Dòchas an aineolais (2) – turas gu Stèisean Inbhir Gàradh #gàidhlig @IFARlyMuseum

Air 7 Lùnastal, chaidh mi gu Stèisean Inbhir Gàradh.  

Bho chionn trì no ceithir bliadhna, cha robh mòran ri fhaicinn aig seann stèisean Inbhir Gàradh idir. Dhùin an stèisean do luchd-siubhail air ais ann an 1933 agus cha deach a chleachdadh idir bho 1947 nuair a dhùin an rathad-iarainn. Bha craobhan agus preasan a’ fàs air feadh làrach na loidhne agus fiù ‘s air an àrd-ùrlar fhèin agus cha bhiodh fios aig duine gun robh stèisean rèile ann uair.

28846001695_9a4bd6e38b_z

An stèisean, an shunter agus an troilidh

 

Bho chionn goirid, ge-tà, chaidh an làrach a chlioraigeadh le Comann Taigh-tasgaidh Stèisean Inbhir Gàradh  agus chaidh trac a chur sìos ri taobh an àrd-ùrlair agus tha soidhne ùr ann. Tha shunter beag ann cuideachd a bhios a’ tarraing nan trèanaichean a dh’aithghearr. Tha coltas stèisein air an làraich a-rithist agus tha planaichean mòra aig a’ chomann gus togalach ùr a thogail agus gus an loidhne a leudachadh gu mu mhìle uile gu lèir.

Nuair a chaidh mi ann, rinn mi rud nach d’rinn duine sam bith bho 1933 – chaidh mi air trèana do luchd-siubhail! Air an latha fosgailte aca, bha seòrsa troilidh-rèile aig a’ chomann gus tursan trèana a thoirt do dhaoine.

Seo bhideo a thog mi den loidhne air fad – chan eil e ach goirid aig an àm seo ach tha i gu bhith a’ fàs!

 

Bha cothrom agam coinneachadh ri cuid de na buill de chomataidh comann an taigh-tasgaidh: Christopher Ellis, Mark Bowman agus Bill Hall agus bha iad uile cho laghach sa ghabhas agus bha deagh chomhradh againn mun rathad-iarainn agus mu cho doirbh sa bha e rathad-iarainn a thogail às ùr air a’ Ghàidhealtachd.

Às dèidh turais air an loidhne, dh’fhàs an aimisir gu math dona le gaoth àrd agus uisge agus cho-dhùin mi gun robh an t-àm ann falbh.

B’ e am plana agam coiseachd ri taobh a’ chanàil gu Drochaid an Aonachain gus an trèana a ghlacadh dhachaigh. Bha an t-sìde cho dona, gè-ta, is nach robh mi ag iarraidh cuairt 15 mìle a ghabhail san uisge is mar sin, dh’fheuch mi ris am bus fhaighinn.

Nuair a thàinig e, ge-tà, bha e làn agus cha b’ urrainn dhomh dhol air bòrd. Mar a bha e, ge-tà, bha piseach air tighinn air an t-sìde is mar sin, cho-dhùin mi gum biodh e a cheart cho math dhomh coiseachd.

28741033382_96afd66fec

Droch mhearachd! Bha deagh chuairt agam airson 5 no seachd mìle agus an uair sin, bha dìle bhàite ann agus dh’fhàs mi bog fliuch – cho fliuch ris a’ chù – ged a bha aodach uisge-dìonach orm.

Feumaidh mi a ràdh, ge-tà, gu bheil Slighe a’ Ghlinne Mhòr àlainn agus gu bheil tòrr de làrach na seann rathad-iarainn ri fhaicinn bhon t-Slighe.

Às dèidh beagan uairean a thìde, ràinig mi Geàrr Lochaidh agus bha mi mu mìle no dhà an iar air Commando Monument nuair a dh’fhàs e gu math follaiseach gun caillinn an trèana agam dhachaigh. Bha e às dèidh 5f agus bha an trèana agam gu bhith ann aig 5.37 no mar sin. B’ urrainn dhomh an cadailiche (an sleeper) fhaighinn gu Glaschu leis an tiocaid agam, ach bhiodh agam ri fuireach aig stèisean Drochaid an Aonachain is mi cho fliuch ris a’ chù fad 3 uairean a thìde no mar sin!

