The South Lanarkshire Chainsaw Massacre – Rathad-iarainn Leadhills is Wanlockhead #gàidhlig

Nan robh am film the Texas Chainsaw Massacre suidhichte ann an Alba seach anns na Stàitean Aonaichte, tha fhios agam far am biodh e stèidhichte.

3016628-poster-p-1-leatherface-speaks-chainsaw-massacre-star-revisits-sweltering-house-of-horror_0

Leadhills agus/no Wanlockhead.

Dà bhaile bheag iomallach air a’ chrìch eadar Siorrachd Lannraig is Siorrachd Dhùn Phris aig ceann rathad gu math cugallach – far nach eil poileas ann agus far nach cluinn duine sam bith na sgreuchan agad!

Chan eil e gu diofar nuair a bha mi ann – chan fhaca mi duine sam bith air an t-sràid riamh. Agus tha adhbhar ann air sin – chanainn gu bheil iad uile a’ feitheimh air cùl nan cùirtearan aca is iad a’ feitheimh ris an àm cheart airson tighinn a-mach gus do mharbhadh le sàbh-sèine!.

Carson a bhios mi a’ dol ann, ma tha?

Mar thoradh air Rathad-iarann Leadhills is Wanlockhead – an rathad-iarainn as àirde ann an Alba!

28369858735_83328283ed

Chaidh an rathad-iarainn seo eadar Elvanfoot (air prìomh loidhne a’ chosta an iar) agus Leadhills is Wanlockhead fhosgladh ann an 1901 agus dhùin e ann an 1938.  ‘S e rathad-iarainn gèidse choitchinn a bha seo ach chaidh pàirt dheth eadar Leadhills agus Glengonnar ath-fhosgladh mar rathad-iarainn caol-ghèidse do luchd-turais ann an 1987.

Ged a tha Wanlockhead anns an ainm, cha d’ràinig an rathad-iarainn am baile fhathast. Bha làrach na seann loidhne eadar Glengonnar agus Wanlockhead air an talamh a aig tuathanach a bha fada an aghaidh an rathaid-iarainn agus chuir e bacadh air a’ ghnothach fad cha mhòr 30 bliadhna.

27754205693_78710dfb29

Gu fortanach, tha an tuathanach a-nis air an teanantachd  aige a leigeil seachad agus tha aonta ann a-nis eadar an t-uachdaran agus an rathad-iarainn gun tèid an loidhne a leudachadh gu Wanlockhead – mu dheireadh thall – cho fad’s nach tèid luchd-obrach na loidhne a mharbhadh le daoine chraicte le sàbhan-sèine!

28125302470_1cb054073f

Ciorstaidh is Eubha agam aig Glengonnar – nas craicte is na cunnartaiche na rud sam bith san Texas Chainsaw Massacre!

Alasdair

p.s – gabh mo leisgeul ma tha thu à Leadhills no Wanlockhead – tha mi cinnteach nach eil na bailtean cho dona sin. Cuimhnich – tha mise a Stepps ann an Siorrachd Lannraig a Tuath agus tha fios gu bheil sin tòrr nas miosa!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Ath-fhosglaidhean, caol-ghèidse, rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 freagairtean ri The South Lanarkshire Chainsaw Massacre – Rathad-iarainn Leadhills is Wanlockhead #gàidhlig

  1. Pingback: The South Lanarkshire Chainsaw Massacre – Rathad-iarainn Leadhills is Wanlockhead | An Tuairisceoir

  2. Thuirt Gun urra:

    Wanlockhead in Gàidhlig is Cuingealach (“narrow pass”)

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s