Turas gu Eileanan nan Caorach is Eilean na Deasgabhalach a’ dol air adhart?? #Gàidhlig

Dh’aithris mi an seo bho chionn goirid gun robh mi air m’ ainm a chur air adhart ann an co-fharpais gus turas ‘liosta-bucaid’ a bhuannachadh do dh’Eilean na Deasgabhalach (Ascension Island) is na h-Eileanan Fàclannach.

 

29077473612_3f9d163945_z

 

Taing mhòr mhòr dhan a h-uile duine a bhòt dhomh sa cho-fharpais. Fhuair mi 86 bhòt uile gu lèir agus bha mi sa phrìomh 10 is mar sin, tha mi gu bhith a’ dol air adhart don phannal breithneachaidh a nì an co-dhùnadh mu dheireadh.

 

Chuala mi bho chionn latha no dhà gu bheil mi gu bhith a’ faighinn duais. Chan eil fhios agam an e an duais mhòr a bhios ann no an duais ‘runner up’ – suas ri £100 a dh’ionnsaigh an adventure ‘liosta bucaid’ a thagh mi. Ma gheibh mi an duais ‘runner up’ chì mi an ceadaich iad mi a dhol gu Gibraltar no do na h-Eileanan Tarsaing (na h-Eileanan Beaga) ann an Alba.

Chì sinn dè thachras ach bu toil leam taing a thoirt dhan a h-uile duine a bhòt dhomh!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s