Bha mi a’ faireachdainn gu math fliuch, gu math gòrach is gu math duilich nuair a stad càr a bha a’ dol seachad orm. Bha an dràibhear, Ethel à Drochaid an Aonachain, a’ dràibheadh dhachaidh air an t-slighe dhan eaglais agus nuair a chunnaic i cho fliuch sa bha mi, thabhainn i lioft dhomh. Nach mi a bha taingeil!

Ràinig mi an stèisean goirid às dèidh sin ach bha mi ro anmoch – bha e coltach gun robh mi air an trèana a chall. Bha mi a’ leughadh a’ chlàr-ama agus a’ planadh dè dheidhinn an uair sin nuair a mhothaich mi gun robh daoine air an àrd-ùrlar airson trèanaichean gu deas. Choisich mi a-null agus dh’fhaighnich mi de bhoireannach snog cuine a bhiodh an ath thrèana gu deas ann.

“O” arsa ise “I saw you walking over here so slowly and I thought you knew something we didn’t – the train’s late and it should be here any minute. I thought you knew that there was a delay but you obviously walked over the footbridge so slowly because of the optimism of ignorance!”

Thuirt mise – “dòchas an aineolais agus casan goirt!”

Thàinig an trèana an uair sin agus bha mi air leth taingeil. Cheannaich mi cofaidh agus bha mi a’ dol a dhol dhan taigh-beag airson aodach tioram a chur orm gus am bithinn blàth air an t-slighe fhada dhachaigh. Bha mi cho sona ri bròg gus an do mhothaich mi gun robh mo bhaga – a bha supposed a bhith uisge-dìonach – cho fliuch agus a bha mi fhèin agus gun robh an t-aodach sa bhaga na bu mhìosa na an t-aodach a bh’ orm mar-thà!

Às dèidh beagan mhìonaidean bha mi air chrith leis an fhuachd agus a’ faireachdainn gu math gòrach gus an do chuimhnich mi gun robh space blanket sa bhaga. Dh’fhosgail mi e, chuir mi ummam e – bha coltas bratag psychadeligeach orm – agus bha mi a’ faireachdainn tòrr nas fhèarr is nas blàithe ged a bha mi a’ faireachdainn rud beag gòrach.

Cò a chì mi mar sin co-dhiù, dh’fhaighnich mi dhìom fhèin – agus an uair sin, thàinig co-obraiche agam bhon oifis air bòrd na trèana aig Raineach!

Bha fìor dheagh thuras agam dhachaigh. Mar as àbhaist, bha trèana loidhne na Gàidhealtachd an Iar mar phàrtaidh air cuibhlean. Bha i loma làn de dhaoine à diofar àiteachan – tòrr Ghearmailitis is Dùidis is Fraingis rin cluinntinn cho math ri Beurla à Alba, Sasainn is na Stàitean Aonaichte le tòrr dhaoine a’ tilleadh dhachaigh às dèidh dhaibh Slighe na Gàidhealtachd an Iar a’ dhèanamh. Bha deoch is gaireachdainn is sgeulachdan gu leòr ann.

Mo chomhairle dhuibh – rach gu Stèisean Inbhir Gàradh – ach thoir sùil air aithris na sìde mus fàg thu an taigh!

Alasdair

staran@tesco.net

28770023151_be09f22138

An fo-rathad a-steach gu Stèisean Inbhir Gàradh

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte, treanaichean, Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Dòchas an aineolais (2) – turas gu Stèisean Inbhir Gàradh #gàidhlig @IFARlyMuseum

  1. Pingback: Dòchas an aineolais (2) – turas gu Stèisean Inbhir Gàradh | An Tuairisceoir

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s