3.5 mìle a dh’fhaide le gèidse de 2′ – a thogail gus ionad-rèidio a thogail faisg air Stanley agus gus connadh a chumail ris.
Ged nach do mhair an rathad-iarainn ro fhada, tha làrach na loidhne fhathast ann agus tha na h-einnseanan fhathast a’ mairsinn. Tha na h-einnseanan ann an droch staid ach tha dòchas ann gun tèid an sgeadachadh latha dè na làithean.
Nach biodh e math nan rachadh beagan den t-seann loidhne ath-thogail airson luchd-turais.
Ma tha thu airson mo cuideachadh airson a dhol gus na tha air fhàgail den rathad-iarainn seo fhaicinn, bhiodh e sgoinneil nam b’ urrainn dhut bhòtadh air mo shon (saor is an-asgaidh) air làrach-lìn CapriSun.
Alasdair
An dòchas gum faigh thu a dhèanamh agus gum bi blog agad air!
'S toil'S toil
Taing mhòr! Nì mi blog gun teagamh ma thèid leum!
'S toil'S toil
Pingback: Turas gu Eilean nan Caorach? | An Tuairisceoir
Pingback: Turas gu Eileanan nan Caorach is Eilean na Deasgabhalach a’ dol air adhart?? #Gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Pingback: Alba gu Ascension? #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean