Dòchas an aineolais (1) – turas gu Stèisean Inbhir Gàradh #gàidhlig @IFARlyMuseum

Chan àbhaist dhomh a bhith ann an Stèisean Busaichean Bhochanan aig 6m ach sin far an robh mi Didòmhnaich sa chaidh.

Agus abair gur e turas inntinneach a bh’ ann!

steisean nam bus

Stèisean nam Busaichean, 06:30

Mhothaich mi an tòiseach gun robh bus ann gu Tír Chonaill agus gun robh busaichean fiù’s ann dhan Phòlainn. Chan ann air dùthaich eile a bha mi ag amas idir an turas seo, ge-tà, ach air Gàidhealtachd na h-Alba.

Agus bha e na adhbhar toileachais mòr dhomh cuideachd faighinn a-mach gum bi an càfe ann an stèisean nam busaichean a’ fosgladh aig 6.30m fiù’s air an Dòmhnaich.

Mar sin, bha mi ag òl cofaidh agus a’ beachdachadh air turas bus gu Gàidhealtachd Dhùn na nGall nuair a nochd am bus agam – an 916 dhan Eilean Sgitheanach. Cha robh mi gu bhith a’ dol fad na slighe, ge-tà, ach dìreach gu Inbhir Gàradh gus rathad-iarainn ùr Inbhir Gàradh is Chille Chuimein fhaicinn.

Tir Chonaill 1

Bha am bus gu math làn agus chanainn gun robh a’ mhòr-chuid den luchd-siubhail à thall thairis le gu leòr Gearmailtich, Ameireaganaich, Spàinntich agus Duidsich air bòrd.

Bha mi a’ coimhead air adhart ris an turas seo oir cha robh mi air an A82 bho chionn fhada. Mar as trice, nuair a bhios mi a’ dol dhan Ghaidhealtachd an Iar – dhan Ghearastan no dhan Eilean Sgitheanach, bidh mi a’ dol ann air an trèana. Air a’ bhus tha thu a’ dol air slighe gu math eadar-dhealaichte agus a’ faicinn seallaidhean gu math diofraichte.

Dh’fhàg am bus aig 6.50 agus às dèidh stad airson 10 mionaidean ann an Taigh an Droma agus airson 15 mionaidean sa Ghearastan (cha mhòr nach do chaill sinn thriùir Spàinnteach ann a bha rud beag slaodach a’ tilleadh….), ràinig sinn Inbhir Gàradh aig mu 11m.

Cha robh mi a’ dol gu baile Inbhir Gàradh fhèin, ge-tà, ach gu drochaid-thionndain  (swing bridge) Lagain beagan a deas air.

Carson?

Bha mi a’ dèanamh air Stèisean Inbhir Gàradh. Tha an stèisean seo dìreach air cùlaibh Pàirce Uisge a’ Ghlinne Mhòir .

Bha an stèisean seo air Rathad-iarainn Inbhir Gàradh is Chille Chuimein, loidhne eadar Loidhne na Gàidhealtachd an Iar aig Drochaid an Aonachain agus Cille Chuimein.

Rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimein

Cha robh an loidhne seo idir soirbheachail. Dh’fhosgail i mar a’ chiad ceum ann an iomairt gus rathad-iarainn  a thogail gu Inbhir Nis taobh a’ Ghlinne Mhòir ach cha deach an loidhne riamh a tuath air Cille Chuimein agus cha robh trafaig gu leòr ann air a shon .

Cha do mhair seirbheisean rèile ro fhada – dìreach bho 1903 gu 1933 airson luchd-siubhail, agus dhùin an loidhne uile gu lèir ann an 1947 – bliadhnaichean mus robh sgeul air Beeching (Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a Bheul).

Ma thèid thu ann air a’ bhus, chì thu tòrr de làrach na loidhne bhon A82 eadar Inbhir Ghlaoidh agus Inbhir Gàradh. Tha an t-seann loidhne os cionn an rathaid agus chìthear tòrr drochaidean.

Bha Rathad-iarainn Inbhir Gàradh is Chille Chuimein cho mi-shoirbheachail is gun robh am far-ainm air ‘An Rathad-iarainn nach bu chòir a bhith air a thogail’.

28769871611_bbfc817249_z

Ach tha buidheann a-nis den bheachd gum bu chòir cuid dheth a bhith air ath-thogail – Taigh-tasgaidh Stèisean Inbhir Gàradh.

Tha a’ bhuidheann air loidhne ghoirid a thogail aig Stèisean Inbhir Gàradh agus tha iad air loco beag a cheannach. Tha iad air an làrach air fad a chlìoraigeadh agus tha iad air trac a chur sìos. Bho chionn trì bliadhna, cha robh ann ach talamh fàs ach a-nis, tha coltas stèisean air an àite a-rithist. Tha an t-àite nas fhasa a lorg na bha e cuideachd oir tha slighe baidseagal nàiseanta ùr eadar Inbhir Nis agus an Gearastan a’ dol seachad air, agus a’ cleachdadh pàirt den làrach aig an rathad-iarainn.

Ri leantainn…

Alasdair

Air m’ipod: Duolinguo – Gaeilge agus Esperanto, an leabhar-claisneachd agam: Personal: Jack Reacher 19 – Lee Child.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Ath-fhosglaidhean, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Dòchas an aineolais (1) – turas gu Stèisean Inbhir Gàradh #gàidhlig @IFARlyMuseum

  1. Pingback: Dòchas an aineolais (1) – turas gu Stèisean Inbhir Gàradh  | An Tuairisceoir

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s